94
Alba Chruthachail Lèirmheas Bliadhnail 2014/15 air Coileanadh 1

 · Web viewChleachd còrr air leth-mhillean neach goireas Big Big Songbook a chaidh a thoirt gu buil mar phàirt den phròiseact. Chaidh luachadh air Prògram Cultarach Ghlaschu

Embed Size (px)

Citation preview

Alba ChruthachailLèirmheas Bliadhnail 2014/15 air Coileanadh

1

© Alba Chruthachail 2016

Chan fhaodar pàirt sam bith den fhoillseachadh seo a mhac-samhlachadh ann an cruth sam bith às aonais cead sgrìobhte ro-làimh Alba Chruthachail.

Co-ionannachd Chothroman

Tha Alba Chruthachail a’ cur poileasaidh co-ionannachd chothroman an gnìomh. Tha slighe inntrigidh ciorramachd aig na h-oifisean againn. Faodar foillseachaidhean sònraichte fhaotainn sa Ghàidhlig, Albais, clò mòr, Braille no cruth claistinn. Cuiribh fios gu Ceistean air 0845 603 6000.

Cuiribh 18001 ron àireamh fòn aig Typetalk.Do luchd-cleachdaidh BSL, cleachdaibh www.contactscotland-bsl.org

Tha am plana seo air a thoirt gu buil ann an cruth eileagtronaigeach le Alba Chruthachail – feuch gum beachdaich sibh air an àrainneachd agus na clò-bhuailibh e mura fheum sibh.

Tha ur beachdan air ais cudromach dhuinn. Leigibh fios thugainn air ur beachd mun fhoillseachadh seo air post-d gu [email protected]

Clàr-innse

2

Susbaint

Ro-ràdh bhon Chathraiche, Richard FindlayRo-ràdh bhon Àrd-Oifigear, Janet Archer

Tuigsinn ar Coileanaidh

Sgrùdadh ar coileanaidh Adhartas mu choinneamh phrìomhachasan 2014/15 Ar teachd-a-steach agus ar caiteachas

Coileanadh mu choinneamh ar n-Àrd-amasan:

1. Sàr-mhathas agus Deuchainneadh

Maoineachadh Cunbhalach agus Bliadhnail Maoineachadh Trasnaidh is Pròiseactan FosgailteMaoineachadh TargaidteToraidhean ar maoineachaidhPrògram Cultarach Geamannan a’ Cho-fhlaitheis Ghlaschu 2014 Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh

2. Ruigsinneachd agus Tlachd

Meudachadh air conaltradh cultarach Ionnsachadh cruthachailConaltradh didseatachTurasachdGàidhlig, Albais is Ealain Traidiseanta Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh

3. Àiteachan agus Càileachd Beatha

Pròifil maoineachaidh cruinn-eòlasach Com-pàirteachasan ÀiteBun-structar cultarachÀrainneachdMothalachd do chruthachalachd is sunnd ionadailGeàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh

4. Ceannardas agus Sgioba-obrach

Pròifil sgioba-obrachIomadachd teachd-a-steachGeàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh

5. Eadar-nàiseanta

3

Conaltradh eadar-nàiseanta Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh

Ar Seirbheis agus mar a tha Sinn a’ Liubhairt ar n-Obair

Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh

Ro-ràdh bho ar Cathraiche, Richard Findlay

Bha mi air leth toilichte Cathair Alba Chruthachail a ghabhail os làimh san Fhaoilleach 2015 agus bu mhath leam taing a thoirt dha Sir Sandy Crombie mar thoradh air a stiùbhardachd èifeachdach bho 2010.

4

Tha mi air a bhith glè mhothachail do bheòthalachd is dìcheall luchd-ealain is buidhnean cultarach na h-Alba, agus do na tha iad a’ cur ri ar co-chomann. Tha mi gu mòr den bheachd nach e nì ‘a bharrachd’ a th’ anns na h-ealain agus cruthachalachd san fharsaingeachd ach gu bheil iad bunaiteach. Is iadsan an glaodh a tha a’ cumail ar beatha coileanta, a tha do chuid againn a’ dèanamh ar beatha fulangach agus don mhòr-chuid againn a’ toirt feabhas air ar beatha.

Chan eil an t-slighe air a bhith an-còmhnaidh furasta on a thàinig Comhairle Ealain na h-Alba agus Sgrion Alba còmhla, ach chuir fastadh air Janet Archer mar Àrd-Oifigear ann an 2013 tùs air àm ùr anns an robh faireachdainn soilleir amasach agus sgioba a bha ath-eagraichte. Lean seo air adhart gu foillseachadh air a’ phlana deich bliadhna; Fuasgladh Comais, Gabhail ri Miann-adhartais ris a bheil mi a’ cur m’ uile thaic agus a’ coimhead air adhart ri fhaicinn ann an gnìomh.

Tha fios againn bho rannsachadh neo-eisimeileach gu bheil 89% againn a tha a’ fuireach ann an Alba a’ creidsinn gur e nàisean chruthachail a th’ annainn. Tha 67% ag ràdh gu bheil cruthachalachd na pàirt cudromach dem beatha agus tha uimhir ri 88% ag aontachadh gur e nì math a th’ ann am maoineachadh poblach do na h-ealain. Tha Bòrd-stiùiridh Alba Chruthachail air fàilte a chur air taic leantainneach Riaghaltas na h-Alba do luach cultair, sgriona agus na gnìomhachasan farsaing cruthachail. Tha gleidheadh air a’ bhuidseat chultarach ann an 2015/16 mar nì do bheil sinn taingeil; ach gun teagamh, leanaidh sinn air adhart a’ dèanamh cùis airson taic leantainneach do na roinnean poblach is prìobhaideach aig ìre ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta. Tha ar comas mar nàisean do-chreidsinneach.

Tha mi toilichte gun robh sinn comasach air figearan cudromach fhoillseachadh a tha a’ comharrachadh ar n-adhartais thar na bliadhna a dh’fhalbh. Ann an 2014/15 tharraing na buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail luchd-èisteachd de 5.7 millean. Gu h-iomlan, lìbhrig iad 95,000 tachartas poblach a’ gabhail a-steach coileanaidhean, taisbeanaidhean agus sgrionaidhean. Sholaraich buidhnean le maoineachadh cunbhalach is bliadhnail còrr air 10,000 cothrom cosnaidh co-ionann ri làn-ùine, agus tro an obair for-ruigheachd sholaraich iad 1.66 millean cothrom airson com-pàirteachadh ann am foghlam agus gnìomhachdan trèanaidh. Tha cruthachalachd cuideachd na pàirt deatamach de dh’eaconamaidh na h-Alba. Tha còrr air 71,000 neach ag obair ann an obraichean cruthachail, a’ cur ri faisg air 14,000 buidheann is gnothachas cruthachail. Tha na h-Ealain agus na gnìomhachasan Cruthachail le chèile a’ liubhairt uimhir ri £5.75bn de luach eaconamach gach bliadhna don dùthaich.

Tha 60% de ar maoineachadh a’ tighinn bhon Riaghaltas leis a’ chòrr sa mhòr-chuid bho Chrannchur Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn a’ gineadh luach a bharrachd tro obair com-pàirteachais làidir le mòran bhuidhnean eile san roinn phoblaich, Ùghdarrasan Ionadail, agus urrasan is stèidheachdan. Gu

5

h-iomlan, tha mòran ga choileanadh leis a’ bhuidseat sin do mhuinntir na h-Alba. Tha an luchd-obrach agus buill a’ Bhùird, mar luchd-gleidhidh an airgid phoblaich seo, a’ gabhail ri an dleastanasan fa leth le fìor chùram agus bu mhath leam taing a thoirt dhaibh uile airson an dìchill, an cuideachaidh agus dìreach an obair chruaidh thar na dusan mhìosan a chaidh seachad. Gu h-àraid Janet Archer, an t-Àrd-Oifigear againn, a tha air obair ionmholta a dhèanamh ag ath-chuimseachadh na buidhne agus ga dèanamh nas mothachail do fheumalachdan na coimhearsnachd a tha sinn uile a’ frithealadh.

Bu mhath leam taing a thoirt do Fiona Hyslop BPA, Rùnaire Caibineit airson Cultar, Roinn Eòrpa agus Cùisean air an Taobh A-Muigh, airson a taic, a lèirsinn agus a dèidhealachd. Is e nì a th’ ann air a bheilear a’ cur mòr-mheas air feadh na roinne. Chan eil teagamh sam bith agam nach urrainn dhuinn, leis na tàlantan mìorbhaileach a th’ againn air feadh Alba, leantainn air adhart a’ fuasgladh comais agus a’ ceadachadh do dhaoine gabhail gu dùrachdach ri an àrd-amasan.

Richard Findlay, Cathraiche

Ro-ràdh bhon Àrd-Oifigear, Janet Archer

Is e an aithisg seo a’ chiad Lèirmheas Bhliadhnail againn air Coileanadh a tha a’ togail air a’ bhliadhna ionmhasail 2014/15.

Tha an aithisg a’ dèanamh mìneachadh air ar n-obair leantainnich a thaobh leasachadh buidheannail gus ar taic do na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail a neartachadh, a’ taisbeanadh agus a’ gabhail cunntas air an raon

6

fharsaing de dh’obair a tha air a liubhairt le luchd-ealain, luchd-cleachdaidh is buidhnean cruthachail air feadh Alba le taic bhon mhaoineachadh againn.

Tha e a’ tarraing air dàta a tha ga sholarachadh leis na buidhnean agus na pròiseactan a tha sinn a’ maoineachadh agus a’ toirt seachad anailis air cinn-naidheachd a tha sinn an dòchas a bhios feumail do gach neach a tha ag obair ann an roinnean gnìomhachais cultarach is cruthachail.

Gu h-iomlan, tha e a’ tairgsinn sgeul àrd-dheimhinneach air euchdan na h-Alba agus a’ dearbhadh cho cudromach ’s a tha na h-ealain, sgrion agus na gnìomhachasan cruthachail do shoirbheachadh na h-Alba gu h-iomlan mar nàisean. Tha seo a’ fàs nas soilleire buileach nuair a chuirear e ri obair a tha air a coileanadh le Ùghdarrasan Ionadail, na Companaidhean is Cruinneachaidhean Nàiseanta, buidhnean poblach eile agus na roinnean prìobhaideach is saor-thoileach.

Is e seo a’ chiad turas a tha Alba Chruthachail air Lèirmheas Bhliadhnail den t-seòrsa seo a thoirt gu buil. Bidh sinn a’ buileachadh aithisg gach bliadhna o seo a-mach, agus a’ tarraing air na leasanan a tha sinn air ionnsachadh gus ar dleastanas mar bhuidheann phoblach chunntachail a neartachadh.

Sa Ghiblean 2014, dh’fhoillsich sinn ar plana 10-bliadhna, Fuasgladh Comais, Gabhail ri Miann-adhartais . Lean foillseachadh a’ phlana air àm farsaing soirbheachail de cho-chomhairleachadh, de chonaltradh agus de chòmhradh. Chuir còrr air 1000 neach ris a’ phlana dheireannach cho-roinnte sin tro sheiseanan fosgailte, co-chomhairleachadh air-loidhne agus buidheann fiosrachaidh air an taobh a-muigh. Tha mi air leth taingeil airson na h-ùine agus an smaoineachaidh a chuir gach neach ris an obair seo agus an dealas leantainneach a thaobh còmhradh dà-shligheach fhad ’s a tha sinn a’ cumail air adhart a’ cumadh na buidhne agus a h-obair.

B’ e aon bhuil den chòmhradh seo gun tugadh gu bith modh ùr sìmplidh airson maoineachadh le trì slighean – cunbhalach, fosgailte agus targaidte – gach aon le taic bho phròiseasan nas soilleire do thagraichean, agus dealas leantainneach a thaobh cànan sìmplidh, stiùireadh soilleir agus ais-fhiosrachaidh nas fheàrr.

Tha sinn cuideachd a’ toradh Plana Bliadhnail gach bliadhna, a tha ri fhaotainn airson a leughadh air an làraich-lìn againn. Tha seo a’ mìneachadh nam buidseatan againn agus ar raointean obrach prìomhachais airson na bliadhna agus mar a bhios sinn a’ tomhas liubhairt soirbheachail air an obair seo. Tha againn ri seo a dhèanamh mar phàirt den Aonta Frèam-obrach againn le Riaghaltas na h-Alba. Anns a’ Phlana Bhliadhnail againn, tha sinn a’ nochdadh dealas do bhith ag aithris mu choinneamh ar coileanaidh gach bliadhna.

Ann an 2014/15 dh’fhastaidh sinn Natalie Usher, a’ chiad Stiùiriche Sgriona, agus dh’fhoillsich sinn Ro-innleachd Film Air Sgrion , a’ mìneachadh ar n-amais a thaobh nan suidheachaidhean riatanach a ghineadh gus roinn film a stèidheachadh ann an teis-meadhain beatha chultarach is eaconamach na

7

h-Alba. Tha an ro-innleachd a’ mion-mhìneachadh na sreath de cheumannan a thathar a’ gabhail còmhla ri feadhainn eile gus taic agus brosnachadh a toirt do roinn sgriona a bhios beòthail, eadar-mheasgte gu cultarach agus farpaiseach gu coimearsalta.

Rinn sinn ath-ùrachadh cuideachd air an stiùireadh a thaobh maoineachadh film, a’ gabhail a-steach àrdachadh air ìre cuibhreachaidh an tasgaidh againn ann am filmichean mòra agus prògraman aithriseachd, agus anns a’ Ghearran 2015 chaidh £3m de mhaoineachadh ùr ainmeachadh gus taic do riochdachadh film agus leasachadh sgilean a mheudachadh. Ràinig figearan Caiteachas Riochdachaidh na h-Alba an ìre a b’ àirde a-riamh aig còrr air £40m, a’ taisbeanadh an iarrtais a’ sìor fhàs bho phrìomh riochdairean film is TBh àrd-inbheil gu bhith a’ cleachdadh Alba mar chùl-raon do na riochdachaidhean aca.

Thòisich sinn cuideachd a’ dreachadh na Ro-innleachd Ghnìomhachasan Cruthachail, ag obair còmhla ri Com-pàirteachas Ghnìomhachasan Cruthachail na h-Alba (SCIP) agus an Ro-innleachd Ealain, a’ tarraing air lèirmheasan sònraichte roinneil co-cheangailte ri dràma, litreachas, dannsa, ealain lèirsinneach agus ceòl. Tha na ro-innleachdan sin a’ fiosrachadh obair structaran ùra sgioba Alba Chruthachail a tha air an deilbh gus a dhèanamh cinnteach gu bheilear a’ dèiligeadh san dòigh cheart le feumalachdan eadar-dhealaichte nan diofar roinnean fa leth.

Thug sinn gealladh do 119 Buidhnean Maoinichte Cunbhalach (RFO) san Dàmhair 2014 an dèidh iarrtas fosgailte airson tagraidhean maoineachaidh bhon Ghiblean 2015. Gu h-iomlan, fhuaireadh 264 tagradh ag iarraidh £212 millean uile gu lèir. Thug sinn seachad 83% de bhuidseat Tabhartas-gus-Cuideachadh 2015/16 bho Riaghaltas na h-Alba nach robh air a dhleasadh, do na Buidhnean Maoinichte Cunbhalach (RFO) sin. A thuilleadh air an sin, thug sinn £5.8m do Bhuidhnean Maoinichte Cunbhalach (RFO) bho Chrannchur Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte.

Thug Alba Chruthachail còrr air £10 millean de Mhaoineachadh Crannchur Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte do phròiseactan calpa mòr-sgèile air feadh Alba ann an 2014/15. Bha seo air a shuidheachadh an aghaidh ar Dealas Bùird 2010 a thaobh £30m a sholarachadh do phròiseactan calpa mòr-sgèile. Thug maoineachadh Pròiseict is Targaidte taic do 1,193 pròiseact tarsainn chruthan ealain is chuspairean cruthachail, a’ dèanamh ceangal le raon fharsaing de choimhearsnachdan air feadh Alba. Bha mi air leth toilichte a bhith comasach air taic a chur ri 80 neach-ealain gus an cuid obrach a rannsachadh agus a leasachadh tro Phrògram Bhursaraidhean Luchd-ealain. Tha am meud obrach ag èirigh a-mach às an t-slighe maoineachaidh seo cudromach agus leanaidh sinn air adhart a’ toirt taic do luchd-ealain agus luchd-cleachdaidh cruthachail fa leth tro Mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte.

Bha a’ bhliadhna 2014 gun choimeas leis gun tug Alba aoigheachd don phrògram a b’ àrd-amasaich a-riamh de ghnìomhachd chultarach gus Geamannan a’

8

Cho-fhlaitheis XX a chomharrachadh ann an Glaschu. Chunnaic seo leasachadh air com-pàirteachasan le roinnean tarsainn Riaghaltas na h-Alba, a’ gabhail a-steach Dìleab, Comataidh Eagrachaidh Ghlaschu 2014, Glaschu Beò, luchd-riarachaidh eile de Chrannchur Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, Tachartas Alba, agus Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Tharraing am Prògram Cultarach a thàinig a-mach às an seo luchd-èisteachd de chòrr air 2.1 millean.

B’ e bliadhna shònraichte a bh’ ann cuideachd leis gum facar toiseach ga chur air lìbhrigeadh Time to Shine, Ro-innleachd Ealain Òigridh Nàiseanta na h-Alba. Chaidh naoi Mòr-ionadan Ealain Òigridh a mhaoineachadh gus cothroman ealain òigridh ionadail a sholarachadh. Chuir sinn TTS.Digital air shiubhal gus ruigsinneachd air ealain òigridh ann an saoghal mas-fhìorachd a leudachadh ann an dòigh nas ro-ghnìomhaich. Tha prògraman obrach eile cuimsichte air òigridh a’ gabhail a-steach Iomairt Ciùil Òigridh, ar taic do Sistema Alba a tha a-nis ag obair ann am Baile Ghobhainn, Raploch agus Torry, agus Ais-airgead do Chruthachalachd, ag ath-thasgadh toraidhean eucoir ann an gnìomhachdan ealain agus trèanadh do dh’òigridh ann an Alba.

Lean taic làidir bho Riaghaltas na h-Alba do na h-ealain, sgrion agus na gnìomhachasan cruthachail. Bu mhath leam taing a thoirt don Riaghaltas agus an Rùnaire Caibineit airson Cultar, Roinn Eòrpa agus Cùisean air an Taobh A-muigh airson an taic seo, nach eil a-mhàin cudromach ach aithnichte agus di-beathte. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt don sgioba-obrach uile, an Àrd-Sgioba Stiùiridh agus am Bòrd-stiùiridh airson an obair chruaidh fad na bliadhna. Tha mi a’ leantainn air adhart air mo ghluasad gu mòr leis an eòlas, dealas agus an spionnadh deimhinneach a tha tarsainn na sgioba àrd-thograch seo, ag obair aig amannan ann an suidheachaidhean glè dhùbhlanach mar thoradh air cuideaman a tha a’ meudachadh air an sporan phoblach.

Ann an 2014/15, chuir sinn fàilte air Richard Findlay mar an Cathraiche ùr againn, a’ leantainn air a dhreuchdan mar Chathraiche Theatar Nàiseanta na h-Alba agus STV. Bu mhath leam taing a thoirt dha Sir Sandy Crombie, a bha san dreuchd ro Richard, airson a thaic agus a bhrosnachadh fhad ’s a bha e sa Chathair, a thàinig gu ceann san Fhaoilleach 2015. Tha adhartas iomlan air a choileanadh mu choinneamh 22 de na 24 tomhaisean a tha san aithisg seo.

