13
A’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba

A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Embed Size (px)

Citation preview

Page 1: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

A’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba

Page 2: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Clàr-innse

A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7

Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11

Goireasan duilleagan 12 gu 18

A’ fàgail Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 18 agus 19

Uairean fosglaidh duilleagan 20 agus 21

Barrachd fiosrachaidh duilleagan 22 agus 23

Cuidichidh a’ bhileag seo thu le turas gu Pàrlamaid na h-Alba a chur air dòigh.

Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn rud sam bith an seo, cuiridh tu post-dealain gu [email protected] no fòn gu Seirbheisean Luchd-tadhail air 0131 348 5200 no 0800 092 7600.

(Gheibhear am fiosrachadh seo air fad air duilleagan 22 agus 23.)

2 3

BPA san t-Seòmar

Page 3: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba

Tha Pàrlamaid na h-Alba aig ceann na Mìle Rìoghail a’ tighinn bho Chaisteal Dhùn Èideann.

Tha i air taobh thall an rathaid bho Lùchairt Taigh an Ròid agus faisg air Our Dynamic Earth.

Tha i furasta ri ruigsinn air còmhdhail phoblach.

An t-slighe a-steach do thogalach Pàrlamaid na

h-Alba.

Stèisean Waverley Dhùn Èideann

Rèile Pàirc Chàraichean

Stòras bhaidhsagalan Busaichean

Rathad an Leas-rìgh (R

egent)

Rathad Calltainn

Rathad an Ròid (Holyrood)

Canongate

Cnoc

na

h-Ab

aide

Srài

d Lì

te

Plàs Bhatairliù

Stàid Jeffrey

Sràid Naomh M

uire

(St Mary's)

Drochaid a Deas

35

6 35

6Pàrlamaidna h-AlbaP P

P

P

P

P

P

P

OurDynamic

Earth

4 5

Page 4: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

6 7

Air an trèanTha Pàrlamaid na h-Alba air astar 1 mhìle bho Waverley, prìomh stèisean-rèile Dhùn Èideann. Tha tagsaidhean gu leòr aig an stèisean an-còmhnaidh.

Air a’ bhusBidh Lothian Buses 6 agus 35 a’ dol gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha ùrlaran ìosal aig an dà bhus seo gus a bheil e nas fhasa faighinn air agus dheth.

Ann an tagsaidhTha rang nan tagsaidhean air taobh a-muigh togalach Pàrlamaid na h-Alba. Is urrainn do luchd-obrach aig Deasg Luchd-tadhail tagsaidh a chur air dòigh dhut.

Anns a’ chàrTha grunn àitean pàircidh ann do dhaoine aig a bheil bràiste ghorm faisg air Pàrlamaid na h-Alba. Tha iad seo ri taobh Gailearaidh na Banrigh agus gabhaidh an cleachdadh gus luchd-tadhail don Phàrlamaid a leagail ’s a thogail. Tha pàirc chàraichean St John’s Hill air astar mu leth-mhìle bhon Phàrlamaid, far Rathad an Ròid.

Fiosrachadh SiubhailGheibhear barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ cleachdadh còmhdhail phoblach an Alba bho Traveline Scotland air www.travelinescotland.com no le bhith a’ fònadh gu 0871 200 22 33.

Rang nan tagsaidhean taobh a-muigh na Pàrlamaid

Àitean pàircidh do luchd-gleidhidh na bràiste gorma

Page 5: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Tha an t-slighe a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air Horse Wynd. An sin tha soidhnichean le saigheadan ga comharrachadh agus is àbhaist do dh’oifigear-poileis a bhith na sheasamh faisg oirre cuideachd. Aig beul an togalaich, is àbhaist an doras-spèilidh fiodha a bhith fosgailte. Nuair a thèid thu a-steach, feumaidh tu a dhol tro dhoras eile. Tionndaidhidh an cuairt-dhoras air an làimh chlì leis fhèin nuair a choisicheas tu a-steach don roinn fhalamh dheth. Fosglaidh luchd-tèarainteachd an doras air an làimh dheis mura h-urrainn dhut an cuairt-dhoras a chleachdadh, mar eisimpleir, ma tha cathair-chuibhle, carbad-leanaibh no baga mòr nad chois. Tha an doras seo a’ fosgladh gad ionnsaigh.