Tha mise dealasach a thaobh a bhith ag obair ann an com-pàirteachas leis na ghabhas a dhèanamh de dhaoine eile tarsainn nan roinnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach gus leantainn air adhart a’ fuasgladh cothrom agus goireasan airson taic a chur ri tàlant cruthachail is ealanach na h-Alba. Ann an co-thaobh ris an oidhirp seo, bidh sinn an-còmhnaidh a’ strì ri feabhas a thoirt air an dòigh sa bheil sinn ag obair, ag èisteachd agus a’ freagairt don ais-fhiosrachaidh a bhios sinn a’ faotainn bho na daoine agus buidhnean do bheil e mar fhaichaibh oirnn a chuideachadh.

Tha mi an dòchas gun còrd e ribh a bhith a’ leughadh an stuth a thathar a’ solarachadh mar phàirt den aithisg seo. Ma bhios ceistean sam bith agaibh, feuch gun innis sibh dhuinn agus nì sinn ar dìcheall freagairt a thoirt dhuibh.

9

Janet Archer, Àrd-Oifigear

Tuigsinn ar Coileanaidh

Is e dleastanas Alba Chruthachail mar bhuidheann leasachaidh a bhith a’ dèanamh maoineachadh tuigseach air na h-ealain, sgrion agus na gnìomhachasan cruthachail, a bhith na thagradair nàiseanta agus eadar-nàiseanta às an leth agus buaidh deimhinneach a thoirt air beachdan, giùlain agus poileasaidhean.

Tha ar n-obair stèidhichte air seat de rùintean is prìomhachasan a tha a’ solarachadh cuimse air ar n-obair agus ag ath-nochdadh na tha sinn airson a choileanadh. Tha còig rùintean co-roinnte againn às leth nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail thar nan deich bliadhna a tha ri teachd:

Tha sàr-mhathas agus deuchainneadh tarsainn nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail aithnichte agus air an luachadh.

Faodaidh gach neach ruigheachd air eòlasan ealanach is cruthachail

10

agus tlachd a ghabhail asta.

Tha àiteachan agus càileachd beatha air an cruth-atharrachadh tro mhac-meanmhainn, miann-adhartais agus tuigse do chomas cruthachalachd

Tha beachdan air an toirt beò tro cheannardas is sgioba-obrach a tha eadar-mheasgte, sgileil agus co-cheangailte

Tha Alba na nàisean sònraichte cruthachail a tha co-cheangailte ris an t-saoghal.

A thuilleadh air ar rùintean, tha ceithir tèaman co-cheangailte a tha a’ ruith tro gach pàirt de ar n-obair:

ionnsachadh cruthachail co-ionannachdan agus iomadachd didseatach, agus an àrainneachd.

Sgrùdadh ar coileanaidh

Fo gach aon de ar còig rùintean, tha sinn air prìomhachasan a chomharrachadh airson ar n-obair fhiosrachadh thar ùine de thrì bliadhna. Tha na prìomhachasan sin a’ fiosrachadh ar stiùiridhean ’s ar co-dhùnaidhean maoineachaidh a thuilleadh air ar gnìomhachdan leasachaidh, tagradaireachd agus buaidh. Gach bliadhna, bidh sinn a’ foillseachadh Plana Bliadhnail a tha a’ mìneachadh mar a choileanas sinn ar rùintean agus ar prìomhachasan airson na bliadhna sin agus a’ dèanamh geàrr-iomradh air an teachd-a-steach agus an caiteachas a th’ againn san amharc.

Gus an diofar a tha sinn a’ dèanamh a nochdadh, tha sinn air roghnachadh sgrùdadh a dhèanamh air raon de cheumannan a tha gar cuideachadh gus ar n-obair fhìn a thuigsinn còmhla ri slàinte nan ealan, sgrion agus na gnìomhachasan cruthachail ann an Alba. Tha na Planaichean Bliadhnail againn a’ gabhail a-steach frèam-obrach airson coileanadh a stiùireadh, anns a bheil 24 comharra coileanaidh.

Tha sinn dealasach a thaobh a bhith ag aithris mu choinneamh an fhrèam-obrach seo gach bliadhna, a’ tòiseachadh leis an Lèirmheas Bhliadhnail seo air coileanadh airson na bliadhna 1 Giblean 2014 gu 31 Màrt 2015, a bhios a’ dol còmhla ris an Aithisg Bhliadhnail, Cunntasan agus Cunntasan Crannchur Nàiseanta na RA againn airson an ama cheudna. Tha sin a’ dèanamh iomradh air prìomh ghnìomhachdan air an gabhail os làimh mu choinneamh ar còig rùintean, a’ gabhail a-steach mar a tha ar maoineachadh ga chaitheamh, agus a’ mìneachadh fianais uimhireil is càileachdail an aghaidh ar Prìomh Chomharran Coileanaidh (KPIs).

11

On is e 2014/15 a’ chiad bhliadhna de ar Plana 10-bliadhna, tha faisg air leth nan ceumannan a gheibhear an seo a’ solarachadh dàta bunasach, ged a tha sinn air a bhith a’ strì ri dàta eachdraidheil a thaisbeanadh mar as iomchaidh gus atharrachadh bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh a chomharrachadh. Bidh sinn ag ath-sgrùdadh ar comharran coileanaidh gach bliadhna agus gan atharrachadh ma dh’fheumar, mar a bhios ar co-theacs obrachaidh ag atharrachadh agus mar a bhios sinn a’ fàs nas eòlaiche nar modh-obrach a thaobh a bhith a’ tional dàta càileachdail agus uimhireil.

Bidh sinn a’ sùileachadh ri soirbheachadh a choileanadh tarsainn nan rùintean ’s nam prìomhachasan againn uile thar beatha a’ phlana 10-bliadhna, le ùmhlachd ga thoirt do dh’atharrachaidhean riatanach sam bith ma bhios na h-ìrean maoineachaidh iomlan againn ag atharrachadh thar na h-ùine seo. Bidh sinn cuideachd ag aithris fa leth air an adhartas a thèid a choileanadh mu choinneamh nam prìomhachasan a tha comharraichte anns na Ro-innleachdan Ealain, Sgriona agus Gnìomhachasan Cruthachail againn.

Adhartas mu choinneamh ar prìomhachasan airson 2014/15

Nar Plana Bliadhnail airson 2014/15 tha sinn a’ mìneachadh ar prìomh ghnìomhachd airson na bliadhna. Tha atharrachaidhean san dòigh riarachaidh air maoineachadh mar phrìomh phàirt de ar n-obair, ag amas air a’ phròiseas a shìmpleachadh do dhaoine agus buidhnean fa leth. Tha sinn air modh maoineachaidh ùr a chur an gnìomh, anns a bheil trì prìomh slighean gu maoineachadh:

Maoineachadh Cunbhalach do bhuidhnean airson trì bliadhna

Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte do dhaoine agus buidhnean fa leth gus gnìomhachd pròiseict a liubhairt a tha a’ gabhail a-steach leasachadh cleachdaidh

Àireamh bheag de phrògraman Targaidte a tha a’ coimhead ri amasan co-roinnte a liubhairt còmhla ri com-pàirtichean

Sa Ghiblean 2014, dh’fhoillsich sinn am pròiseas gnìomhaidh airson Maoineachadh Cunbhalach, le ceann-latha deireannach tràth san Iuchair 2014. B’ e £90 millean am buidseat taisbeanach trì-bliadhna airson Maoineachadh Cunbhalach agus fhuair sinn 264 tagradh, le iarrtas iomaln maoineachaidh de chòrr air £212m. Mar fhreagairt don àireamh àrd de thagraidhean àrd-inbheil, mheudaich sinn am buidseat a bha ri fhaotainn airson 2015/16 gu £33.7m, agus rèitich sinn ar buidseat taisbeanach trì-bliadhna airson 2015-18 gu dìreach fo £100m. A’ leantainn measadh mionaideach agus làidir air na tagraidhean, le pròiseas co-dhùnaidh anns an robh àrd luchd-obrach le cruth ealain, speisealachd agus eòlas roinne farsaing an sàs, air 30 Dàmhair 2014 dh’ainmich sinn fòilio de 119 Buidhnean Maoinichte Cunbhalach (RFOs).1 1 Sguir tachartasan anns an Arches san Ògmhios 2015 agus tha 118 buidhnean a-nis ann am fòilio RFO.

12

San Dàmhair 2014, dh’fhosgail sinn a-mach tagraidhean do ar Maoin Phròiseactan Fosgailte, a’ nochdadh dealas Alba Chruthachail a thaobh sìmpleachadh agus soilleireachd, le bhith ag ionadachadh ioma-shlighean maoineachaidh. Tha Maoin Phròiseactan Fosgailte air a deilbh gus taic a thoirt do dhaoine agus do bhuidhnean fa leth a tha ag obair ann an roinn chruthachail sam bith tarsainn nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail. Faodaidh tagraichean sùimean maoineachaidh iarraidh eadar £1,000 agus £100,000 (no suas gu £150,000 uaireannan) do phròiseactan a tha a’ maireachdainn suas ri dà bhliadhna. Ann an 2014/15, ghabh sinn meud chudromach de ghnìomhachd leasachaidh ro-innleachdail os làimh. An lùib seo, bha co-chomhairleachadh air arRo-innleachd Film 2014-17 Air Sgrion (foillsichte san Dàmhair 2014) agus leasachadh air Lèirmheas Roinn Litreachais, a bha air a ruith le buidheann stiùiridh san robh riochdairean bhon roinn litreachais is foillseachaidh (foillsichte san Iuchair 2015). A’ leantainn air Clive Gillman a chur an dreuchd mar Stiùiriche Ghnìomhachasan Cruthachail san Earrach 2015, tha sinn air a bhith a’ leasachadh Ro-innleachd Ghnìomhachasan Cruthachail, a’ co-obrachadh le Com-pàirteachas Ghnìomhachasan Cruthachail na h-Alba (SCIP). Tha dreuchd Stiùiriche Ghnìomhachasan Cruthachail co-mhaoinichte le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba.

Tha obair air Lèirmheas Roinn nan Ealan Lèirsinneach a’ dol air adhart. Tha sinn air Lìonra Ealain Cho-aimsireil na h-Alba have (SCAN) a choimiseanadh gus ciad eacarsaich mapaidh air Ealain Lèirsinneach ann an Alba a ghabhail os làimh, a tha ag amas air raon agus iomadachd cleachdaidh air feadh na dùthcha a dhèanamh follaiseach. San Dàmhair 2015, fhuair buidhnean agus daoine fa leth ag obair ann an Ealain Lèirsinneach ann an Alba cuireadh am beachdan a chur a-steach don phròiseact seo, gus cuideachadh le dealbh a thogail de neartan is de chothroman airson an ama ri teachd. Tha sinn a’ sùileachadh gum bi an aithisg dheireannach air an Lèirmheas Roinne air a liubhairt uaireigin sa chiad cheathramh de 2016.

Thòisich sinn a’ leasachadh an Ro-innleachd Eadar-nàiseanta againn a’ leantainn air reifreann an ath-leasachaidh bun-reachdail san t-Sultain 2014 agus leasachadh Riaghaltas na h-Alba às dèidh sin air an Fhrèam-obrach Eadar-nàiseanta aca. Tha an Ro-innleachd Ealain againn anns a’ phròiseas leasachaidh agus bidh i air a foillseachadh tràth ann an 2016. Bidh i a’ cuimseachadh air prìomh thèaman a tha a’ gabhail a-steach: taic do dhaoine fa leth; taic do bhuidhnean; cruthachadh agus cumail suas àrainneachd thorrach do na h-ealain; agus meudachadh air gnìomhadh is conaltradh a’ phobaill.

Tha leasachadh air frèam-obrach airson lèirmheas ealantach is cruthachail na phrìomhachas aig Alba Chruthachail. Tha sinn air a bhith ag obair le buidheann de riochdairean roinne gus an obair seo a mheasadh agus thathar a-nis a’ cur pìleat an gnìomh de phròiseas lèirmheas cho-leithidean le àireamh bheag de Bhuidhnean Maoinichte Cunbhalach (RFOs), gus tuigsinn nas fheàrr fhaotainn air

13

lèirmheasadh càileachd ealantach is cruthachail. Tha an obair seo a’ freagairt air feumalachd a thaobh dòigh air càileachd gach cruth a thuigsinn agus a mheasadh, agus na feartan a tha a’ cur ris. Cuidichidh e Alba Chruthachail, na roinnean agus an luchd-ùidh obrachadh a dh’ionnsaigh gabhail ri cànan nas coitcheanna mu thimcheall càileachd ealantach is cruthachail gus taic a chur ri cultar de leasachadh leantainneach.

Bidh am frèam-obrach ealantach is cruthachail a’ cuimseachadh air Buidhnean Maoinichte Cunbhalach sa chiad àite. Ach, on tha iad a’ prògramadh ’s a’ cruthachadh obair le agus còmhla ri luchd-ealain fa leth agus buidhnean eile, dh’fhaodadh gum bi ruigsinneachd nas fharsainge aige rè ùine.

Ann an 2014/15, thòisich sinn air obair gus lèirmheas àrd-amasach air co-ionannachdan, iomadachd agus in-ghabhail a chur an gnìomh. Is e amas an lèirmheas ceumannan atharrachaidh a thòiseachadh a thaobh mar a tha co-ionannachdan, iomadachd agus in-ghabhail air am beachdachadh tarsainn nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail ann an Alba. Tha a’ chiad chuairt den obair seo air a chuimseachadh air an taobh a-staigh, agus solaraichidh e trèanadh is leasachadh luchd-obrach gus eòlas agus tuigse Alba Chruthachail san raon seo a neartachadh. Tha trì prìomh chinn-uidhe an lùib Cuairt a h-Aon:

Dleastanas ceannardais Alba Chruthachail a mhìneachadh a thaobh leasachadh agus cur taic ri cultar na h-Alba a tha a’ sìor fhàs iomadach;

Altachadh gu soilleir mar a tha co-ionannachdan deatamach do liubhairt air na còig àrd-amasan againn uile;

Modhan-obrach a stèidheachadh agus eòlas is sgilean luchd-obrach a leasachadh gus a dhèanamh cinnteach à dòigh-obrach a tha cunbhalach tarsainn gach raon den obair againn.

Cuiridh sinn crìoch air Cuairt a h-Aon den Lèirmheas ann an 2015/16, le mach-chur a bhios a’ gabhail a-steach prògram trèanaidh don luchd-obrach uile agus stuthan stiùiridh is innleachdan do bhuidhnean maoinichte. Bidh an ath ìre a’ cuimseachadh air an taobh a-muigh agus a’ gabhail a-steach rannsachadh, bùithtean-obrach is còmhraidhean le luchd-ealain, buidhnean agus buidhnean co-ionannachd.

Tha sinn a’ leantainn air adhart a’ leasachadh ar luchd-obrach gus a dhèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh obrachadh agus fàs an taobh a-staigh cultar a tha làn earbsa, co-obrachadh, com-pàirteachas agus spèis da chèile. Tha an Ro-innleachd Dhaoine againn a’ cuimseachadh air ceithir prìomh chinn-uidhe:

leasachadh ar cultair structar bhuidhnean daoine is dàimhean, agus ar siostaman is pròiseasan HR.

14

Ann an 2014/15, chuir sinn crìoch air ath-ùrachadh an structair againn gus structaran sgioba èifeachdach, taic stiùiridh loidhneil agus tuairisgeulan obrach nas soilleire a stèidheachadh. Chaidh an structar ath-ùraichte a lìbhrigeadh don luchd-obrach uile aig deireadh a’ Ghiblein agus tha e air a bhith ag obrachadh bhon Ògmhios 2015. Tha sinn air prògraman leasachaidh is ionnsachaidh luchd-obrach a liubhairt air àireamh de thèaman, a’ gabhail a-steach maoineachadh is measadh, lèirmheas leasachadh coileanaidh, trèanadh in-shiostaman, co-ionannachdan, mothachadh don Ghàidhlig, Slàinte is Sàbhailteachd agus leasachadh proifeiseanta.

Lean sinn air adhart ag obair gus ar dealasan a thaobh ar Plana Gàidhlig a liubhairt tro 2014/15, a’ gabhail a-steach gnìomhachd chonaltraidhean dà-chànanach, trèanadh ann am mothachadh don Ghàidhlig do luchd-obrach agus foillseachaidhean sònraichte, tachartasan is iomairtean gus cànan na Gàidhlig agus ealain Ghàidhlig adhartachadh. Sholaraich sinn cuideachd taic maoineachaidh cudromach do mhòran bhuidhnean is phròiseactan a tha ag adhartachadh agus a’ leasachadh Gàidhlig ann an co-theacs nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail.

Air a leasachadh ann an 2014/15, dh’fhoillsich Alba Chruthachail a’ chiad Poileasaidh Albais aca san Ògmhios 2015, a’ neartachadh dealas na buidhne a thaobh taic don chànan tron obair againn fhìn agus tron obair a tha sinn a’ maoineachadh. Bha cruthachadh air a’ chiad Sgrìobhadair Albais na phrìomh eileamaid sa phoileasaidh, a’ chiad turas ann an Alba, a tha na cho-iomairt eadar Alba Chruthachail agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh Seumas Dòmhnallach fhastadh don dreuchd seo gus obair chruthachail thùsail a thoirt gu buil ann an Albais, a riochdan eile agus a dhualchainntean tarsainn chruthan ealain, a thuilleadh air togail mothachadh, tuigse agus cleachdadh air Albais air feadh na dùthcha agus leis gach cuibhreann den àireamh-sluaigh.

Sa Ghiblean 2014, dh’fhoillsich sinn ar Poileasaidh Àrainneachdail a tha a’ mìneachadh ar dealais a thaobh obrachaidhean seasmhach agus obair le com-pàirtichean gus giùlanan seasmhach àrainneachdail a bhrosnachadh am measg nan daoine fa leth agus nam buidhnean ris a bheil sinn a’ cur taic. Ann an 2014/15, sholaraich sinn taic ro-innleachdail dha Carbon Cruthachail Alba gus obair le buidhnean cultarach a chomasachadh airson buaidhean àrainneachdail a lùghdachadh agus an clàr-obrach àrainneachdail a thogail nas fharsainge. Thug sinn a-steach seasmhachd àrainneachdail mar aon de ar slatan-tomhais ann am measadh thagraidhean airson maoineachadh cunbhalach, agus tha sinn a’ leantainn air adhart a’ beachdachadh air mar phàirt de ar pròiseasan solair.

Tha Alba Chruthachail ag amas air seirbheis àrd-chàileachdail is chuideachail a sholarachadh agus tha sinn a’ strì ri dhèanamh cinnteach gu bheil ar n-obraichean cothromach, fosgarra, cunntachail agus èifeachdach. Tha sinn air Stiùir Frèam-obrach Coitcheann Sheirbheisean Càileachdail fhoillseachadh, sa bheil geàrr-iomradh air ar poileasaidhean a thaobh a bhith cinnteach à seirbheis àrd-chàileachdail anns na conaltraidhean poblach againn, a’ gabhail a-steach ar

15

dòigh-obrach ann an làimhseachadh cheistean, iarrtasan saorsa fiosrachaidh agus gearanan, a thuilleadh air ar dealas a rèir co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail.