Sgrùdadh tèarainteachdNuair a thèid thu a-steach don togalach, feumaidh tu a dhol tro sgrùdadh tèarainteachd. Is dòcha gum bi agad ri ciuthadh airson seo. Feumaidh tu do chuid phòcaidean fhalmhachadh don treidhe agus an crios ’s do sheacaid a chur dhìot. Seallaidh an luchd-tèarainteachd dhut càit an cuir thu do chuid trealaich. Thèid iad seo tro inneal x-ghath agus togaidh tu iad aig an taobh eile. Chan fhaod thu nithean leithid sgeinean no siosaran a thoirt a-steach don togalach. Coisichidh tu tro inneal a dh’fhaodadh srannail a dhèanamh ma tha rud meatailte sam bith ort. Ma

Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba

Tha luchd-obrach toilichte do chuideachadh tro na sgrùdaidhean tèarainteachd.

Sgrùdaidhean tèarainteachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

Neach-tadhail a’ dol a-steach do Phàrlamaid na h-Alba.

8 9

Page 6: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

doras don trannsa a’ fosgladh gad ionnsaigh nuair a thig thu faisg air.

Aig ceann na trannsa tha deasg far an urrainn dhut am baga agad fhàgail fhad ’s a tha thu a’ tadhal. Is àbhaist do neach-obrach a bhith aig an deasg seo nuair a bhios an togalach air fhosgladh don phoball.

Tha na dorsan do Thalla a’ Phobaill air an làimh chlì agus tha iad a’ fosgladh gad ionnsaigh nuair a thig thu faisg orra. Bho Thalla a’ Phobaill, is urrainn dhut tadhal air an taisbeanadh, a’ chafaidh ’s a’ bhùth. Is urrainn do luchd-obrach aig Deasg Luchd-tadhail do chuideachadh ma bhios tu airson coinneamh na Pàrlamaid a fhrithealadh no a dhol air turas treòraichte. Cuideachd, is urrainn dhaibh do chuideachadh ma bhios ceist agad mu dheidhinn na Pàrlamaid no ma bhios feum agad air rud sam bith fhad ’s a tha thu a’ tadhal ann.

nì e srannail, dh’fhaodadh oifigear tèarainteachd do bhodhaig a làimhseachadh tron aodach agad no lorgaire-làimhe a chrathadh thar do bhodhaig feuch dè chuir an t-inneal-rabhaidh gu dol. Is e neach ded ghnè fhèin a bhios a’ dèanamh seo daonnan, agus is urrainn dhut rannsachadh prìobhaideach iarraidh.

Is urrainn dhut an treidhe agad a chur air an sgeilp fiodha ri taobh a’ bhalla fhad ’s a thu a’ sgioblachadh do chuid trealaich. Togaidh an luchd-tèarainteachd an treidhe agad.

Tha taigh-beag ruigsinneach anns an trannsa aig beul an togalaich. Stiùirichidh an luchd-obrach thuige thu ma bhios tu airson a chleachdadh.

Nuair a bhios tu deiseil, theirig tron doras fiodha air an làimh dheis agus a-null an trannsa. Tha an

10 11

Sgrùdadh tèarainteachd, trannsa do Thalla a’ Phobaill agus deasg fàgail nam bagaichean.

Page 7: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Leanabh sa chrèche

An cafaidh

GoireasanStòr nam bagaicheanIs urrainn dhut am baga agad fhàgail aig an deasg faisg air na dorsan do Thalla a’ Phobaill fhad ’s a tha thu a’ tadhal ann. Ma dh’fhàgas tu baga, bheir neach-obrach tiogaid dhut. Feumaidh tu seo a thoirt seachad aig an deasg gus am baga agad fhaighinn air ais. Is ann an-asgaidh a tha an t-seirbheis seo.

CafaidhTha an cafaidh air an làr ìosal, ri taobh Talla a’ Phobaill. Is urrainn don luchd-obrach an seo do chuideachadh gus an clàr-bìdh a leughadh.

CathraicheanIs àbhaist suidheachain a bhith ann an Talla a’ Phobaill. Tha cathraichean pasgach ann cuideachd as urrainn dhut chleachdadh air na tursan treòraichte. Cuir fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail ma bhios tu airson dèanamh cinnteach gum bi suidheachan ri fhaotainn air an turas agad.

CrècheTha crèche an-asgaidh ann far an urrainn dhut clann fo aois 6 bliadhna fhàgail fhad ’s a tha thu a’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba. Tha an crèche dùinte aig an deireadh-seachdain agus rè làithean-saora poblach. Bhiodh e glic àite a ghleidheadh anns a’ chrèche mus tig thu don Phàrlamaid le post-dealain a chur gu [email protected] no fònadh gu 0131 348 6192.