Tha Alba Chruthachail dealasach a thaobh seirbheis sgiobalta, cuideachail agus àrd-chàileachdail a sholarachadh agus tha sinn a’ strì ri dhèanamh cinnteach gu bheil ar n-obrachaidhean cothromach, fosgarra, cunntachail agus èifeachdach. Tha sinn air Stiùir Frèam-obrach Coitcheann Sheirbheisean Càileachdail fhoillseachadh o chionn ghoirid, sa bheil geàrr-iomradh air ar poileasaidhean a thaobh a bhith cinnteach à seirbheis àrd-chàileachdail anns na conaltraidhean poblach againn, a’ gabhail a-steach ar dòigh-obrach ann an làimhseachadh cheistean, iarrtasan saorsa fiosrachaidh agus gearanan, a thuilleadh air ar dealas a rèir co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail.

Thòisich gach gnìomhachd ro-innleachdail phlanaichte a tha air an ainmeachadh gu h-ìosal mar a chithear foillsichte sa Phlana Bhliadhnail 2014/15. Lean cuid de phròiseactan mòr-sgèile air adhart ann an 2015/16.

Figear 1: Adhartas gu ruige seo mu choinneamh ar prìomhchasan airson 2014/15

Gnìomhachd Adhartas gu ruige seoLèirmheas Roinn Litreachais Foillsichte san Iuchair 2015 – liubhairt

leantainneach Prògram maoineachaidh cunbhalach foillsichte

Prògram foillsichte sa Ghiblean 2014

Dreach Ro-innleachd Film foillsichte airson co-chomhairleachaidh

Dreach Ro-innleachd foillsichte airson co-chomhairleachadh san Iuchair 2014. Ro-innleachd Film air Sgrion 2014-17 foillsichte san Dàmhair 2014 – liubhairt leantainneach

Lèirmheas Roinn Ealain Lèirsinneach Liubhairt leantainneachLeasachadh air Frèam-obrach Lèirmheas Ealantach is Cruthachail

Frèam-obrach aig ìre pìleat

Frèam-obrach Coitcheann Seirbheis Chàileachdail

Foillsichte san Dàmhair 2015

Leasachadh Ro-innleachd Eadar-nàiseanta

Dàil ann an co-chomhairleachadh is leasachadh gu às dèidh an reifreann agus foillsreachadh air Frèam-obrach Eadar-nàiseanta Riaghaltas na h-Alba. Liubhairt leantainneach.

Leasachadh agus liubhairt air Poileasaidh Àrainneachdail

Foillsichte sa Ghiblean 2014

Foillseachadh air Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte

Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte foillsichte san Dàmhair 2014

Foillseachadh air dreach Ro-innleachd Dreach co-chomhairleachaidh foillsichte 16

Ghnìomhachasan Cruthachail san Dàmhair 2015, a’ leantainn fastadh air Stiùiriche Ghnìomhachasan Cruthachail ùr san Ògmhios 2015

Leasachadh Lèirmheas Cho-ionannachdan

Modh-obrach leasaichte – Cuairt a h-aon, In-Lèirmheas crìochnaichte san Dùbhlachd 2015. Liubhairt leantainneach.

Leasachadh Poileasaidh Albais Foillsichte san Ògmhios 2015Ainmeachadh air fòilio de RFOan airson 2015-2018

Fòilio ainmichte san Dàmhair 2014

Leasachadh Ro-innleachd Ealain Leasachadh leantainneach a’ gabhail a-steach crìoch air lèirmheasan roinn ealain.

Leasachadh is liubhairt air Ro-innleachd Dhaoine

Ro-innleachd aontaichte san Ògmhios 2014 – liubhairt leantainneach

Leantainn air liubhairt ar Plana Gàidhlig

Liubhairt leantainneach

Ar teachd-a-steach agus caiteachas

Tha Alba Chruthachail a’ faotainn maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba tro dhà phrìomh thùs: maoineachadh Tabhartas gus Cuideachadh agus maoineachadh Crannchur Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn cuideachd a’ faotainn mhaoinean cuibhrichte bho Riaghaltas na h-Alba – airgead a tha air a chur mu seach airson gnìomhachd sònraichte leithid an Iomairt Ciùil Òigridh agus Dèante ann an Alba, a’ dèanamh mòr-thaisbeanadh air an obair aig Fèisean Dhùn Èideann – agus cuid maoineachaidh bho bhuidhnean com-pàirteachais leis am bi sinn a’ co-obrachadh air pròiseactan sònraichte.

Bha ar caiteachas iomlan ann an 2014/15 aig £86.74m

Den seo, chaidh £51.64m a tharraing bho Thabhartas gus Cuideachadh Riaghaltas na h-Alba agus £35.1m bho mhaoinean a’ Chrannchuir Nàiseanta. Ann an 2014/15 gheall sinn £79,46m mar mhaoineachadh do ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail ann an Alba.

Bha na cosgaisean obrachaidh againn ann an 2014/15 aig £7,27m, no 8.4% de ar caiteachas iomlan.

Ann an 2014/15, bha maoineachadh iomlan fon bhuidseat a chaidh fhoillseachadh sa Phlana Bhliadhnail againn. Bha seo gu mòr an urra ri dàil a chaidh a chur air £6.4m airson pròiseactan calpachais agus £1m air a chur mu seach airson maoinean nan Ealan Òigridh Nàiseanta. Chaidh an dàil sin a chur an gnìomh gus an tìmeachadh ùr air na pròiseactan sin a nochdadh nas fheàrr.

Figear 2: Geàrr-iomradh Caiteachais 2014/15

£m iomlan Buidseat* An Crannchur £35,093,546 £39,135,003

17

Tabhartas gus Cuideachadh £51,642,066 £53,291,302Caiteachas iomlan £86,735,612 £92,426,305Chaidh caiteachas iomlan a riarachadh mar a leanas:Maoineachadh £79,460,587 £84,853,444Cosgaisean Obrachaidh £7,275,025 £7,572,861

* An diofar eadar caiteachas agus toraidhean buidseit mar gheall air dàil a chaidh a chur an gnìomh gus an tìmeachadh ùr air àireamh bheag de phròiseactan a nochdadh nas fheàrr.

Coileanadh mu choinneamh ar n-Àrd-amasan

1. Sàr-mhathas agus Deuchainneadh

Tha sinn a’ cur taic ri daoine fa leth agus buidhnean air feadh Alba gus obair àrd-chàileachdail a leasachadh agus a thoradh, an dà chuid tro mhaoineachadh agus tro an cuideachadh le tìm agus farsaingeachd a chruthachadh airson an cuid cleachdaidh a leasachadh. Is e a’ chiad aon de ar n-Àrd-amasan 10-bliadhna gum bi sàr-mhathas agus deuchainneadh tarsainn nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail aithnichte agus luachaichte. Mar phàirt de ar Frèam-obrach airson Stiùireadh Coileanaidh, tha sinn gu làithreach a’ tomhais ar n-adhartais mu choinneamh na buile a leanas:

Buil 1:

Tha barrachd obair eadar-mheasgte ealantach, cruthachail agus àrd-chàileachdail ga toradh agus ga leasachadh air feadh Alba.

#creativitymatters

Tha sinn air taghadh de gheàrr-thuairisgeulan a chur ri chèile bho 2014/15 gus togail air cuid den ghnìomhachd ’s de na prìomh phròiseactan a tha air an

18

liubhairt le daoine fa leth agus le buidhnean. Tadhailibh air an làraich-lìn gus tuilleadh a leughadh mu dheidhinn:

AC Projects/Alternative Currents – Counterflows and Tectonics GENERATION – 25 bliadhna de dh’ealain cho-aimsireil Albannach Iomadachd luchd-ealain ann am Prògram Cultarach Ghlaschu 2014 Scottish Album of the Year Awards Sunset Song

Maoineachadh Cunbhalach agus Bliadhnail

Tha sinn dealasach a thaobh maoineachadh seasmhach fad-amail a sholarachadh do na ghabhas de bhuidhnean an taobh a-staigh co-theacs nam buidseatan iomlan a tha rim faotainn. Ann an 2014/15, sholaraich sinn maoineachadh cunbhalach do 45 Buidheann Stèidheachd air bunait trì-bliadhna gus taic a chur ri cosgaisean ruith, am prògraman obrach a liubhairt, an cuid conaltraidh leis a’ phoball a dhoimhneachadh agus an lìonraidhean proifeiseanta a leudachadh. A thuilleadh air an sin, sholaraich sinn maoineachadh do 37 Buidheann Phrògraman airson prògram suas ri dà-bhliadhna de dh’obair ealain agus 47 Luchd-dèiligidh Bliadhnail airson seirbheisean taic is lìonraidhean a sholarachadh do na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail. Còmhla, fhuair na buidhnean sin £31.25m de mhaoineachadh ann an 2014/15.

Figear 3: Buidhnean a fhuair maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail ann an 2014/15

Àireamh GIA (£) Crannchur (£)

Iomlan(£m)

Buidhnean Stèidheachd 45 18,769,703 - 18,769,703Buidhnean Phrògraman 37 - 4,988,850 4,988,850Luchd-dèiligidh Bliadhnail 47 7,489,638 - 7,489,638Maoineachadh Iomlan Cunbhalach is Bliadhnail

129 26,259,341 4,988,850 31,248,191

Am measg bhuidhnean a fhuair maoineachadh cunbhalach is bliadhnail, bha fèisean, ionadan-cruinneachaidh ioma-ealain, companaidhean riochdachaidh agus buidhnean leasachaidh agus fhuair iad maoineachadh eadar £25k gu £2.3m. Bha na buidhnean stèidhichte ann an 17 de na 32 Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba agus bha iad gnìomhach tarsainn raon de chruthan ealain speisealaichte le 34 ag obair tarsainn diofar chruthan ealain. Anns a’ bhuidheann seo bha buidhnean leasachaidh na roinne a bha maoinichte mar Luchd-dèiligidh Bliadhnail.

19

Figear 4: Speisealachadh cruth ealain anns na buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail ann an 2014/15

Prìomh Chruth Ealain Buidhnean Stèidheachd

Buidhnean Phrògraman

Luchd-dèiligidh Bliadhnail Iomlan

Ceàird   - - 2 2Dannsa 4 3 1 8Film 2 - 1 3Litreachas / Foillseachadh 5 2 3 10Cruth Ioma-ealain 14 4 16 34Ceòl 2 9 13 24Dràma 6 13 3 22Ealain Lèirsinneach 12 6 8 26Iomlan 45 37 47 129

Ann an 2014/15, bha na 82 Buidhnean Stèidheachd agus Buidhnean Phrògraman a bha a’ faotainn taic bho mhaoineachadh ioma-bhliadhnail, anns a’ bhliadhna dheireannaich de an aonta maoineachaidh agus cha robh gluasad sam bith sa phròifil aca bho 2013/14 gu 2014/15. Ach bha sinn comasach air maoineachadh bliadhnail a thairgsinn do bharrachd Luchd-dèiligidh Bliadhnail (suas gu 47 bho 44 ann an 2013/14).

San Dàmhair 2014, dh’ainmich sinn fòilio Buidhnean Maoinichte Cunbhalach (RFOan) a bha ri maoineachadh trì bliadhna fhaotainn airson na h-ùine eadar an Giblean 2015 agus am Màrt 2018. Bha 119 buidhnean sa fòilio, 20 dhiubh a bha ùr do mhaoineachadh cunbhalach no bliadhnail de sheòrsa sam bith agus 57 dhiubh a ghluais bho rèiteachadh geàrr-amail gu maoineachadh trì bliadhna2. Tha na h-atharrachaidhean sin a’ meudachadh ruigsinneachd cruinn-eòlasach maoineachaidh cunbhalach, le RFOan stèidhichte ann an 21 sgìre Ùghdarrais Ionadail agus còrr air trì-chairteal ag obrachadh seachad air an àite bunasach, a’ ruighinn luchd-èisteachd air feadh na dùthcha. Tha iad a’ gabhail a-steach measgachadh de mheud buidheannail (bho bhuidhnean a’ faighinn eadar £150k agus £7m thar nan trì bliadhna) a thuilleadh air a bhith a’ nochdadh iomadachd sòisealta na h-Alba. Tha na buidhnean ag obair tarsainn ceàird, dannsa, film, litreachas, ceòl, dràma agus ealain lèirsinneach agus a’ gabhail a-steach 2 Sguir tachartasan anns an Arches san Ògmhios 2015 agus tha 118 buidhnean a-nis ann am fòilio RFO.

20

riochdachadh làidir airson ealain òigridh agus Gàidhlig. Tha làn liosta de RFOan airson 2015-18 ri fhaotainn sa Plana Bliadhnail airson 2015/16.Maoineachadh Trasnaidh is Phròiseactan Fosgailte

Tràth ann an 2014, dh’ainmich sinn gun obraicheadh sinn Maoin Phròiseactan Fosgailte bhon Dàmhair 2014, a’ co-dhaingneachadh iomadh slighe maoineachaidh. Bhon Ghiblean gu an Dàmhair 2014, bha Alba Chruthachail ag obrachadh 7 prògraman maoineachaidh airson pròiseactan trasnaidh. Bha iad a’ gabhail a-steach: am prògram Toraidh Càileachd, a chomasaich leasachadh air obair ùr; Bursaraidhean Luchd-ealain airson taic a thoirt do luchd-ealain agus proifeiseantaich chruthachail eile gus an cuid cleachdaidh a leasachadh; agus am prògram Eadar-nàiseanta airson obair àrd-chàileachdail à Alba a chomasachadh gu bhith ga adhartachadh agus ga thaisbeanadh gu h-èifeachdach thall-thairis.

Fhuair sinn 1,476 tagradh airson nam prògraman maoineachaidh Trasnaidh sin agus bhuilich sinn 483 duaisean. Tha seo a’ riochdachadh ìre soirbheachaidh de 33%. Eadar an Giblean agus an Dàmhair 2014, riaraich na prògraman maoineachaidh againn £6,35m gu h-iomlan do 226 buidheann agus 257 neach fa leth.

Figear 5: Maoineachadh phrògraman trasnaidh bhon Ghiblean gun Dàmhair 2014

Àireamh Dhuaisean

GIA (£m) Crannchur (£m)

Iomlan (£)

Bursaraidhean Luchd-ealain 80 - 750,000 750,000Eadar-nàiseanta 38 201,447 - 201,447Leasachadh Proifeiseanta 136 181,613 139,819 321,432Ealain Poblach 18 - 579,029 579,029Conaltradh Poblach 17 - 499,809 499,809Toradh Càileachd 141 - 2,887,962 2,887,962Tùradh, Fèisean agus Prògramadh Ealain 53 - 1,106,411 1,106,411Prògraman trasnaidh iomlan 483 383,060 5,963,030 6,346,090

San Dàmhair 2014, thug sinn a-steach Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte a dh’ionadaich a’ mhòr-chuid de na prògraman maoineachaidh phròiseactan a bha gan obrachadh roimhe sin le Alba Chruthachail. Chan eil cinn-latha dheireannach an lùib Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte; tha tagraidhean gan lèirmheasadh air bunait seachdaineach agus co-dhùnaidhean gan solarachadh an taobh a-staigh 8 seachdainean airson tagraidhean de nas lugha na £15k agus 12 seachdain airson còrr air £15k. Tha Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte a’ cur taic ri speactram fharsaing de ghnìomhachd a’ gabhail a-steach: leasachadh cruthachail is proifeiseanta; rannsachadh agus leasachadh; riochdachadh;

21

riatanasan beaga calpa; tùradh agus co-obrachadh; fèisean; prògramadh ealain; agus leasachadh luchd-èisteachd. Tha taic ri fhaotainn do phròiseactan de dhiofar meud airson ùine buileachaidh suas gu 2 bhliadhna. Tha buileachaidhean ann an raon eadar £1k gu £100k (no suas gu £150k uaireannan).

Fhuair sinn 438 tagradh ion-roghnach gu OPF eadar an Dàmhair 2014 agus deireadh a’ Mhàirt 2015, agus bhon Dùbhlachd 2014 bhuilich sinn 162 duais tron t-slighe seo. Tha seo a’ riochdachadh ìre soirbheachaidh de 37%. Riaraich sinn gu h-iomlan £3.32m gu 54 neach fa leth agus 108 buidheann.

Figear 6: Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte bhon Dàmhair 2014 gu deireadh a’ Mhàirt 2015

Àireamh dhuaisean

GIA (£) Crannchur(£)

Iomlan(£)

Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte

162 498,527 2,826,238 3,324,765

Gu h-iomlan, eadar 1 Giblean 2014 agus deireadh a’ Mhàirt 2015, fhuair ar prògraman Trasnaidh is Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte 1,914 tagraidhean agus chaidh 645 duais a bhuileachadh. Riaraich sinn £9,67m gu lèir do 334 buidheann agus 311 neach fa leth. Tha seo gu h-iomlan a’ riochdachadh ìre soirbheachaidh de 34%. Chaidh duaisean a thoirt do thagraichean stèidhichte ann an 31 de 32 sgìre de n h-Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba agus gnìomhach tarsainn raon de speisealachdan ann an cruthan ealain. Lorgar mion-fhiosrachadh mu duaisean maoineachaidh fa leth builichte ann an 2014/15 air an làraich-lìn againn.

Figear 7: Prìomh speisealachd ann an cruth ealain bhuidhnean 22

a’ faotainn prògraman Trasnaidh is Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte ann an 2014/15.

Prìomh chruth ealain

Duaisean tro Phrògraman Trasnaidh

Duaisean tro Mhaoin Phròiseactan Fosgailte

Duaisean iomlan builichte

Luach nan Duaisean builichte (£)

Ceàird      21 4 25 195,209Dannsa 39 12 51 770,929Dealbhadh 3 1 4 92,984Film 23 10 33 380,883Litreachas / Foillseachadh 45 20 65 880,718Ealain Ioma-chruthach 149 59 208 3,726,077Ceòl 98 30 128 1,648,197Theatar* 35 14 49 1,013,432Ealain Lèirsinneach 70 12 82 962,426Iomlan 483 162 645 9,670,856

* Tha àireamh àrd de dhuaisean stèidhichte air theatar air an glacadh cuideachd ann an cruth ioma-ealain, gu h-àraid iadsan ann an ionadan cruth ioma-ealain le goireassan theatar.

Fhad ’s a tha £9.67 millean a’ riochdachadh dealas Alba Chruthachail, bha an sùim iomlan ro-innisichte airson nam pròiseactan a mhaoinich sinn tro na prògraman sin aig £29.79 millean. Tharraing tagraichean air maoineachadh com-pàirteachais bho raon de thùsan a’ gabhail a-steach Ùghdarrasan Ionadail, Urrasan is Stèidheachdan agus an Roinn Phrìobhaideach.

Maoineachadh Targaidte

Ann an 2014/15, liubhair sinn 42 prògram maoin Targaidte a’ cuimseachadh air amasan ro-innleachdail co-roinnte a liubhairt le com-pàirtichean. Nam measg sin bha àireamh de mhaoinean targaidte stèidhichte air tagraidhean leithid Prògram Maoineachaidh Film is Telebhisean agus Iomairt Ciùil Òigridh. Gu h-iomlan, bhuilich sinn 548 duais tro mhaoineachadh Targaidte ann an 2014/15 agus chaidh £38.54m a riarachadh, a’ gabhail a-steach £10.14m de mhaoineachadh mar phàirt de gheallaidhean maoineachaidh calpa leantainneach. Den £36.5m seo, bha £23.7m mar mhaoin bho Riaghaltas na h-Alba air a chur mu seach airson prògraman a liubhairt a’ gabhail a-steach an Iomairt Ciùil Òigridh, Ais-Airgead airson Cruthachalachd, Ro-innleachd Ealain Òigridh Nàiseanta agus Fèisean Dhùn Èideann. Tha liosta iomlan de ar slighean maoineachaidh Targaidte ann am Plana Nàiseanta airson 2014/15.

Sholaraich Prògram Maoineachaidh Film is Telebhisean taic do thàlant film is telebhisean stèidhichte agus a’ tighinn am bàrr, gus obair shònraichte agus

23

tharraingeach a chruthachadh a tha ag adhartachadh cruthachalachd na h-Alba. Ann an 2014/15 bha a’ mhaoin seo a’ cuimseachadh air:

Leasachadh, riochdachadh agus cleachdadh airson prothaid air filmichean mòra, feart-aithriseachdan, beò-dhealbhadh agus sreath dràma telebhisein

Làthaireachd aig prìomh mhargaidean agus fèisean

Iomairtean leasachaidh tàlant film is telebhisein.

Chaidh 96 duais a bhuileachadh gu h-iomlan ann an 2014/15 tro Phrògram Maoineachaidh Targaidte Film agus Telebhisean le luach iomlan de £4.52m. Tron mhaoin seo, thug sinn taic do riochdachaidhean a’ gabhail a-steach Starred Up le Daibhidh MacCoinnich, Sunset Song le Terence Davies agus The Legend of Barney Thomson le Robert Carlyle. Ann an 2014/15, bha sinn ag obair cuideachd gus ar Maoin Fàs air Riochdachadh a leasachadh agus a chaidh beò san Dàmhair 2015 le riarachadh de £750k ann an 2015/16 agus £1m ann an 2016/17 airson riochdachaidhean a bha airidh, ann an cruth tabhartais nach fhaighteadh air ais. B’ e an t-adhbhar a bh’ aige cuideachadh le fàs a thoirt air roinn riochdachaidh sgriona, cothroman cosnaidh a chruthachadh do chriutha stèidhichte ann an Alba, cleachdadh a bhrosnachadh air companaidhean ghoireasan riochdachaidh stèidhichte ann an Alba, agus buannachd chudromach eaconamach a liubhairt dìreach do dh’Alba.

Chaidh Lìonra Tàlant Film na h-Alba (SFTN) a stèidheachadh le £250k bho Phrògram Maoineachaidh Film is Telebhisean agus chaidh a mhaidseadh le £200k eile bho Institiùd Film Bhreatainn. Tha seo a’ riochdachadh an tasgaidh as motha ann an tàlant ùr agus tàlant a’ tighinn am bàrr ann an dèanamh filmichean ann an Alba sna seachd bliadhna a dh’fhalbh. Gu ruige seo, tha SFTN air 10 filmichean goirid le tàlant ùr agus a’ tighinn am bàrr a choimiseanadh, agus a’ toirt taic do leasachadh air còrr air 20 ciad fheart-film. Gu h-iomlan ann an 2014/15, fhuair sinn 2,714 tagraidhean airson ar prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte agus chaidh 1,193 duais maoineachaidh gu h-iomlan a bhuileachadh tro na trì slighean sin, a’ riochdachadh ìre soirbheachaidh de 44%. Gu h-iomlan, chaidh 30% de na duaisean a bhuileachadh air daoine fa leth agus 70% air buidhnean, le luach iomlan de £48.2m. Ann an 2013/14, bha Alba Chruthachail ag obrachadh 19 prògraman maoineachaidh pròiseict fa leth fosgailte agus stiùirichte, a’ riarachadh £51.4 millean tro 1,723 duais do bhuidhnean agus do dhaoine fa leth.

Chaidh £48 millean a bhuileachadhFhuaireadh 2,714 tagraidheanChaidh 1,193 duais maoineachaidh a bhuileachadh 30% do dhaoine fa leth70% do bhuidhnean

24

Toraidhean ar maoineachaidh

Tha aig gach buidheann a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach no bliadhnail bho Alba Chruthachail ri Suirbhidh Staitistigeach Bhliadhnail a lìonadh san Dàmhair gach bliadhna. Tha an tuairisgeul seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu na buidhnean agus an cuid obrach le luchd-ealain a thuilleadh air fiosrachadh ionmhasail, àrainneachdail, mu luchd-èisteachd agus co-ionannachdan. Còmhla, tha an dàta a’ gineadh fiosrachadh co-roinnte mu na buidhnean do bheil sinn a’ toirt taic agus gar comasachadh air tagradh às leth nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail.

Tha anailis air na Suirbhidhean Staitistigeach Bliadhnail a fhuaireadh san Dàmhair 2015 (a’ nochdadh gnìomhachd airson na bliadhna 2014/15) a’ taisbeanadh gu bheil buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach no bliadhnail:

Air 63,400 coileanadh, 595 taisbeanadh agus 24,071 sgrionadh3 a liubhairt

Air 368,983 foillseachadh a thoradh (a’ gabhail a-steach còrr air 1,000 foillseachadh eileagtronaigeach) agus 11,589 toradh film no ciùil a thoirt gu buil airson ìos-lodadh no sruthadh.

Dh’aithris na buidhnean sin gun do liubhair iad 94,360 tachartas poblach gu h-iomlan ann an 2014/15. Tha seo a’ riochdachadh meudachadh sa cheud de 10% bhon 85,924 tachartas air an tugadh aithris ann an 2013/14 agus a’ nochdadh ann am pàirt an àireamh de bhuidhnean a bha an sàs ann am prìomh phrògraman nàiseanta ann an 2014, gu h-àraid Prògram Cultarach Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 Ghlaschu agus GINEALACH: 25 Bliadhna de dh’Ealain Cho-aimsireil ann an Alba.

Figear 8: Maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: an àireamh de thachartasan poblach 2014/15

94,360 Àireamh iomlan thachartasan63,400 coileanadh595 taisbeanadh24,071 sgrionadh6,294 tachartas poblach eile

Tha aig luchd-faighinn Maoineachadh Trasnaidh is Phròiseactan Fosgailte ri sgrùdadh deireadh- pròiseact a chrìochnachadh gus aithris air builean an cuid 3 Tha cothrom aig luchd-freagairt Suirbhidh Staitistigeach Bliadhnail air fìor fhigearan no figearan tuairmseach a sholarachadh. Sholaraich 94% figearan fìor airson coileanaidhean, 98% airson taisbeanaidhean, 94% airson sgrionaidhean agus 54% airson tachartasan poblach eile.

25

maoineachaidh. Fhuaireadh 351 tuairisgeul air ais gu h-iomlan mu choinneamh dhuaisean a chaidh a bhuileachadh ann an 2014/15 (54% de na duaisean uile a chaidh a bhuileachadh), le mòran gnìomhachd fhathast a’ dol air adhart, a’ gabhail a-steach faisg air na duaisean uile a chaidh a bhuileachadh tro Mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte (a tha a’ ceadachadh do thagraichean iarrtas a chur a-steach airson gnìomhachd a’ maireachdainn suas ri dà bhliadhna). Tha an ais-fhiosrachadh a’ clàradh 6,430 tachartas poblach air a liubhairt le buidhnean maoinichte, nì a tha cunbhalach don chuimse air an leasachadh cruthachail aig mòran de na sruthan maoineachaidh sin.

Prògram Cultarach Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 Ghlaschu

Bha liubhairt air Prògram Cultarach Ghlaschu 2014 mar thoradh air taic bho chom-pàirteachas eadar Alba Chruthachail, Glaschu Beò agus Comataidh Eagrachaidh Glaschu 2014, a thuilleadh air mìltean de luchd-ealain, buidhnean cultarach agus coimhearsnachdan air feadh Alba. B’ e prògram £13.18 millean a bh’ ann a sholaraich cothrom do dhaoine, eadar gun robh iad a’ tadhal no a’ còmhnaidh, pàirt a ghabhail sna subhachasan tro phrògram de dh’obair ùr le luchd-ealain agus buidhnean Albannach agus eadar-nàiseanta aig ìre chruinneil agus a’ tighinn am bàrr. Anns an ùine suas gu na Geamannan, chaidh £4.5millean gu h-iomlan a chur mu seach do luchd-ealain fa leth, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean ealain gus tagradh airson duaisean a bha a’ rangachadh bho £20k gu £300k. Bha am Prògram a’ gabhail a-steach còrr air 200 pròiseact agus 12,000 tachartas, le mòran dhiubh san robh prìomh chudromachd nàiseanta:

B’ e sreath àrd-chomharrail de thaisbeanaidhean a bh’ ann an GINEALACH: 25 Bliadhna de dh’Ealain Cho-aimsireil ann an Alba, a bha a’ leantainn an leasachaidh iongantach an lùib ealain cho-aimsireil ann an Alba thar na 25 bliadhna a dh’fhalbh. Tharraing e obair le còrr air 100 neach-ealain gu 60 gailearaidh, àite taisbeanaidh agus ionad-cruinneachaidh air feadh Alba tron bhliadhna 2014. Bha GINEALACH na chom-pàirteachas eadar Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba agus Glaschu Beò, le taic bho Alba Chruthachail.

Chaidh Cuir Alba a Dhannsa (GSD) a chruthachadh gus an cothlamadh de bhuannachdan cultarach, corporra agus sòisealta ann an dannsa a thaisbeanadh. Thòisich GSD san Dàmhair 2010 anns an ùine ullachaidh ro Gheamannan Oilimpigeach Lunnainn 2012, le Cuairt a Dhà co-thaobhach ri Prògram Cultarach Ghlaschu 2014, a’ liubhairt 546 tachartas agus faisg air 75,000 com-pàirtiche an sàs ann. Bha am prògram a’ gabhail a-steach lìonra de chom-pàirtichean liubhairt, nam measg sia Mòr-Ionadan Dannsa sgìreil, trì Oifigearan Leasachaidh Dannsa a dh’aon ghnothaich agus cùradaireachd thachartasan fo bhratach Cuir Alba a Dhannsa.

Air fhoillseachadh san Fhaoilleach 2014, is e iomairt air feadh farsaingeachd na Rìoghachd Aonaichte a th’ ann am Big Big Sing a tha ag amas air daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ seinn agus na buannachdan

26

slàinte is sunnd a tha e a’ toirt leis, a thaisbeanadh. Chaidh a thoirt gu bith le Baile a’ Chiùil UNESCO Ghlaschu ann an 2012 gus còisirean coimhearsnachd a stèidheachadh agus muinntir Ghlaschu a bhrosnachadh gu dhol an sàs ann an seinn. Liubhair Big Big Sing 173 tachartas ann an 2014, anns an robh faisg air 63,000 neach air feadh Alba com-pàirteach. Chleachd còrr air leth-mhillean neach goireas Big Big Songbook a chaidh a thoirt gu buil mar phàirt den phròiseact.

Chaidh luachadh air Prògram Cultarach Ghlaschu 2014, a bha air a cho-choimiseanadh le Alba Chruthachail agus Glaschu Beò, fhoillseachadh san Ògmhios 2015. Lorg e gun robh:

luchd-èisteachd de chòrr air 2.1 millean an sàs gu gnìomhach agus a’ faotainn tlachd à gnìomhachd cultarach air feadh Alba, le barrachd air 1.2 millean a’ faicinn thachartasan ann an Glaschu.

barrachd air 12,000 tachartas a’ gabhail àite, a’ gabhail a-steach 3,000

coileanadh, 3,600 latha taisbeanaidh agus 5,600 seisean ionnsachaidh is for-ruigheachd.

8,000 neach-ealain a’ faotainn taic gus obair a thoradh agus a thaisbeanadh.

600,000 neach com-pàirteach ann an coileanaidhean agus tachartasan.

1,600 com-pàirteachas ùr air a chruthachadh agus bha a’ mhòr-chuid dhiubh sin le buidhnean taobh a-muigh an t-saoghail ealain is cultair.

Prògram Cultarach Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 Ghlaschu

12,343 tachartas iomlan3,136 coileanadh3,600 latha taisbeanaidh5,607 seisean com-pàirteachaidh

601,875 com-pàirtiche iomlan17% 65 agus còrr41% 45-6419% 25-443% 16-2420% fo 16

Còrr air 8,000 neach-ealain an sàs27

198 buidheann spòrs201 buidheann coimhearsnachd278 buidheann foghlaim931 roinn gnìomhachais cultarach is cruthachail (+ feadhainn eile)1,600 com-pàirteachas ùr

Bha am Prògram Cultarach a’ neartachadh sgilean agus eòlas, comas cruthachail agus miann-adhartais tarsainn na roinne chultaraich agus lean e gu co-obrachaidhean ùra ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. B’ e obair fìor mhòr a bh’ ann an coileanadh a’ Phrògraim Chultaraich a thug còmhla comas de chòrr air 10,000 proifeiseantach ealain is cultair a thuilleadh air faisg air 4,000 saor-thoileach (le barrachd is trian dhiubh eadar aois 16 agus 24). Chruthaich am Prògram dàimhean obrach ùra, le barrachd na leth nam pròiseactan uile ag obair còmhla ri luchd-ealain, riochdairean agus cosnaichean a bha ùr dhaibh. Dh’aithris cuid mhòr de phròiseactan gun robh com-pàirteachadh sa Phrògram air toradh ann an cothroman ùra is eadar-dhealaichte no ann am barrachd chothroman dhaibh, agus air ìomhaigh an cuid obrach a mheudachadh.

A bharrachd air luachadh buaidh a’ Phrògraim, choimiseanaich Alba Chruthachail agus Glaschu Beò luachadh air càileachd na h-obrach a bha air a taisbeanadh, le pìleat de mhodail lèirmheas cho-leithidean, meòrachaidhean riochdairean agus ais-fhiosrachaidh bho luchd-èisteachd. Cho-dhùin an luachadh gun robh na tachartasan a’ tairgsinn raon fharsaing de fhèin-fhiosrachadh cuimhneachail ris na ghabh luchd-èisteachd gu dùrachdach agus gun do shaidhbhrich an roinn chultarach ‘Àm nan Geamannan’ gu mòr air feadh Alba.

Figear 9: Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh airson Buil 1

Tha barrachd obair ealantach chruthachail àrd-chàileachdail agus eadar-mheasgte air a toradh agus air a leasachadh air feadh Alba.

Comharra trì-bliadhna*

Tomhas Tùs Inbhe

1.1 Meudachadh ann an leud nam buidhnean a’ faotainn taic tro mhaoineachadh cunbhalach Alba Chruthachail.

Àireamh de bhuidhnean a’ faotainn taic tro mhaoineachadh cunbhalach Alba Chruthachail, a rèir seòrsa buidhne, prìomh ghnìomhachd, ciad

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail.

Chan eil atharrachadh san àireamh de bhuidhnean (82) a’ faotainn maoineachadh ioma-bhliadhnail ann an 2014/15.

28

chruth ealain agus àite cruinn-eòlasach.

1.2 Meudachadh ann an leud nam buidhnean agus daoine fa leth a’ faotainn taic tro Mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte agus Targaidte.

Àireamh de bhuidhnean a’ faotainn taic tro Mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte agus Targaidte Alba Chruthachail, agus luach a’ mhaoineachaidh a rèir prìomh ghnìomhachd, ciad chruth ealain agus àite cruinn-eòlasach.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail.

Bhuilich sinn 1,193 duais tro ar prògraman Trasnaidh, Phròiseactan Fosgailte agus Maoineachadh Targaidte, le luach iomlan de £48,212,396. Is e tomhas bunasach a tha seo, a rèir atharrachaidhean sna slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

1.3 Meudachadh san àireamh de thachartasan a’ faotainn taic tro mhaoineachadh Alba Chruthachail.

Àireamh de choileanaidhean, taisbeanaidhean, sgrionaidhean agus foillseachaidhean air an liubhairt tro mhaoineachadh Alba Chruthachail.

Tillidhean bliadhnail Alba Chruthachail agus foirmean sgrùdaidh deireadh pròiseict.

Dh’aithris buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach is bliadhnail gun do liubhair iad 94,360 tachartas poblach ann an 2014/15. Tha seo a’ riochdachadh meudachadh sa cheud de 10% bhon 85,924 tachartas a chaidh aithris ann an 2013/14.

1.4 Àireamh agus càileachd nan coimiseanan air am maoineachadh tro Phrògram Cultarach Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 Ghlaschu.

Àireamh de choimiseanan ùra (coileanaidhean, taisbeanaidhean, sgrionaidhean agus foillseachaidhean) air an taisbeanadh air feadh Alba.

Luachadh air Prògram Cultarach Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014 Ghlaschu.

Ghabh còrr air 12,000 tachartas àite, a’ gabhail a-steach barrachd air 3,000 coileanadh, 3,600 latha taisbeanaidh agus 5,600 seisean ionnsachaidh is for-ruigheachd.

* On is e bliadhna bhunasach a bh’ ann an 2014/15, cha thòisich mòran de na meudachaidhean mu choinneamh nan comharran sin a’ nochdadh gu Lèirmheas

29

Bhliadhnail 2015/16. Faodaidh na comharran sin a bhith fosgailte do dh’atharrachadh ma dh’atharraicheas ìrean iomlan maoineachaidh san àm seo.

Coileanadh mu choinneamh ar n-Àrd-amasan

2. Ruigsinneachd agus Tlachd

Tha sinn dealasach a thaobh meudachadh air an àireamh agus càileachd chothroman do dhaoine de gach aois, gus eòlas fhaotainn air agus ionnsachadh bho na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail, ge ’r bith càite am bi iad ann an Alba. Is e an dàrna rùn nar n-Àrd-amasan 10-bliadhna gum bi cothrom aig gach neach air agus tlachd a ghabhail à eòlasan ealantach is cruthachail. Mar phàirt de ar Frèam Stiùireadh Coileanaidh, tha sinn gu làithreach a’ tomhais ar n-adhartais mu choinneamh na buile a leanas: Buil 2:

Conaltradh poblach meudaichte tro lìonraidhean tùraidh nas làidire, riarachadh didseatach agus àrd-ùrlaran taisbeanaidh air feadh Alba.

30

#creativitymatters

Tha sinn air taghadh de gheàrr-thuairisgeulan a chur ri chèile bho 2014/15 gus togail air cuid den ghnìomhachd ’s de na prìomh phròiseactan a tha air an liubhairt le daoine fa leth agus le buidhnean. Tadhailibh air an làraich-lìn gus tuilleadh a leughadh mu dheidhinn:

• Book Week Scotland• Dance Hyperchoreography• Luchd-ealain ciorramach ann am Prògram Cultarach Ghlaschu 2014 • Dundee Rep Theatre – Blood Wedding• Ceòl traidiseanta do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd.

Meudachadh conaltradh cultarach

Mar Bhuidheann Poblach Neo-roinneil (NDPB), tha aig Alba Chruthachail ri co-thaobhadh ri Frèam Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba (NPF) . Tha am frèam-obrach seo mar shreath de cheumannan a tha còmhla ag aithris air mar a tha Alba a’ coileanadh agus a’ gabhail a-steach 50 comharra nàiseanta.

Tha Alba Chruthachail na chom-pàirtiche ainmichte ann an liubhairt air a’ chomharra nàiseanta airson Conaltradh Cultarach. Is e Suirbhidh Taigheadais na h-Alba (SHS) am prìomh thùs airson dàta aig ìre nàiseanta air com-pàirteachadh agus làthaireachd chultarach, a bhios a’ faighneachd don phoball mu an gnìomhachd chultarach sna 12 mìosan4 a dh’fhalbh. Lorg suirbhidh SHS 2014 timcheall air naoi a-mach à deich (90.8%) an sàs ann an cultar ann an 2014, an dàrna cuid le bhith a’ frithealadh no a’ tadhal air tachartas no àite cultarach no com-pàirteachadh ann an gnìomhachd chultarach sna 12 mìosan roimhe sin. Tha an ìre de chonaltradh cultarach air a chumail suas, agus ged a bha lùghdachadh beag (91%) sa bhliadhna roimhe sin, tha seo an taobh

4 Is e suirbhidh leantainneach a th’ ann an Suirbhidh Taigheadais na h-Alba, stèidhichte air sampall den àireamh-sluaigh choitcheann ann an taighean-còmhnaidh prìobhaideach ann an Alba. Tha e air a stiùireadh às leth Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna agus tha dàta sreath tìme ri fhaotainn bho 2012. http://www.gov.scot/Publications/2015/08/3720/13.