ÈiginnMa bhios cùis-èiginn ann ’s gun tig ort an togalach fhàgail, innsidh luchd-obrach dhut dè nì thu agus càit an tèid thu.

TaisbeanadhTha taisbeanadh ann mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba agus a h-eachdraidh làimh ri Talla a’ Phobaill.

12 13

Page 8: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Luchd-tadhail air turas treòraichte.

An lioft airson gailearaidh poblach an t-Seòmair

Dheasbaid

Cobhair Ciad-fhuasgladhMa dh’fheumas tu cobhair ciad-fhuasgladh, faighnich de neach-obrach.

Tursan treòraichteIs àbhaist tursan treòraichte timcheall togalach Pàrlamaid na h-Alba a bhith ann Diluain, Dihaoine agus Disathairne. Tha tursan ann Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin cuideachd, mura bheil coinneamhan na Pàrlamaid gan cumail aig an àm sin.

Tha na tursan an-asgaidh ach feumaidh tu fios a chur gu Seirbheisean Luchd-tadhail gus àite a ghleidheadh.

Is urrainn dhut inneal-làimhe iarraidh gus èisteachd ri turas ann an cànain eadar-dhealaichte. Gheibhear inneal-làimhe aig a bheil an turas ann an Cànan nam Bodhar cuideachd.

Lùb èisteachdTha lùban èisteachd ann an iomadach àite ann an togalach na Pàrlamaid. Is urrainn dhut fònaichean-cluaise a ghabhail air iasad gus èisteachd ri coinneamhan anns an t-Seòmar Deasbaid no ann an seòmar comataidh.

LioftaicheanTha lioftaichean a’ dol gus gach pàirt den togalach.

Preasaichean glaisteIs urrainn dhut am baga no an t-seacaid agad fhàgail ann am preas glaiste ann an Talla a’ Phobaill. Feumaidh tu bonn nota gus an doras a ghlasadh, ach gheibh thu seo air ais nuair a dh’fhosglas tu e. (Is urrainn dhut bagaichean fhàgail ann an stòr nam bagaichean cuideachd. Is ann an-asgaidh a tha an t-seirbheis seo.)

14 15

Page 9: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Gailearaidh PoblachIs urrainn dhut coimhead air Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) anns an t-Seòmar Deasbaid às a’ ghailearaidh phoblach. Feumaidh tu tiogaid a chlàradh bho Sheirbheisean Luchd-tadhail gus seo a dhèanamh. Tha àitean airson chathraichean-cuibhle anns a’ ghailearaidh phoblach.

Àite sàmhachTha seòmar-feitheimh (TG.25) ann mar àite sàmhach. Ma tha thu ag iarraidh àite sàmhach, bruidhinn ris an luchd-obrach.

BùthTha bùth ann faisg air an t-slighe a-mach às an togalach. Cuidichidh luchd-obrach a’ bhùth thu le rud sam bith a tha thu ag iarraidh.

StaidhreTha rèile-làimhe aig gach taobh de na staidhrichean san togalach, ach chan eil aig cuid de na bacan-staidhre.

Taighean-beagaTha na taighean-beaga air an làimh chlì nuair a bhios tu a’ fàgail Talla a’ Phobaill, faisg air an t-slighe a-mach.

Tha taighean-beaga ruigsinneach ann an grunn phàirtean den togalach, nam measg sin, beul an togalaich, faisg air an t-slighe a-mach agus faisg air an staidhre don t-Seòmar Deasbaid. Tha taigh-beag làn-ruigsinneach ann cuideachd anns a bheil inneal-togail agus being atharrachadh èididh.

Luchd-tadhail ann an gailearaidh poblach an t-Seòmair Dheasbaid

Bùth Pàrlamaid na h-Alba

16 17

Page 10: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Fiosrachadh Luchd-tadhailTha Deasg Luchd-tadhail ann an Talla a’ Phobaill. Cuidichidh an luchd-obrach an seo thu le rud sam bith a tha thu ag iarraidh air do thuras anns a’ Phàrlamaid. Cathraichean-cuibhleTha an togalach gu lèir ruigsinneach do dhaoine ann an cathraichean-cuibhle, agus tha taigh-beag làn-ruigsinneach ann air an làr ìosal. Is urrainn dhut cathair-chuibhle a ghabhail air iasad bho Dheasg Luchd-tadhail gus a cleachdadh fhad ’s a tha thu aig Pàrlamaid na h-Alba.