31

a-staigh an iomaill mearachd don t-suirbhidh seo. Gu sònraichte:

Fhritheil 80% tachartas no àite cultarach. B’ e coimhead fhilmichean san taigh-dhealbh (56% de dh’inbhich) a’ ghnìomhachd a bu mheasail aig daoine agus fhritheil timcheall air trian tachartasan ciùil beò (34%) agus coileanaidhean theatar (33%). Tha na figearan sin gun atharrachadh gu ìre mhòr bho 2013.

Chunnaic 2014 meudachadh cudromach ann an làthaireachd aig Ealain Sràide (17%) agus tachartasan Fèis Chultarach (15%). Tha na dhà air fàs còrr agus 35% bho 2012.

Ghabh 79% de dh’inbhich pàirt ann an cruth air choreigin de ghnìomhachd chultarach. B’ e leughadh airson tlachd (68%) gu follaiseach an cruth de chom-pàirteachadh cultarach air bu mhotha a bha meas, air a leantainn le cleachdadh coimpiutair no meadhanan sòisealta airson obair chruthachail a thoradh (24%).

Tha anailis de thillidhean na Suirbhidh Staitistigeach Bhliadhnail a fhuaireadh san Dàmhair 2015 (ag ath-nochdadh gnìomhachd don bhliadhna 2014/15) a’ sealltainn gun do dh’aithris buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach no bliadhnail:

làthaireachdan aig coileanaidhean, taisbeanaidhean, sgrionaidhean agus tachartasan poblach eile de chòrr air 5.67 millean5, ag èirigh gu àireamh chomasach luchd-èisteachd de chòrr air 12 millean, nuair a tha ruigheachd obrach ann an làraichean poblach air a ghabhail a-steach.

ghabh am poball pàirt ann an còrr air 270,000 turas, le com-pàirtichean air am mìneachadh mar iadsan a tha gu gnìomhach ag ionnsachadh, gan trèanadh no a’ gabhail pàirt sa ghnìomhachd.6

ag obair còmhla ri 4,689 saor-thoileach, a chur cuibheas de chòrr air 45 uair a thìde ris ann an 2014/15.

5,673,617 luchd-frithealaidh

2,749,581 coileanadh1,910,389 taisbeanadh822,060 sgrionadh5 Tha cothrom aig luchd-freagairt don t-Suirbhidh Staitistigeach Bhliadhnail air figearan fìor no tuairmseach a sholarachadh. Sholaraich 63% figearan fìor airson làthaireachdan aig coileanaidhean, 43% airson taisbeanaidhean, 67% airson sgrionaidhean agus 39% airson tachartasan poblach eile. 6 Tha cothrom aig luchd-freagairt don t-Suirbhidh Staitistigeach Bhliadhnail air figearan fìor no tuairmseach a sholarachadh. Sholaraich 62% figearan fìor airson com-pàirteachadh aig coileanaidhean, 66% airson taisbeanaidhean, 71% airson sgrionaidhean agus 37% airson tachartasan poblach eile.

32

191,587 tachartas poblach eile

Figear 10: Buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: làthaireachdan agus com-pàirteachadh 2014/15

Làthaireachdan 2014/15

Com-pàirteachadh 2014/15

Coileanaidhean 2,749,581 184,492Taisbeanaidhean 1,910,389 21,426Sgrionaidhean 822,060 2,220Tachartasan Poblach eile 191,587 65,333Iomlan 5,673,617 273,471

Bho 2013, tha Alba Chruthachail air seat de cheistean a chur ann an suirbhidh omnibus nàiseanta gus beachdan poblach a thuigsinn nas fheàrr a thaobh ealain is cruthachalachd, brosnachaidhean airson com-pàirteachadh ann an ealain is cultar agus bacaidhean sam bith a thaobh conaltraidh a dh’fhaodadh a bhith mu choinneamh dhaoine fa leth. Lorg Suirbhidh 20147:

gun do ghabh 61% de luchd-freagairt gnìomhachd chruthachail os làimh uair san t-seachdain aig a’ char as lugha.

gu bheil (73%) gam faicinn fhèin gu bhith cruthachail.

gu bheil dà thrian (67%) a’ faicinn ealain agus cultar mar phàirt chudromach de am beatha.

gum bu mhath le còrr agus leth (52%) pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan cruthachail nas trice.

Ged a tha Suirbhidh Taigheadais na h-Alba a’ sealltainn ìrean àrda de chom-pàirteachadh ann an raon de ghnìomhachdan cultarach, tha atharrachaidhean beachdachail an taobh a-staigh pròifil deamografach na h-Alba. Is ann air ceòl beò agus frithealadh taigh-dhealbh as motha a tha meas le daoine òga agus a’ crìonadh le aois, fhad ’s a tha ceàird mar a’ ghnìomhachd as motha air a bheil meas anns na buidhnean nas sine. Tha conaltradh cultarach a’ fuireach aig an ìre as ìsle dhaibhsan a tha còrr air 75, iadsan le suidheachaidhean slàinte fad-amail agus daoine a’ fuireach ann an àiteachan nas bochda, ag innse gu bheil bacaidhean ioma-thaobhach air conaltradh fhathast a’ maireachdainn. Tha an SHS cuideachd a’ nochdadh ceangal dìreach eadar ìrean foghlaim agus coltas air conaltradh ann an gnìomhachd chultarach.

Tha luchd-freagairt do na ceistean suirbhidh omnibus againn leis am bu mhath barrachd ghnìomhachdan cultarach inntrigeadh, ag ainmeachadh dìth ùine,

7 Suirbhidh Beachd Alba TNS, Bunait: Àireamh-sluaigh Inbheach na h-Alba (n=993), chaidh obair a choileanadh san t-Sultain 2014.

33

uallaichean dachaigh no teaghlaich, cosgais agus dìth cothroim mar chnapan-starra. Gu h-iomlan, b’ e dìth ùine am bacadh a bu chumanta ach bha droch shlàinte no ciorramachd na bhacadh nas cumanta do dhaoine nas sine (55+) agus daoine ann am buidhnean sòisealta nach robh math dheth, fhad ’s a bha cosgais na bhacadh nas motha do dhaoine nas òige (16-34) agus daoine ann am buidhnean sòisealta le anacothrom.

Tha Alba Chruthachail agus na buidhnean a tha sinn a’ maoineachadh a’ cumail suas cuimse làidir air cùisean ruigsinneachd is conaltraidh. Tha sinn a’ tuigsinn nan adhbharan toinnte airson conaltradh neo-chothromach le diofar bhuidhnean agus thathar ag amas air dèiligeadh leotha sin tro raon eadar-mheasgte de phrògramadh agus ghnìomhachdan for-ruigheachd, a’ gabhail a-steach:

Eadar 2012 agus tràth ann an 2015 mhaoinich agus thug Alba Chruthachail gu bith agus Prògram Adhartachaidh Cho-ionannachdan (PEP) anns an robh seachd diofar bhuidhnean a’ gabhail pàirt ann an rannsachadh gnìomha, gus na h-atharrachaidhean eagrachail a thuigsinn agus a bhuileachadh, air an robh feum gus co-ionannachdan, iomadachd agus in-ghabhail a chur aig cridhe a’ chlàir-obrach chruthachail. Fhuair lèirmheas air a’ phrògram gun robh cuimse air co-ionannachd a’ gineadh eòlas ealain nas àrd-chàileachdail, nas ùghdarrail, nas ùr-ghnàthaich agus nas eadar-mheasgte gu cruthachail.

Ann an 2012, bha Alba Chruthachail na chom-pàirtiche stèidhidh de Luminate – fèis aoiseadh cruthachail na h-Alba – a bhios a’ gabhail àite san Dàmhair gach bliadhna agus a tha a’ gabhail a-steach ghnìomhachdan air feadh na dùthcha. Fhritheil còrr air 41,500 neach an fhèis ann an 2014 agus bha cairteal den phrògram air a chuimseachadh air daoine a bha beò le seargadh-inntinn. Lorg Luachadh air a’ chiad trì bliadhna den phrògram gun robh e air leantainn gu barrachd luchd-eagrachaidh a bhith a’ prògramadh thachartasan do dhaoine nas sine taobh a-muigh na fèise, agus gun robhar a’ faicinn càileachd nan riochdachaidhean sin gu bhith àrd.

Ann an 2011, chaidh £2.25 millean a bhuileachadh air Alba Chruthachail bhon Phrògram Ais-airgid do Choimhearsnachdan aig Riaghaltas na h-Alba gus prògram trì-bliadhna de ghnìomhachdan dannsa, film agus ceòl a liubhairt do dhaoine òga ann an coimhearsnachdan èiseil air feadh Alba. Lorg luachadh air prògram Ais-airgead airson Cruthachalachd gun deach còrr air 21,000 neach òg an sàs ann an gnìomhachdan dearbhach eadar 2011/12 agus 2013/14. Thòisich Cuairt 3 de Ais-airgead airson Cruthachalachd ann an 2014/15, a’ còmhdach gach cruth ealain agus a’ buileachadh 17 duaisean air luach £973k tro a mhaoin ro-innleachdail, trì duaisean tro Mhaoin Trèanaidh is So-fhastachd (£248.5k) agus 30 duais tron Mhaoin Ealain Fhosgailte, a tha air a stiùireadh le YouthLink Alba.

Sheall buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail gun robh cuimse shònraichte aig an gnìomhachd air conaltradh le raon de

34

bhuidhnean ann an 2014/15. Dh’aithris na buidhnean sin gun robh cuibheas de 36% den phrògram cuimsichte air clann agus daoine òga, 26% air buidheann gnèitheil sònraichte agus 26% air daoine le cùisean slàinte is sunnd.

Figear 11: Buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: Gnìomhachd le cuimse shònraichte air buidhnean sòisealta 2014/15

Buidheann sòisealta % Cuibheasach Dubh, Àisianach mion- chinneachail 15Daoine ciorramach 20LGBTI 21Buidheann gnèitheil 26Clann agus daoine òga 36Daoine nas sine 14Creideas / Creideamh 6Slàinte / Sunnd 26

Ionnsachadh cruthachail

Tha dealas a thaobh foghlam bunaiteach do chinn-uidhe Alba Chruthachail agus tha ar n-obair a’ cur ris na ceithir chinn-uidhe uile an taobh a-staigh a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, a’ cuideachadh le luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, com-pàirtichean èifeachdach agus saoranaich earbsach a thogail. A thuilleadh air gnìomhachd air a liubhairt tro Mhaoineachadh Cunbhalach is Phròiseactan Fosgailte, tha Alba Chruthachail a’ stiùireadh an Iomairt Ciùil Òigridh, Ais-airgead airson Cruthachalachd agus Time to Shine, Ro-innleachd Ealain na h-Alba, agus a’ cur ri ar n-àrd-amasan a thaobh Ruigsinneachd is Tlachd, agus Àite is Càileachd Beatha.

Tha Suirbhidh Taigheadais na h-Alba a’ faighneachd do luchd-agallaimh inbheach mun t-seòrsa ghnìomhachdan sa bheil daoine òga san taigh aca gu cunbhalach

35

a’ gabhail pàirt. Tha dàta ga thional gach dà bhliadhna agus tha e ri fhaotainn airson 2012 agus 2014. Ann an 2014, sheall luchd-agallaimh gun robh 26% de dhaoine òga sna dachaighean aca a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachdan ciùil agus dràma agus 7% ann an gnìomhachdan ealain eile. Tha na figearan sin gun atharrachadh bho 2012.

Tha anailis air na toraidhean bho Shuirbhidh Staitistigeach Bliadhnail 2014/15 a fhuaireadh san Dàmhair 2015 a’ nochdadh gun do liubhair na buidhnean a bha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail 76,488 tachartas foghlaim agus for-ruigheachd, a’ solarachadh còrr air 1.66 millean cothrom airson com-pàirteachadh. Bha còrr air 1 mhillean de na cothroman sin do chloinn eadar 0 agus 4 bliadhna a dh’aois, sa mhòr-chuid cunntachail bho sheiseanan Bookbug air an ruith le Urras Leabhraichean na h-Alba ann an leabharlannan air feadh Alba. Tha pròifil a’ chom-pàirteachaidh a tha air aithris a rèirnam pàtranan conaltraidh làithreach is eachdraidheil tarsainn bhuidhnean aoise ann an Alba.

Figear 12: Buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: com-pàirteachadh ann an tachartasan ionnsachaidh agus for-ruigheachd 2014/15

Àireamh de chom-pàirtichean tràth-bhliadhnaichean (0-4 bliadhna a dh’aois) 1,169,389Àireamh de chloinn (5 - 12 bliadhna a dh’aois) 285,269Àireamh de chloinn (13 - 17 bliadhna a dh’aois) 58,720Àireamh de chom-pàirtichean òga (18 - 25 bliadhna a dh’aois) 18,026Luchd-ionnsachaidh inbheach (26+) 84,376Com-pàirtichean eile 45,000Iomlan 1,660,780

Ann an 2013, còmhla ri Foghlam Alba agus prìomh bhuidhnean foghlaim eile ann an Alba, dh’fhoillsich sinn a’ chiad Plana Ionnsachaidh Cruthachail ann an Alba, a tha ag amas air cruthachalachd a chur aig cridhe ionnsachaidh ann an Alba. Chaidh luachadh air a’ chiad ìre den Phlana fhoillseachadh sa Ghiblean 2015, a’ togail air na ceanglaichean ùra a bhathar a’ stèidheachadh eadar roinn an fhoghlaim agus luchd-cleachdaidh chruthachail agus a’ mìneachadh mholaidhean airson barrachd leasachaidh, a’ gabhail a-steach: leudachadh air riochdachadh sa Bhuidheann Stiùiridh; sgioblachadh a’ Phlana Gnìomha; agus leasachadh a bharrachd air dleastanasan ceannardais Foghlam Alba agus Leasachadh Sgilean Alba, ann an liubhairt air a’ Phlana.

Ann an 2014, thòisich sinn sa chiad bhliadhna de bhuileachadh air Time to Shine, Ro-innleachd Ealain Òigridh Alba. Bha an ro-innleachd a’ leantainn rannsachadh is co-chomhairleachadh ann an doimhneachd agus a’ riochdachadh lèirsinn 10-bliadhna a’ còmhdach gach neach bho 0 gu 25 bliadhna a dh’aois.

36

Tha còrr air 130 buidheann com-pàirteachaidh air a bhith an sàs sa chiad bhliadhna den phrògram agus air còrr air 250 obair ùr a chruthachadh, le leth dhiubh airson aois fo 25 bliadhna a dh’aois, san robh barrachd air 1,300 neach òg an sàs ann an cumhachdachadh, co-dhùnaidhean agus gnìomhachd luachaidh. Tro Time to Shine chaidh barrachd air 150 cothrom ùr saor-thoileach a chruthachadh suas gun Chèitean 2015.

Tha Alba Chruthachail a’ ruith Iomairt Ciùil Òigridh Riaghaltas na h-Alba (YMI) a tha a’ solarachadh ruigheachd air cothroman àrd-chàileachdail airson dèanamh ciùil do dhaoine òga agus a’ cur taic ri leasachadh air an roinn ciùil òigridh gu buannachd dhaoine òga. Thuairmsich luachadh ann an doimhneachd air an Iomairt Ciùil Òigridh gun robh am prògram 2014/15:

a’ cur an sàs còrr air 150,000 neach òg ann an cruthachadh ciùil stèidhichte san sgoil agus 76,000 ann an gnìomhachd a-mach às an sgoil.

a’ cur an sàs gu soirbheachail daoine òga le anacothrom sòisio-eaconamach agus daoine òga le feumalachdan taic a bharrachd.

a’ togail ìomhaigh ciùil agus cruthachadh ciùil agus a’ cumhachdachadh dhaoine òga agus choimhearsnachdan.

Lorg an luachadh air YMI gu bheil am prògram air còrr air 1,000 obair a chruthachadh a thuilleadh air còrr air 1,000 cothrom trèanaidh no obair shaor-thoileach, le barrachd air 2,200 neach a’ faotainn buannachd bho thrèanadh no Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach.

San Iuchar 2014, chaidh maoineachadh ùr de £3m thar trì bliadhna ainmeachadh airson Cuairt a Trì de Ais-airgead airson Cruthachalachd, air a riarachadh tron phrògram Ais-airgead airson Coimhearsnachdan aig Riaghaltas na h-Alba, a bhios a’ sgaoileadh prothaidean eucoir gu buannachd dhaoine òga. Bha seo na mheudachadh de thrian ann am maoineachadh bhon àm maoineachaidh roimhe sin. Tha am prògram a’ tairgsinn raon fharsaing de ghnìomhachdan agus de chothroman trèanaidh do dhaoine òga fo 25 bliadhna a dh’aois air feadh Alba, agus a tha a-nis air a leudachadh gus gach cruth ealain a chòmhdach, a’ gabhail a-steach: dannsa, film, ceòl, ealain lèirsinneach, dràma agus litreachas, a thuilleadh air meadhanan didseatach.

150,000 neach òg an sàs ann an dèanamh-ceòl anns an sgoil76,000 ann an gnìomhachd taobh a-muigh na sgoile còrr air 1,000 obair air a cruthachadh tron phrògram YMI còrr air 1,000 cothrom do fhoghlamaich is saor-thoilichcòrr air 2,200 neach a’ faotainn buannachd bho thrèanadhno leasachadh pearsanta leanatainneach

Conaltradh didseatach

Ann an co-rèir ri gluasadan sòisealta nas fharsainge, tha conaltradh agus 37

com-pàirteachadh didseatach a’ cumail air adhart a’ meudachadh ann an Alba. Chomharraich rannsachadh le Ofcom meudachaidhean ann an 2014 de dh’amharc neo-thraidiseanta (mar eisimpleir, seirbheisean glacaidh agus susbaint air-iarraidh) agus tha còrr air trian den èisteachd ann an Alba a-nis tro àrd-ùrlar didseatach. Ann an 2014 bha daoine ann an Alba a’ cur seachad cuibheas de 19.9 uairean a thìde san t-seachdain air-loidhne, suas bho 16.5 uairean a thìde ann an 2013.8

Tha anailis air freagairtean don t-Suirbhidh Staitistigeach Bhliadhnail a fhuaireadh san Dàmhair 2015 (a’ nochdadh gnìomhachd airson na bliadhna 2014/15) a’ taisbeanadh gun robh còrr air 20.34 millean tadhal air làraichean-lìn bhuidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail, le barrachd na 10.26 millean luchd-tadhail air leth.

Ann an 2014/15, bhuilich sinn 154 duais tro ar prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte le cuimse air taisbeanadh didseatach, sgaoileadh no com-pàirteachadh suas gu luach £4.33m. Chaidh na duaisean sin a bhuileachadh tarsainn raon de chruthan ealain agus chaidh 14 de na duaisean sin a bhuileachadh air tagraichean a’ fuireach anns an 15% as ìsle de na sgìrean as bochda ann an Alba, le luach de £368k.

Figear 13: Duaisean le cuimse air gnìomhachd didseatach 2014-15

Cruth ealainÀireamh Dhuaisean

Luach Dhuaisean (£)

Dannsa 1 750.00Dealbhadh 3 35,874.00Film/TBh 11 402,952.00Litreachas/Foillseachadh 11 226,095.00Ealain Ioma-chruthach 61 2,826,638.00Ceòl 52 694,066.00Theatar 2 42,037.00Ealain Lèirsinneach 13 101,831.00Iomlan 154 4,330,243.00

Ann an 2014/15, chom-pàirtich sinn le The Space, àrd-ùrlar didseatach den Rìoghachd Aonaichte gus comas air coimiseanan a mheudachadh gu luchd-ealain agus luchd-teicneòlais stèidhichte ann an Alba agus dh’fhoillsich sinn TTS.Digital, an t-ionad didseatach aig Time to Shine, Ro-innleachd Ealain Òigridh Nàiseanta, gus cothroman a chruthachadh do dhaoine òga airson teicneòlas cruthachail a rannsachadh le buidhnean ealain agus companaidhean teicneòlais. Tha sinn cuideachd air meudachadh fhaicinn anns an àireamh de dh’obraichean air-loidhne leithid City of the Blind aig Fire Exit – air a sgaoileadh gu neo-

8 OFCOM (2015) Aithisg Margaid Conaltraidh, Geàrr-iomradh na h-Alba, OFCOM http://stakeholders.ofcom.org.uk/binaries/research/cmr/cmr15/2015_Scotland_CMR.pdf

38

àbhaisteach mar ìos-lodadh – agus gach coileanadh de Untitled's Slope air a shruthadh beò bho Thaigh-cluiche an Citizens.

Chuir sinn taic tro ar maoin Ùr-ghnàthachais Targaidte ri àireamh de phròiseactan cuimsichte gu didseatach, a’ gabhail a-steach leantainneachd air Alt-w a bhios a’ cur taic ri luchd-ealain gus cleachdadh deuchainneach agus eadar-obrachail a rannsachadh, a’ toirt feum à teicneòlas ann an riochd àrd-ùrlar agus meadhan. An Dare To Be Digital: fèis Indie a’ mòr-thaisbeanadh obair nan companaidhean gheamannan a tha a’ tighinn am bàrr agus an Lìonra Tùraidh gus Tourbook a leasachadh agus a mhargaideachd mar àrd-ùrlar didseatach, airson taic a thoirt agus eadar-cheangal a dhèanamh eadar luchd-adhartachaidh agus luchd-coileanaidh anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus air an taobh a-muigh.

Tùradh

Tha anailis air tillidhean Suirbhidh Staitistigeach Bliadhnail bho bhuidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail airson na bliadhna 2014/15 a’ taisbeanadh gun do ghabh iad gnìomhachd tùraidh os làimh ann an còrr air 740 ionad-cruinneachaidh air feadh Alba agus farsaingeachd na Rìoghachd Aonaichte, ann an coimeas ri gnìomhachd tùraidh ann an 885 ionad-cruinneachaidh ann an 2013/14.

Ann an 2014/15, bhuilich Alba Chruthachail 150 duais tro raon de shlighean gus cuideachadh le tùradh a dhèanamh comasach, le duais iomlan de £4.56m:

20 duais de luach £987k tro phrògram Trasnaidh Riochdachadh Càileachdail.

53 duais tro phrògram Trasnaidh Prògramadh Tùraidh, Fèisean agus Ealain, gu luach iomlan de £1.1m.

Bha eileamaid tùraidh san 68 duais tro Mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte, leis na buileachaidhean a’ tighinn gu £1.97m.

Chaidh ochd duaisean a bhuileachadh tro mhaoin Thargaidte gus taic a chur ri tùradh air sgèile mhòr, gu luach £326k.

Chaidh £175k a bhuileachadh tro mhaoin Tùraidh Crois-Crìche Targaidte, com-pàirteachas eadar Comhairlean Ealain na Rìoghachd Aonaichte gus taic a chur ri tùradh air feadh nàiseanan na Rìoghachd Aonaichte.

Bha na duaisean do bhuidhnean ag obair air feadh Alba agus ann an raon de chruthan ealain. Chaidh trì de na duaisean a bhuileachadh air tagraichean a’ fuireach anns an 15% as ìsle sna sgìrean as bochda ann an Alba, le luach de £75k.

39

Figear 14: Duaisean a’ cur taic ri tùradh 2014/15

Cruth Ealain DuaiseanLuach na Duaise (£)

Dannsa 12 506,012Dealbhadh 1 40,110Film 9 240,000Litreachas / Foillseachadh 9 229,987Ealain Ioma-chruthach 61 1,862,017Ceòl 28 641,296Theatar* 25 969,358Ealain Lèirsinneach 5 72,000Iomlan 150 4,560,780

* Tha àireamh àrd de dhuaisean stèidhichte air theatar air an glacadh anns an roinn ealain ioma-chruthach, gu h-àraid duaisean do dh’ionadan cruinneachaidh ealain ioma-chruthach le goireasan theatair.

Gàidhlig, Albais agus Ealain Traidiseanta

Lorg Cunntas-sluaigh na h-Alba ann an 2011 gun robh 1.1% den àireamh-sluaigh (no 58,000 neach) aois 3 agus còrr ann an Alba a’ labhairt Gàidhlig, tuiteam mion-bheag bho 1.2% (59,000) ann an 2001. Tha comas-labhairt Gàidhlig nas bitheanta sna h-Eileanan an Iar far a bheil 52% (14,000 neach) den àireamh-sluaigh a’ labhairt Gàidhlig. Tha sgìrean eile le àireamhan cuibheasach àrd de luchd-labhairt Gàidhlig a’ gabhail a-steach a’ Ghàidhealtachd (12,039), Glaschu (5,891), Dùn Èideann (3,157) agus Earra-Ghàidheal is Bòd (3,451).

Airson a’ chiad uair bha ceistean mun chànan Albais ann an Cunntas-sluaigh 2011. Nochd còrr air 1.5 millean neach gun urrainn dhaibh Albais a labhairt. Tha Albais nas bitheanta ann an Iar Thuath na h-Alba agus na h-Eileanan a Tuath; dh’aithris 48% de luchd-còmhnaidh Siorrachd Obar Dheathain, 45% den luchd-còmhnaidh ann am Moireibh agus 38% ann an Obar Dheathain gun robh iad a’ labhairt Albais. Tha ìrean àrda de luchd-labhairt Albais ann an Sealtainn is Arcaibh cuideachd - 49% agus 41% sa cheud fa leth.

Ann an 2014/15 bhuilich sinn 119 duaisean tro ar prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Phròiseactan Fosgailte agus Targaidte le cuimse chudromach air Gàidhlig, Albais agus Ealain Traidiseanta, gu luach £2.8m. A thuilleadh air an sin, ruith sinn dà mhaoin Targaidte gu sònraichte cuimsichte air Gàidhlig agus Albais agus Ealain Traidiseanta, gu luach £98.5k agus £35k fa leth.

40

Figear 15: Duaisean le cuimse air Gàidhlig, Albais agus Ealain Traidiseanta 2014/15

  DuaiseanSùim Builichte (£)

Gàidhlig 36 1,255,136Albais 20 374,359Ealain Traidiseanta 63 1,168,655

Figear 16: Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh comharran coileanaidh do Bhuil 2

41

Buil 2:

Conaltradh poblach meudaichte tro lìonraidhean tùraidh nas làidire, sgaoileadh didseatach agus àrd-ùrlaran taisbeanaidh air feadh Alba.

Comharra trì-bliadhna*

Tomhas Tùs Inbhe

2.1. Cur ri cumail suas ìre àrd de chonaltradh cultarach inbheach air feadh farsaingeachd na h-Alba tro ar n-obair mhaoinichte. (Comharra Nàiseanta)

An % de dh’inbhich an sàs ann an ealain is cultar air feadh Alba, tron t-seòrsa gnìomhachd chultarach agus tricead com-pàirteachaidh.

Dàta bho Shuirbhidh Taigheadais na h-Alba airson 2014 foillsichte san Lùnastal 2015.

Le 90.8% de dh’inbhich an sàs ann an cultar ann an 2014, le bhith frithealadh no tadhal air tachartas no ionad cultarach no com-pàirteachadh ann an gnìomhachd chultarach, tha lùghdachadh mion-bheag bho 91% ann an 2013. Tha seo an taobh a-staigh an iomaill mearachd airson an t-suirbhidh seo.

2.2 Cur ri meudachadh air conaltradh cultarach chloinne air feadh farsaingeachd Alba tro ar n-obair mhaoinichte.

An % de chloinn an sàs anns na h-ealain agus cultar air feadh Alba, a rèir seòrsa gnìomhachd chultarach agus tricead com-pàirteachaidh.

Dàta Suirbhidh Taigheadais na h-Alba airson 2014 foillsichte san Lùnastal 2015.

Ann an 2014, lorg an SHS gun robh 26% de dhaoine òga a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachdan ciùil no dràma agus 7% ann an gnìomhachdan ealain eile. Tha na figearan sin gun atharrachadh bho 2012.

2.3 Meudachadh anns an àireamh de chothroman didseatach tro mhaoineachadh Alba Chruthachail.

Cunntas agus luach ghnìomhachdan maoinichte le Alba Chruthachail le cuimse air (a) taisbeanadh didseatach is sgaoileadh agus (b) com-pàirteachadh didseatach.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, air a bhriseadh sìos a rèir còd-puist, cruth ealain agus sgìrean bochdainn.

Ann an 2014/15, bhuilich sinn 154 duais le cuimse air taisbeanadh didseatach, sgaoileadh no com-pàirteachadh, le luach £4,330,243. Is e tomhas bunaiteach a tha seo a rèir atharrachaidhean air slighean maoineachaidh ann

42

an 2014/15.2.4 Meudachadh san uimhir ealain a’ tùradh air feadh Alba.

Cunntas agus luach ghnìomhachdan maoinichte le Alba Chruthachail, le fòcas air tùradh.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, air a bhriseadh sìos a rèir còd-puist, cruth ealain agus sgìrean bochdainn.

Ann an 2014/15, bhuilich Alba Chruthachail 150 duais tro raon de shlighean gus cuideachadh le tùradh a dhèanamh comasach, le buileachadh iomlan de £4,560,780.Is e tomhas bunaiteach a tha seo a rèir atharrachaidhean air slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

*On is e bliadhna bhunasach a bh’ ann an 2014/15, cha thòisich mòran mheudachaidhean mu choinneamh nan comharran sin a’ nochdadh gu Lèirmheas Bladhnail 2015/16. Dh’fhaodadh gum bi na comharran sin ag atharrachadh ma bhios ar n-ìrean maoineachaidh iomlan ag atharrachadh thar na h-ùine seo.

Coileanadh mu choinneamh ar n-Àrd-amasan

3. Àiteachan agus càileachd beatha

Tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas le Ùghdarrasan Ionadail agus eile gus cruthachalachd agus cultar a neadachadh ann an coimhearsnachdan, agus gus a dhèanamh cinnteach gu bheil luach ga chur air obair shònraichte ionadail agus

43

ga bhrosnachadh. Is e an treas fear de ar n-Àrd-amasan 10-bliadhna gum bi àiteachan agus càileachd beatha air an cruth-atharrachadh tro mhac-meanmhainn, miann-adhartais agus tuigse do chomas cruthachalachd. Mar phàirt de ar Frèam Stiùireadh Coileanaidh, tha sinn gu làithreach a’ tomhas ar n-adhartais mu choinneamh na buile a leanas:

Buil 3:

Meudachadh ann an luchd-ealain agus daoine cruthachail ag obair le coimhearsnachdan agus a’ dèiligeadh le feumalachdan ionadail.

#creativitymatters

Tha sinn air taghadh de gheàrr-thuairisgeulan a chur ri chèile bho 2014/15 gus togail air cuid den ghnìomhachd ’s de na prìomh phròiseactan a tha air an liubhairt le daoine fa leth agus le buidhnean. Tadhailibh air an làraich-lìn gus tuilleadh a leughadh mu dheidhinn:

• Com-pàirteachas Àite Obar Dheathain • Air falbh leis na h-eòin (Away with the Birds) • Baltic Street Adventure Playground• Dunoon Burgh Hall • Glasgow Youth Arts Hub

Pròifil maoineachaidh cruinn-eòlasach

Ann an 2014/15, bha luchd-faighinn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail stèidhichte ann an 17 de na 32 Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba, ged a tha a’ mhòr-chuid ag obair gu farsaing ann an sgìrean seachad air an sgìre dhachaigheil. Gu h-iomlan, dh’ aithris 48 buidhnean ag obrachadh ionadan-cruinneachaidh poblach 5.26 millean tadhal air na h-ionadan sin – ach cuideachd, liubhair iad 2,642 tachartas ann an sgìrean Ùghdarrasan Ionadail eile. Tarsainn

44

nam buidhnean uile a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail, liubhair buidhnean 70% de an gnìomhachd nan sgìre Ùghdarrais Ionadail fhèin, 22% ann an sgìrean Ùghdarrasan Ionadail eile, 4% air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus 4% gu h-eadar-nàiseanta.

Ann an 2014/15, chaidh prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte a bhuileachadh air luchd-faighinn anns gach aon de na 32 sgìrean Ùghdarrais ionadail ann an Alba. Tha duaisean gam buileachadh a rèir còd-puist an tagraiche agus bu chòir a thoirt fa-near nach eil stèidh an tagraiche gu riatanach a’ sealltainn far a bheil am pròiseact no an obair a’ gabhail àite. Bhuilich sinn cuideachd 139 duais air luchd-faighinn taobh a-muigh na h-Alba gus tùradh agus iomlaid eadar-nàiseanta a chomasachadh, luchd-ealain Albannach a mhòr-thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta agus taic a thoirt do bhuidhnean le dleastanas a thaobh farsaingeachd na Rìoghachd Aonaichte, gu prògraman obrach a liubhairt ann an Alba. Gu h-iomlan, bhuilich sinn 1,322 duais tarsainn ar slighean maoineachaidh uile (a’ gabhail a-steach iadsan a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail).

Tarsainn nam prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte, thaisbean tagraichean soirbheachail £153m gu h-iomlan ann am maoineachadh com-pàirteachais (stèidhichte air dàta air a sholarachadh aig ìre tagraidh). Faic Figear 18.

Figear 17: Cunntas agus luach dhuaisean maoineachaidh Alba Chruthachail uile a rèir sgìre Ùghdarrais Ionadail

Sgìre Ùghdarrais Ionadail Tagraidhean Duaisean

Sùim Builichte (£)

Baile Obar Dheathain 51 17 1,109,564Siorrachd Obar Dheathain 52 18 1,374,850Siorrachd Aonghais 26 10 464,387Earra-Ghàidheal is Bòd 64 22 1,950,798

45

Siorrachd Chlach Mhanainn 8 3 94,255Dùn Phris is Gall-ghàidheil 61 19 1,291,297Baile Dhùn Dè 83 32 8,712,029Siorrachd Inbhir Àir an Ear 24 2 190,888Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear

3612 531,385

Lodainn an Ear 45 20 588,351Siorrachd Rinn Friù an Ear 13 4 171,274Baile Dhùn Èideann 908 356 22,132,077Na h-Eileanan Siar 44 20 1,105,874An Eaglais Bhreac 18 6 284,908Fìobha 95 27 617,740Baile Ghlaschu 1,006 418 18,267,177A’ Ghàidhealtachd 198 90 4,457,827Inbhir Chluaidh 22 13 308,424Meadhan Lodainn 29 10 222,286Moireibh 32 14 536,379Siorrachd Inbhir Àir a Tuath 14 8 1,217,087Siorrachd Lannraig a Tuath 44 15 780,559Eileanan Arcaibh 18 10 489,638Peairt is Ceann Rois 52 15 3,293,892Siorrachd Rinn Friù 23 4 319,937Na Crìochan 76 21 663,060Eileanan Shealtainn 19 5 352,128Siorrachd Inbhir Àir a Deas 16 7 1,537,865Siorrachd Lannraig a Deas 75 27 791,459Sruighle 57 18 1,402,390Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar

269 445,909

Lodainn an Iar 32 12 625,941Eile* 139 58 1,598,160Iomlan 3,406 1,322 77,929,795**

*Tha am maoineachadh seo airson taic do ghnìomhachd a bhios na bhuannachd do luchd-èisteachd, luchd-ealain agus daoine ann an Alba, a’ comasachadh iomlaid tùraidh eadar-nàiseanta, a’ mòr-thaisbeanadh luchd-ealain Albannach gu h-eadar-nàiseanta agus a’ ceadachadh do bhuidhnean le dleastanas tarsainn na Rìoghachd Aonaichte, obair a liubhairt ann an Alba.

**chan eil an t-sùim seo a’ gabhail a-steach cosgaisean pròiseict airson prògraman maoineachaidh Targaidte.

46

Figear 18: Cunntas agus luach maoineachadh com-pàirteachais air fhaotainn tro phrògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte le sgìre Ùghdarrais Ionadail ann an 2014/15.

Sgìre Ùghdarrais Ionadail

Duaisean

Maoineachadh Com-pàirteachais: Teachd-a-steach (£)

Maoineachadh Com-pàirteachais: Calpa (£)

Maoineachadh Com-pàirteachais Iomlan (£)

Baile Obar Dheathain 14 982,737 - 982,737Siorrachd Obar Dheathain 13 282,713 -- 282,713Siorrachd Aonghais 10 97,985 88,719 186,704Earra-Ghàidheal is Bòd 20 362,816 3,358,461 3,721,277

47

Siorrachd Chlach Mhanainn 3 287,246 - 287,246Dùn Phris Is Gall-ghàidheil 19 527,747 5,945,000 6,472,747Baile Dhùn Dè 29 2,165,597 40,500,000 42,665,597Siorrachd Inbhir Àir an Ear 2 9,519 - 9,519Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear 11 603,065 - 603,065Lodainn an Ear 18 322,487 - 322,487Siorrachd Rinn Friù an Ear 4 24,586 - 24,586Baile Dhùn Èideann 314 17,736,625 - 17,736,625Na h-Eileanan Siar 16 651,954 - 651,954An Eaglais Bhreac 6 178,333 - 178,333Fìobha 25 603,621 - 603,621Baile Ghlaschu 375 22,369,817 20,572 22,390,389A’ Ghàidhealtachd 80 9,093,611 422,000 9,515,611Inbhir Chluaidh 13 195,738 - 195,738Meadhan Lodainn 10 52,666 - 52,666Moireibh 14 128,225 - 128,225Siorrachd Inbhir Àir a Tuath 8 1,323,411 - 1,323,411Siorrachd Lannraig a Tuath 14 216,746 - 216,746Eileanan Arcaibh 8 176,835 - 176,835Peairt is Ceann Rois 13 541,394 12,900,000 13,441,394Siorrachd Rinn Friù 4 54,240 - 54,240Na Crìochan 21 744,422 - 744,422Eileanan Shealtainn 4 225,122 - 225,122Siorrachd Inbhir Àir a Deas 7 278,152 1,516,000 1,794,152Siorrachd Lannraig a Deas 27 247,985 - 247,985Sruighle 16 561,707 - 561,707Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar 9 1,151,810 - 1,151,810Lodainn an Iar 11 290,228 - 290,228Taobh a-muigh Alba* 55 25,832,968 - 25,832,968Iomlan 1,193 88,322,108 64,750,752 153,072,86

0

* Tha am maoineachadh seo airson taic do ghnìomhachd a bhios na bhuannachd do luchd-èisteachd, luchd-ealain agus daoine ann an Alba, a’ comasachadh iomlaid tùraidh eadar-nàiseanta, a’ mòr-thaisbeanadh luchd-ealain Albannach gu h-eadar-nàiseanta agus a’ ceadachadh do bhuidhnean le dleastanas tarsainn na

48

Rìoghachd Aonaichte, obair a liubhairt ann an Alba.