A’ fàgail Pàrlamaid na h-AlbaTha an t-slighe a-mach às a’ Phàrlamaid suidhichte beagan seachad air Deasg Luchd-tadhail, aig ceann thall Talla a’ Phobaill bhon trannsa don tàinig thu a-steach.

Nuair a bhios tu a’ fàgail Talla a’ Phobaill, feumaidh tu a dhol tro na dorsan fiodha air an làimh dheis. Fosglaidh iad seo air falbh bhuat nuair a thig thu faisg orra.

Feumaidh tu an uair sin a dhol tro dhoras eile. Tionndaidhidh an cuairt-dhoras air an làimh dheis leis fhèin nuair a choisicheas tu a-steach do roinn fhalamh dheth. Fosglaidh an doras air an làimh chlì air falbh bhuat ma phutas tu am putan air a bheil dealbh de chathair-chuibhle. Chan fhosgail an doras-aghaidh mun dùinear an doras air do chùlaibh, agus bheir seo mu 10 diogan a thìde.

18 19

Fiosrachadh Luchd-tadhail An t-slighe a-mach à Pàrlamaid na h-Alba

Page 11: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Diluain gu Disathairne10.00m gu 4.30f

Tha an togalach fosgailte nas fhaide air làithean far a bheil a’ Phàrlamaid a’ cruinneachadh (mar as trice Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin).

DidòmhnaichDùinte

Amannan tranga agus sàmhachTha an togalach gu tric glè thrang agus làn fhuaim, gu h-àraidh air làithean far a bheil a’ Phàrlamaid a’ cruinneachadh. Mar as trice, ’s e Diluain, Dihaoine agus Disathairne as sàmhaiche, ach bidh seo an crochadh ris na taisbeanaidhean no tachartasan a tha a’ dol. Is urrainn dhut faighneachd de Sheirbheisean Luchd-tadhail dè an t-àm as fheàrr dhut fhèin a bhith a’ tadhal ann.

Uairean fosglaidh

Tha Pàrlamaid na h-Alba dùinte rè àm na Nollaige ’s na Bliadhna Ùire agus is àbhaist dhi a bhith dùinte airson seachdain sa Ghearran.

Bhiodh e glic coimhead air an làrach-lìn no fònadh gu Seirbheisean Luchd-tadhail air 0131 348 5200 no 0800 092 7600 gus a bhith cinnteach às na h-uairean fosglaidh mus tig thu a’ tadhal oirnn.

Luchd-tadhail aig taisbeanadh ann an Talla a’ Phobaill

20 21

Page 12: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba, is urrainn dhut:

Fònadh gu 0131 348 5200 no gu 0800 092 7600 0131 348 5395 (Gàidhlig)

Is urrainn dhut an t-seirbheis Text Relay a chleachdadh cuideachd.

Teacsa 07786 209888

Post-dealain [email protected]

Coimhead air an làrach-lìn www.parlamaid-alba.org

Lean sinn aig@ParlAlba

/scottishparliament

/scottishparl

Sgrìobh gu Seirbheisean Luchd-tadhail Pàrlamaid na h-Alba Dùn Èideann EH99 1SP

Faodar sgrìobhadh thugainn sa Ghàidhlig

Barrachd fiosrachaidh

Tha bileagan fiosrachaidh ann an Talla a’ Phobaill. Nam bu toil leat fiosrachadh ann an cruth eile, leithid clò mòr no cruth claistinneach, faighnich aig Deasg Luchd-tadhail.

Bileagan fiosrachaidh ann an cruthan eile

Inneal-làimhe le turas ann am BSL

22 23

Page 13: A’ tadhal air - Home : Scottish r-innse A’ tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 4 gu 7 Nuair a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba duilleagan 8 gu 11 Goireasan duilleagan 12

Tha sinn an dòchas gum meal thu do thuras gu Pàrlamaid na h-Alba. Faighnich de neach-obrach ma tha thu ag iarraidh oirnn rud sam bith a dhèanadh an turas agad nas fhasa.

Cuir fios thugainn ma tha thu ag iarraidh an fhiosrachaidh sa bhileag seo ann an cruth no cànan eile.

Còir Phàrlamaideach. © Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2014.Treas deasachadh, Ògmhios 2014 LC

1715

4 - 0

7/14

Dealbhan air duilleagan 1-5, 8-17 agus 19-22 – Còir Phàrlamaideach. © Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2014. Dealbhan air duilleagan 1, 6, 18 agus 23 – Andrew Dickie © Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba Dealbh air duilleag 7 – Gareth Ireland © Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.