Com-pàirteachasan Àite

Bho 2011 tha Alba Chruthachail air a bhith ag obair le Ùghdarrasan Ionadail gus Com-pàirteachasan Àite a leasachadh agus a liubhairt san sgìre aca. Is e ar n-àrd-amas don phrògram Com-pàirteachais Àite, conaltradh nas ro-innleachdail a thogail tarsainn cruinn-eòlas na h-Alba tro thairgse de ghoireas tìm-chuibhrichte air a dheilbh gus dèiligeadh le cùisean ionadail no neart sònraichte a leasachadh. Ann an 2014/15, bha a h-aon de na Com-pàirteachasan Àite a’ dol air adhart: Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathain, Earra-Ghàidheal is Bòd, Dùn Phris is Gall-ghàidheil, Dùn Dè, A’ Ghàidhealtachd, Inbhir Chluaidh, Siorrachd Inbhir Àir a Tuath, Peairt is Ceann Rois, Na Crìochan agus Siorrachd Inbhir Àir a Deas.

Tha maoineachadh iomlan Alba Chruthachail de £2.2m tarsainn nan aon-deug chom-pàirteachasan sin air a mhaidseadh le tasgadh ionadail tuairmsichte de £2.7m ann an airgead agus ann an cuideachadh eile. Tha àireamh shònraichte fhèin de phrìomhachasan aig gach Com-pàirteachas Àite, a tha a’ nochdadh nan cothroman agus nam feumalchdan cultarach san sgìre aca. Tha iad sin air an aontachadh tro phròiseas de cho-chomhairleachadh ionadail agus agus air iomradh ann am planaichean liubhairt a bhios gu h-àbhaisteach thairis air trì no ceithir bliadhna. Tha gach plana sònraichte do àite fhèin, ach uaireannan bidh tèaman a’ tachairt a-rithist, a’ gabhail a-steach: togail ìomhaigh ghoireasan cultarach mar neart in-phàirteach ann an leasachadh sòisealta is eaconamach ionadail; meudachadh ìrean conaltraidh ann an cultar ann an raointean sònraichte agus deamografan; comasachadh bhuidhnean ealain gu comas agus seasmhachd a mheudachadh; agus a’ fàs ’s a’ gleidheadh tàlant agus tionnsgaineachd cruthachail.Tha Duaisean Àite Cruthachail a’ comharrachadh obair chruaidh agus am mac-meanmhainn a tha a’ cur ris a’ bheatha shaidhbhir chultarach ann an coimhearsnachdan beaga na h-Alba, a thuilleadh air an sunnd sòisealta agus eaconamach. Tha iad ag aithneachdadh euchdan agus àrd-amasan ann a bhith a’ cleachdadh ghnìomhachdan cruthachail an dà chuid gu buannachd nan coimhearsnachdan ionadail agus gus luchd-tadhail a thàladh. Fhuaireadh 20 tagradh bho thairis air 12 sgìre Ùghdarrais Ionadail airson Duaisean Àite Cruthachail 2014. Chaidh ainmichean air a’ gheàrr-liosta a thaghadh airson an cliù ann an liubhairt prògram obrach àrd-chàileachdail, càileachd am planaichean gus am prògram aca a neartachadh agus airson a bhith an sàs sa choimhearsnachd fharsaing. Fhuair buannaichean gach buidhne maoineachadh eadar £50k agus £150k gus an comasachadh air an gnìomhachd a neartachadh nas motha:

Bun Ilidh, buannaichean buidhne airson coimhearsnachdan le nas lugha na 2,500 neach-còmhnaidh

Na Puballan, buannaichean buidhne airson coimhearsnachdan le nas lugha na 10,000 neach-còmhnaidh

49

An Eaglais Bhreac, buannaichean buidhne airson coimhearsnachdan le nas lugha na 100,000 neach-còmhnaidh

Bun-structar Cultarach

Tha ar prògram leantainneach de thasgadh calpa a’ cumail air adhart a’ cur taic ri leasachadh ealain agus bun-structar cultarach air feadh Alba, an dà chuid tro thasgadh ann an goireasan ealain corporra agus obair do bhuidhnean a tha a’ leasachadh mhodalan gnothachais nas seasmhaiche. Ann an 2014/15, bha ar fòcas airson duaisean a’ gabhail a-steach:

Goireasan do bhuidhnean agus luchd-ealain gus obair a dhèanamh agus a thaisbeanadh, a’ gabhail a-steach Ionad Gaiety Inbhir Àir airson Theatar agus Ealain, Urras Talla Bhaile Dhùn Omhain agus leasachadh ionad airson Litreachas Chloinne aig Taigh Moat Brae ann an Dùn Phris.

Leasachadh air bun-structar tarsainn roinnean cruthachail, mar eisimpleir an roinn clò-bhualaidh ann an Alba tro thasgadh ann an Stiuidiothan Clò-bhualaidh Ghlaschu, agus ath-nuadhachadh air an taigh-dhealbh eachdraidheil ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Leasachadh air an V&A ann an Dùn Dè, ionad eadar-nàiseanta dealbhaidh ann an Alba, a’ comharrachadh cudromachd na h-Alba ann an dealbhadh: mar a bha, mar a tha agus mar a bhios.

Goireasan còmhnaidheachd ann an tèarmann luchd-ealain Cove Park a tha a’ gabhail a-steach ath-thogail iomlan air prìomh thogalach an ionaid, dà aonad fuirich ùr ga chur ris agus stiuidiothan a fhritheileas feumalachdan luchd-ealain nas fheàrr, meudachadh an tairgse agus leasachadh an ceangail leis a’ choimhearsnachd ionadail.

Tha sinn a’ leantainn air adhart a’ solarachadh comhairle do phròiseactan calpa a tha san amharc ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, agus a’ cuideachadh le cothroman a chomharrachadh airson leasachadh no neartachadh air bun-structar cultarach air feadh Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach taic do ath-leasachadh air meadhan a’ bhaile tro mhaoineachadh airson prìomh ghoireasan poblach an taobh a-staigh meadhan bhailtean. Tha sinn a’ leantainn a’ cur taic ri Sgrion Roinneil Alba a tha a’ ruith Screen Machine, a’ toirt fhilmichean gu sgìrean iomallach agus dùthchail aig a bheil ruigsinneachd cuibhrichte air taighean-dealbh, agus Film Hub Alba, a’ leudachadh roghainn air film, meudachadh agus leudachadh luchd-amhairc film, agus a’ neartachadh chothroman do luchd-èisteachd a dhol an sàs agus ionnsachadh mu fhilm.

Ann an 2014/15, bhuilich sinn 12 duaisean a’ cur taic ri bun-structar cultarach ùr no neartaichte tron Chom-pàirteachas Àite agus prògraman maoineachaidh Calpa targaidte.

50

Figear 19: Cunntas agus luach dhuaisean Targaidte airson Com-pàirteachasan Àite agus Calpa 2014/15

Sgìre Ùghdarrais Ionadail Duaisean

Sùim Builichte (£)

Siorrachd Aonghais 1 100,000Earra-Ghàidheal is Bòd 3 897,865Dùn Phris is Gall-ghàidheil 1 687,543Baile Dhùn Dè 2 5,250,000Baile Dhùn Èideann 1 40,000Baile Ghlaschu 1 20,572A’ Ghàidhealtachd 1 259,000Peairt is Ceann Rois 1 2,000,000Siorrachd Inbhir Àir a Deas 1 1,176,277Iomlan 12 10,431,257

Àrainneachd

Tha sinn a’ cumail air adhart a’ cur taic ri Càrbon Cruthachail Alba gus luchd-ealain agus buidhnean ealain a chuideachadh ann an tomhais agus lùghdachadh càrboin, agus an cuideachadh do Thèama Ceangail Àrainneachd a leasachadh tro adhartachadh air deasbad agus atharrachadh giùlaineach, a’ ruith phròiseactan a bhios a’ ceangal nan ealan is seasmhachd agus a’ tagradaireachd airson seasmhachd àrainneachdail anns na h-ealain, sgrion agus gnìomhachsan cruthachail. As t-Fhoghar 2014, dh’ainmich sinn gum biodh aig Buidhnean Maoinichte Cunbhalach uile ri aithris air an sgaoilidhean càrboin airson na h-ùine eadar 1 Giblean 2015 agus às a dhèidh.

Ann an 2014/15, sholaraich Càrbon Cruthachail Alba taic susbainteach don roinn gus taic a thoirt do mhothachadh àrainneachdail, a’ coinneachadh còrr air 100 buidheann cultarach airson cuideachadh le clàradh is lùghdachadh nas èifeachdaich agus nas buadhaich air sgaoilidhean, agus sholaraich iad ruigheachd an-asgaidh air àireamh de dh’innealan airson tional dàta àrainneachdail. Tràth ann an 2015, thug iad aoigheachd do 20 bùth-obrach trèanaidh fada is farsaing air feadh na dùthcha, air am frithealadh le 65 buidhnean, a’ dèiligeadh le tional dàta air siubhal, goireasan is sgudal agus leasachadh phoileasaidhean àrainneachdail.

51

Tha sinn air buidhnean maoinichte cunbhalach is bliadhnail uile a bhrosnachadh gu bhith ag aithris air an sgaoilidhean càrboin airson na bliadhna 2014/15 agus bha 92 (faisg air 75%) comasach air aithisg shusbainteach no ann am pàirt a sholarachadh mu an sgaoilidhean càrboin. Tha dìreach còrr air leth de na buidhnean sin a’ pàigheadh gu dìreach airson an lùth agus an ath-chuairteachaidh, a’ daingneachadh nan dùbhlan a tha an lùib tomhas lorg-coise àrainneachdail na roinne. Ach bha còrr air 60% den luchd-freagairt comasach air dàta a sholarachadh do na h-ìrean sgudail aca.

Mothachalachd do chruthachalachd is sunnd ionadail

Tha Suirbhidh Taigheadais na h-Alba a’ faighneachd do luchd-freagairt mu an riarachas le goireasan cultarach, spòrs is chur-seachadan an Ùghdarrais Ionadail. Lorg e gun robh: 52% den luchd-freagairt glè no meadhanach riaraichte le an goireasan spòrs is chur-seachadan - sìos 1% bho 2013; bha 46% glè no meadhanach riaraichte le taighean-tasgaidh agus gailearaidhean an Ùghdarrais Ionadail (suas 2%); agus bha 47% glè no meadhanach riaraichte le taighean-cluiche agus tallaichean cuirme an Ùghdarrais Ionadail (suas 1% bho 2013). Ach, tha ìrean riarachais mòran nas àirde am measg iadsan a tha a’ taisbeanadh gun do chleachd iad na goireasan sin sa bhliadhna a chaidh seachad (aig 87%, 92% agus 91% fa leth) agus cunbhalach le ìrean sna bliadhnaichean roimhe sin.

Ann an 2014 dh’innis 89% de luchd-freagairt an t-suirbhidh omnibus dhuinn gu bheil iad den bheachd gur e nàisean chruthachail a th’ ann an Alba, meudachadh de 1% air a’ bhliadhna roimhe sin. Ach bha nas lugha na dà thrian (64%) den bheachd gur e àite cruthachail a tha san sgìre ionadail aca, sìos 2% air 2013. A dh’aindeoin sin, lean am poball a’ cur luachadh àrd air cothroman cultarach ionadail: dh’aontaich trì-chairteal den luchd-freagairt (76%) gun cailleadh daoine san sgìre ionadail aca nìtheigin luachmhor nan cailleadh an sgìre a gnìomhachdan ealain is cultair, meudachadh de 2% ann an 2013.

Tha sinn cuideachd a’ faighneachd do luchd-freagairt ceistean an t-suirbhidh omnibus againn mu am mothalachd do na buannachdan sunnd ann a bhith an sàs ann an gnìomhachdan cultarach:

B’ e fois a’ bhuannachd a bu bhitheanta ann an gnìomhachd chruthachail (51%) air a leantainn le ‘faireachdainn math’ (44%), feabhas slàinte (27%) agus misneachadh (21%).

Bha barrachd luchd-freagairt a’ faireachdainn gun robh gnìomhachd chruthachail gan cuideachadh gu bhith nas gnìomhaiche gu sòisealta na sna bliadhnaichean roimhe sin den t-suirbhidh: gan toirt a-mach às an taigh (43%); cur seachad ùine le caraidean is teaghlach (42%); agus coinneachadh ri daoine ùra (39%).

52

Bha buannachdan eile a chaidh aithris a’ gabhail a-steach ionnsachadh air nì ùr (36%), leudachadh am fàire (29%) agus ceadachadh do dhaoine iad fhèin a chur an cèill (26%).

Bha 89% den luchd-freagairt a’ faireachdainn gur e nàisean chruthachail a th’ ann an Alba.

Dh’aontaich 74% den sgìre ionadail gun cailleadh daoine nì de luach nan cailleadh an sgìre aca a gnìomhachdan ealain is cultarach

Figear 20: Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanadh airson Buil 3

Meudachadh anns an àireamh de luchd-ealain agus daoine cruthachail ag obair le coimhearsnachdan agus a’ dèiligeadh le feumalachdan ionadail.

Comharra trì-bliadhna*

Tomhas Tùs Inbhe

3.1 Sgaoileadh nas leatha air maoineachadh Alba Chruthachail a rèir àite cruinn-eòlasach.

Cunntas agus luach dhuaisean maoineachaidh Alba Chruthachail, a’ gabhail a-steach taic do bhun-structar cultarach ùr no neartaichte.

Dàta maoineachaidh obrachaidhean Alba Chruthachail.

Ann an 2014/15, bha luchd-faighinn maoineachaidh cunbhalach is bliadhnail stèidhichte ann an 17 de na 32 Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba. Ann an 2014/15, bha prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte air am buileachadh air luchd-faighinn ann an 32 sgìrean Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba. Bhuilich sinn 12 duaisean

53

a’ cur taic ri bun-structar cultarach ùr no neartaichte tro phrògraman maoineachaidh Com-pàirteachas Àite agus Calpa Targaidte. Is e tomhaisean bunasach a tha sin a rèir nan atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

3.2 Sùim meudaichte de mhaoineachadh com-pàirteachais air a shìoladh tro mhaoineachadh Alba Chruthachail air feadh Alba.

Luach maoineachadh com-pàirteachais air a thèarainn tro mhaoineachadh Alba Chruthachail air feadh Alba agus air a riarachadh a rèir sgìrean Ùghdarrais ionadail.

Dàta maoineachaidh obrachaidhean Alba Chruthachail.

Tarsainn phrògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte, nochd tagraichean soirbheachail £153,072,860 gu h-iomlan ann am maoineachadh com-pàirteachais. Is e tomhaisean bunasach a tha sin a rèir nan atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

3.3 % meudaichte ann am mothalachdan poblach de chruthachalachd nàiseanta is ionadail.

Diofar % sa cheud eadar an aonta gur e “nàisean chruthachail a th’ ann an Alba” agus aonta % sa cheud gur e “àite cruthachail a th’ anns an sgìre ionadail agam”.

Suirbhidh omnibus Alba Chruthachail.

Ann an 2014, bha 64% de luchd-fragairt an t-suirbhidh den bheachd gur e àite cruthachail a tha san sgìre ionadail aca, sìos 2% air 2013.

3.4 Meudachadh % air luach poblach na tairgse cultaraich ionadail.

% ag aontachadh gun cailleadh daoine san sgìre ionadail agam nìtheigin de luach, nan cailleadh an sgìre a gnìomhachdan ealain is cultarach.

Suirbhidh omnibus Alba Chruthachail.

Dh’aontaich 76% de luchd-freagairt na suirbhidh gun cailleadh daoine san sgìre ionadail aca nìtheigin de luach, nan cailleadh an sgìre a gnìomhachdan ealain is cultarach, meudachadh de 2% air 2013.

54

*On is e bliadhna bhunasach a bh’ ann an 2014/15, cha thòisich mòran de na meudachaidhean mu choinneamh nan comharran sin a’ nochdadh gu Lèirmheas Bhliadhnail 2015/16. Dh’fhaodadh gun atharraich na comharran sin ma dh’atharraicheas na h-ìrean maoineachaidh iomlan rè na h-ùine sin.

Coileanadh mu choinneamh ar n-Àrd-amasan

4. Ceannardas is Sgioba-obrach

Tha sinn ag obair gus taic a chur ri leasachadh air modailean seasmhach gnothachais anns na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail, agus an tàlant is sgilean a neartachadh a tha riatanach airson dreuchdan-beatha seasmhach a leasachadh tro chom-pàirteachasan roinneil. Is e an ceathramh aon de ar n-Àrd-amasan 10-bliadhna gum bi bun-bheachdan air an toirt beò tro cheannardas is sgioba-obrach a tha eadar-mheasgte, sgileil agus ceangailte. Mar phàirt de ar Frèam Stiùireadh Coileanaidh, tha sinn gu làithreach a’ tomhais ar n-adhartais mu choinneamh na buile a leanas:

Buil 4:

Tha ceannardan tarsainn na roinne nas misneachail, nas eòlaich, ceangailte agus a’ leasachadh mhodailean gnothachais a tha nas seasmhaiche.

55

#creativitymatters

Tha sinn air taghadh de gheàrr-thuairisgeulan a chur ri chèile bho 2014/15 gus togail air cuid den ghnìomhachd ’s de na prìomh phròiseactan a tha air an liubhairt le daoine fa leth agus le buidhnean. Tadhailibh air an làraich-lìn gus tuilleadh a leughadh mu dheidhinn:

• Creative Carbon Scotland agus claimexpenses.com• Oifigearan Leasachaidh Get Scotland Dancing • The Producers’ Project

Tha Staitistigean Roinn Fàis Riaghaltas na h-Alba airson Gnìomhachasan Cruthachail (a’ gabhail a-steach Didseatach) a’ tomhas lorg eaconamach nan Gnìomhachasan Cruthachail. A’ leantainn air ùine crìonaidh bho 2008, a thaobh cosnadh, prothaid gnothachais agus Luach Iomlan Leasaichte (GVA)9, tha na Gnìomhachasan Cruthachail air fàs seasmhach fhaicinn ann an cosnadh bho 2010. Tha na staitistigean bliadhnail mu dheireadh a’ nochdadh :

Tha na Gnìomhachasan Cruthachail a’ gabhail a-steach 13,825 iomairtean clàraichte. Is e iomairtean beaga a th’ annta sa mhòr-chuid; is e malairtich leotha fhèin a th’ ann an 57% agus nas lugha na còig chosnaichean ann an 87%.

Ann an 2014, bha na Gnìomhachasan Cruthachail a’ fastadh 71,800 neach. Tha seo na mheudachadh de 4.7% air 2013 agus meudachadh de 12% bho 2011.

Bha GVA nan Gnìomhachasan Cruthachail £3.7bn ann an 2013. Is e meudachadh cudromach a tha seo bho 2010 nuair a bha an GVA aig £2.7bn.

Tha ar taic do na Gnìomhachasan Cruthachail ga leasachadh tro Chom-pàirteachas Ghnìomhachasan Cruthachail na h-Alba (SCIP), a tha a’ toirt còmhla Riaghaltas na h-Alba, Alba Chruthachail, Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Leasachadh Sgilean Alba, VOCAL (comann nàiseanta stiùirichean chur-seachadan is cultair nan Ùghdarras Ionadail), buidheann Leasachaidh Eaconamach Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (SLAED), Cachaileith Gnothachais is Leasachaidh eadar-nàiseanta na h-Alba.

Pròifil sgioba-obrach

9 Tha an Luach Iomlan Leasaichte no GVA mar an tomhas coitcheann a thaobh an luach iomlan air a ghineadh airson an eaconamaidh.

56

De na 82 buidheann a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail ann an 2014/15, tha 61 dhiubh a’ gabhail dreuchd ceannardais ghnìomhach san roinn aca agus tha 49 a’ coileanadh prìomh dhreuchd ceannardais san sgìre aca. Dhiubh sin, bha 34 buidheann a’ coileanadh an dà dhreuchd. Tha anailis air tillidhean na Suirbhidh Staitistigeach Nàiseanta bho bhuidhnean maoinichte airson na bliadhna 2014/15, a’ taisbeanadh gun robh buidhnean a bha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail, a’ fastadh còrr air 10,000 ball obrach co-ionann ri làn-ùine (FTE), le àireamhan àrda air am fastadh pàirt-ùine no air bunait neo-cheangailte no cunnraidheil (co-ionann ri còrr air 8,000 dreuchd FTE).Figear 21: Buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: sgioba-obrach 2014/15

 Làn-ùine (FTE)

Pàirt-ùine (FTE)

Àireamh(FTE)

Maireannach 1,136 833 1,969Cunnraidheil / Neo-cheangailte 1,644 6,440 8,084Iomlan 2,780 7,273 10,053

10,053 neach air am fastadh le buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach is bliadhnail.

Ann an 2014/15, bhuilich Alba Chruthachail 136 duais tro phrògram Trasnaidh Leasachaidh Proifeiseanta gus taic a chur ri cothroman trèanaidh ceannardais, leasachadh proifeiseanta agus greisean-gnìomhachais. Chaidh 31 duais eile a bhuileachadh tro Mhaoin Phròiseactan Fosgailte. Eadar an Giblean ’s an Dàmhair 2014, ruith sinn prògram Bhursaraidhean Luchd-ealain a bha ag amas air luchd-ealain agus proifeiseantaich chruthachail eile a sholarachadh leis an ùine agus na goireasan riatanach airson an cleachdadh a leasachadh. Bhuilich sinn 80 duais air luchd-ealain agus luchd-cleachdaidh pròifeiseanta gu luach £750k. Tarsainn nan trì prògraman maoineachaidh sin, bhuilich sinn 247 duais gu h-iomlan, air luach £1.73m. Tha seo ann an coimeas ri 315 duaisean air luach £2.14m a chaidh a bhuileachadh tron phrògram maoineachaidh airson Leasachadh Proifeiseanta ann an 2013/14.

Bho 2013, tha Alba Chruthachail air taic a chur ri prògram de dh’iomairtean cosnaidh òigridh le buidhnean ag obair sna h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail. Tha seo a’ gabhail a-steach taic do 31 Foghlainneachd, 29 Preantasachd Nuadh-aimsireil agus 169 inntearnas 3-mìosan ann an com-pàirteachas le Buidhnean Saor-thoileach Comhairle na h-Alba (SCVO). Tha am prògram inntearnais air ceadachadh do cheumnaichean sna h-ealain agus sna gnìomhachasan cruthachail air eòlas obrach pàighte luachmhor a chosnadh sa ghnìomhachas, agus bha cinn-uidhe cosnaidh dheimhinneach aig 63% de na com-pàirtichean, a’ gabhail a-steach 91 neach fa leth a chaidh a chumail air ais leis an fhastaiche seachad air ùine an inntearnais no air an gluasad gu cosnadh

57

eile aig deireadh a’ phrògraim. Tha dreuchdan pàighte aig gach aon de na cothroman sin air an tuarastal as lugha no nas àirde.

Ann an tillidhean ar Suirbhidh Staitistigeach Bliadhnail, dh’aithris buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail gun do dh’eagraich iad 18,791 tachartas a’ cur taic ri luchd-ealain, leasachadh ealantach no trèanadh proifeiseanta, a’ tarraing còrr air 24,512 com-pàirtiche. Ann an 2014/15, choimiseanaich iad 944 neach-ealain agus neach-cleachdaidh proifeiseanta airson obair ùr a chruthachadh, liubhair iad 711 còmhnaidheachdan agus sholaraich iad taic dèantach do 6,108 neach-ealain agus neach-cleachdaidh eile. Tha anailis de thillidhean na Suirbhidh Staitistigeach Bhliadhnail a’ taisbeanadh cuideachd gun robh na buidhnean sin le chèile a’ fastadh còrr air 350 neach òg tro iomairtean cosnaidh òigridh.

Figear 22: Buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: iomairtean cosnaidh òigridh 2014/15

Number (FTE)

Greisean-gnìomhachais pàighte 46Unpaid Greisean-gnìomhachais neo-phàighte 200Preantasachdan / foghlainneachdan pàighte 37Preantasachdan / foghlainneachdan neo-phàighte 26Inntearnasan pàighte 27Inntearnasan neo-phàighte 16Iomlan 352

Tha rannsachadh air na tillidhean sin a’ sealltainn gu bheil na h-àireamhan cuibheasach àrd de dhaoine fa leth ag obair do bhuidhnean ann an greis-gnìomhachais neo-phàighte, a’ dèanamh sin mar phàirt de phrògram greis-gnìomhachais structaraichte bho sgoiltean, colaistean agus oilthighean.

Ann an 2014/15, sholaraich sinn taic do Lìonra Tàlant Film na h-Alba (SFTN) ann an com-pàirteachas le Institiùd Film Bhreatainn. Thug sinn taic do Phrògram Foghlam Film 5-19 ann an com-pàirteachas le Film Alba, Institiùd Film Bhreatainn, Film Into agus Foghlam Alba. Tha am prògram 5-19 ag amas air atharrachadh ceumnach a choileanadh ann an ìre solair, a’ liubhairt raon fharsaing de ghnìomhachdan gus coimhead, dèanamh agus tuigse mhionaideach air film a bhrosnachadh le aois 5-19 bliadhna. Tha sinn a’ cur taic ri bùithtean-obrach dèantach airson dèanamh film ann an Alba tro iomairt Acadamaidh Film BFI, a tha a’ tairgsinn fìor chothrom do dh’aois 16-19 a bhith nam pàirt de ar gnìomhachas film san àm ri teachd.

58

Iomadachd ann an teachd-a-steach

Tharraing buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail air raon de thùsan teachd-a-steach a bharrachd ann an 2014/15. Bha seo a’ gabhail a-steach £3.3m ann an tabhartasan, tiodhlacan agus dìleaban agus £6.6m bho Urrasan agus Stèidheachdan. Thug buidhnean aithris air teachd-a-steach air a chosnadh de £53.2m gu h-iomlan, suas bho £38.4m ann an 2013/14.

Figear 23: Buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail: tùsan teachd-a-steach a bharrachd 2014/15

Sruth teachd-a-steach 2014/15 2013/14Poblach: Ùghdarras Ionadail 13,060,155 9,753,309Poblach: Eile 14,646,678 12,758,798Poblach: Alba Chruthachail – slighean maoineachaidh eile 11,320,207 9,233,983Prìobhaideach: Tabhartasan, tiodhlacan is dìleaban 3,307,473 3,183,576Urrasan is Stèidheachdan 6,644,263 4,325,669Maoineachadh Eile 4,300,649 6,415,348Teachd-a-steach cosnaichte 53,158,417 38,398,962Iomlan 106,437,842 84,069,645

Lean sinn air adhart a’ maoineachadh raon de dh’iomairtean a tha a’ cur taic ri leasachadh margaideach tarsainn nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail. Nam measg sin tha:

Scotland Re:Designead, àrd-ùrlar eadar-nàiseanta airson fasan, aodach agus deilbh, a’ solarachadh thaisbeanaidhean, bùithtean-obrach, mòr-thaisbeanaidhean agus lìonraidheadh. Tha Scotland Re:Designed ag obair le eòlaichean is ceannaichean ann an gnìomhachas fasain eadar-nàiseanta, gus deilbhichean a’ tighinn am bàrr a thaghadh agus taic a thoirt dhaibh, le mòran chom-pàirtichean bhon àm a dh’fhalbh a-nis a’ leasachadh dhreuchdan eadar-nàiseanta.

Meet your Maker, iomairt Ceàird Alba gus ceangal a dhèanamh eadar luchd-ceàird a tha ag obair leis a’ phoball, prògram thachartasan a tha ag amas air sgil, deilbh agus càileachd luchd-dèanamh na h-Alba a mhòr-thaisbeanadh do luchd-èisteachd ùr. Bha Ceàird Alba ann an com-pàirteachas le 15 diofar ionadan cruinneachaidh ann an 2014/15 air feadh Alba gus aoigheachd a thoirt do thachartasan Meet your Maker mar phàirt de am prògraman bliadhnail fhèin.

Own Art, com-pàirteachas eadar Alba Chruthachail, Comhairle nan Ealan Shasainn agus Comhairle Ealain Èirinn a Tuath, a tha dealbhaichte gus ruigsinneachd air ealain lèirsinneach a mheudachadh agus taic a chur ri

59

eaconamaidh nan ealan lèirsinneach le bhith a’ ceadachadh do dhaoine fa leth tagradh airson iasad saor bho riadh de eadar £100 agus £2,000, airson obraichean ealain thùsail a cheannach, le luchd-ealain a tha beò. Ann an 2014/15, chomasaich an sgeama 643 iasad airson pìosan tùsail ealain is ceàird a cheannach le luach iomlan de £546,566, a’ gineadh tuairmse de £328,000 de theachd-a-steach do luchd-ealain.

Figear 24: Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh do Bhuil 4

Tha ceannardan tarsainn na roinne nas misneachail, nas eòlaich, ceangailte agus a’ leasachadh mhodailean gnothachais a tha nas seasmhaiche.

Comharra trì-bliadhna*

Tomhas Tùs Inbhe

4.1 Meudachadh ann an leud nam buidhnean a’ gabhail dreuchd ceannardais san roinn agus / no sgìre aca.

Cunntas de bhuidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach Alba Chruthachail, a tha a’ solarachadh dreuchd ceannardais san roinn no san sgìre aca.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, a’ gabhail a-steach aontaidhean maoineachaidh.

De na 82 buidheann a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail ann an 2014/15, tha 61 a’ gabhail dreuchd ceannardais san roinn aca agus tha 49 a’ coileanadh prìomh dhreuchd ceannardais san sgìre aca. Dhiubh sin, bha 34 buidheann a’ gnìomhadh san dà dhreuchd. Cha robh atharrachadh san àireamh de bhuidhnean (82) a’ faotainn maoineachadh ioma-bhliadhnail ann an 2014/15.

4.2 Meudachadh san àireamh de chothroman leasachaidh proifeiseanta tro mhaoineachadh Alba Chruthachail.

Cunntas agus luach chothroman trèanaidh ceannardais, leasachadh proifeiseanta, greisean-gnìomhachais, preantasachdan no inntearnasan le taic bho mhaoineachadh

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, tillidhean bliadhnail agus sgrùdadh deireadh

Tarsainn prògraman maoineachaidh Trasnaidh, Pròiseactan Fosgailte agus Targaidte, bhuilich sinn 247 duais gu h-iomlan le luach £1,732,475. Tha an tomhas seo sìos air figearan coimeasach airson 2013/14.

60

Alba Chruthachail. pròiseict. 4.3 Meudachadh ann an cothroman cosnaidh òigridh ann am buidhnean maoinichte le Alba Chruthachail.

Cunntas de dhaoine òga air am fastadh le buidhnean maoinichte le Alba Chruthachail, tro iomairtean cosnaidh òigridh.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, agus tillidhean bliadhnail.

Tha buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail ann an 2014/15 a’ nochdadh gun do dh’fhastaidh iad le chèile còrr air 350 neach òg tro iomairtean cosnaidh òigridh. Is e tomhas bunasach a tha seo a rèir atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh 2014/15.

4.4 Raon nas fharsainge de shruthan teachd-a-steach tarsainn na roinne.

Cunntas, luach agus seòrsa shruthan teachd-a-steach ann am buidhnean maoinichte cunbhalach, a’ cunntadh teachd-a-steach cosnaichte agus tabhartas saor-thoileach.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, agus tillidhean bliadhnail.

Tharraing buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail air teachd-a-steach eile le luach £106,437,842 ann an 2014/15. Bha seo a’ gabhail a-steach £3.3m ann an tabhartasan, tiodhlacan is dìleaban agus £6.6m bho Urrasan agus Stèidheachdan. Dh’aithris buidhnean £53.2m gu h-iomlan ann an teachd-a-steach cosnaichte. Is e tomhas bunasach a tha seo a rèir atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

* On is e bliadhna bhunasach a bh’ ann an 2014/15, cha thòisich mòran de na meudachaidhean mu choinneamh nan comharran sin a’ nochdadh gu Lèirmheas Bhliadhnail 2015/16. Dh’fhaodadh gun atharraich na comharran sin ma dh’atharraicheas na h-ìrean maoineachaidh iomlan rè na h-ùine sin.

5. Eadar-nàiseanta 61

Tha Alba Chruthachail ag obrachadh ann an co-theacs leathan nàiseanta agus eadar-nàiseanta, ag obair gu dlùth le ar com-pàirtichean airson ceannardas agus tagradaireachd a sholarachadh do na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail ann an Alba. Is e an còigeamh aon de ar n-Àrd-amasan 10-bliadhna, a dhèanamh cinnteach gu bheil Alba na nàisean chruthachail shònraichte agus ceangailte ris an t-saoghal. Mar phàirt de ar Frèam Stiùireadh Coileanaidh, tha sinn gu làithreach a’ tomhas ar n-adhartais mu choinneamh na buile a leanas:

Buil 5:

Tha barrachd de luchd-ealain agus daoine cruthachail na h-Alba a’ conaltradh le luchd-ealain agus cleachdadh cruthachail eadar-nàiseanta.

#creativitymatters

Tha sinn air taghadh de gheàrr-thuairisgeulan a chur ri chèile bho 2014/15 gus togail air cuid den ghnìomhachd ’s de na prìomh phròiseactan a tha air an liubhairt le daoine fa leth agus le buidhnean. Tadhailibh air an làraich-lìn gus tuilleadh a leughadh mu dheidhinn:

• Obair com-pàirteachais British Council • Craft Scotland aig SOFA• Companaidhean dannsa Made in Scotland • UZ Arts agus Creative Europe• Venice Architecture Biennale

62

Ann an 2014/15, chaidh buidhnean a’ faotainn maoineachadh cunbhalach agus bliadhnail, air chuairt gu 103 ionad-cruinneachaidh eadar-nàiseanta tarsainn na Roinn Eòrpa, na Stàitean Aonaichte, Canada, Trinidad is Tobago, na h-Ìnnseachan, Sìona, Taiwan, Astràilia agus Braisil. A thuilleadh air an sin thug ar prògraman maoineachaidh airson 2014/5 taic do 94 duais, a’ comasachadh iomlaid eadar-nàiseanta agus leasachadh cruthachail (38 tron phrògram Trasnaidh Eadar-nàiseanta agus 56 tro mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte), le buileachadh iomlan de £1.79m. Gu h-iomlan, bhuilich sinn 66 duais a bha gu sònraichte a’ cur taic ri mòr-thaisbeanadh air obair eadar-nàiseanta ann an Alba, le luach de £2.28m.

Conaltradh Eadar-nàiseanta

Tarsainn gach cruth ealain, tha daoine fa leth agus buidhnean a’ taisbeanadh ìre àrd de dh’ùidh ann a bhith ag obair gu h-eadar-nàiseanta. Nochd 85% de thagraichean do ar fòilio Maoineachaidh Cunbhalach gun robh iad a’ conaltradh gu h-eadar-nàiseanta mar-thà. A thuilleadh air an sin, faodaidh daoine fa leth agus buidhnean taic maoineachaidh a shireadh tro Mhaoineachadh Phròiseactan Fosgailte gus dàimhean a leasachadh, ealantas fhàs, co-riochdachadh le com-pàirtichean eadar-nàiseanta agus obair a mhòr-thaisbeanadh. Tro na slighean sin agus slighean eile leithid iomairt Made in Scotland, tha obair air a riochdachadh an seo a’ ruighinn luchd-èisteachd, margaidean agus luchd-taic ùr. Ann an 2014/15, lean ar n-obair leasachaidh is tagradaireachd air adhart a’ cur taic ri bhith a’ mòr-thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach biennale ailtireachdail Alba + Venice, South by South West agus Fèisean Film Berlin, Cannes agus Toronto. Bha gnìomhachd mòr-thaisbeanaidh Ghnìomhachasan Cruthachail a’ gabhail a-steach taic do dh’àrd-ùrlar eadar-nàiseanta Scotland Re:Designed airson fasan, aodach, nithean-cuideachaidh agus deilbh air an taobh a-staigh, agus tachartas nan stiuidiothan fosgailte aig Spring Fling a tharraing còrr air 13,000 neach-frithealaidh agus a thug a-steach còrr air £1.4m don eaconamaidh ionadail ann an Dùn Phris is Gall-ghàidheil.

Tha Alba Chruthachail a’ ruith Coimisean Sgrion na h-Alba, a tha a’ solarachadh seirbheis shuidheachaidhean a tha an-asgaidh agus làn-dìomhair. Thathar ag obair air bunait nàiseanta is eadar-nàiseanta aig margaidean agus fèisean a tha gu gnìomhach ag adhartachadh Alba mar phrìomh àite filmidh le criutha ceàird is teicnigeach a tha àrd-eòlasach, le solaraichean ghoireasan agus maoineachadh is brosnachaidhean rim faotainn. Tha e air a bhith soirbheachail ann an cuideachadh le riochdachaidhean air sgèile mhòr a thoirt a-steach leithid World War Z, Skyfall, Under The Skin agus Outlander a dh’Alba sna bliadhnaicheana a dh’fhalbh.

Tron dual Frithealaidh Mhargaidean is Fhèisean de ar prògram maoineachaidh Film is Telebhisean, bhuilich sinn 43 duais (air luach £134k) gus taic a chur ri frithealadh aig fèisean is margaidean eadar-nàiseanta le sgrìobhadairean-sgriona, stiùirichean agus riochdairean stèidhichte ann an Alba, agus com-pàirtichean san amharc a choinneachadh, a’ mhargaid chruinneil a ruigheachd

63

agus am filmichean crìochnaichte adhartachadh. Sholaraich sinn cuideachd £100k tro phrògram Stiùirichean Margaid (air a ruith le Initialize Films) gus taic a thoirt do riochdairean aig a bheil pròiseactan aig ìre adhartach gu leòr airson margaidean film is telebhisean a fhrithealadh tron bhliadhna.

Far a bheil e iomchaidh, tha Alba Chruthachail a’ neartachadh cheanglaichean institiùdach gus frèaman-obrach a chruthachadh, bho am faod cothrom ealantach fàs: Tha iad sin a’ gabhail a-steach:

dàimh ro-innleachdail le Comhairle Bhreatainn air com-pàirteachas cuimsichte, a’ tarraing còmhla luach an lìonra oifis chrunneil.

com-pàirteachadh eadar Comhairle Bhreatainn agus Fèisean Dhùn Èideann gus am prògram Momentum a liubhairt, a bhios a’ tarraing mu 100 teachdaire eadar-nàiseanta a Dhùn Èideann san Lùnastal, gus eòlas fhaighinn air an t-subhachas chultarach as motha air an t-saoghal agus dàimhean a thogail le luchd-ealain a’ còmhnaidh agus ag dèanamh obair ann an Alba.

co-obrachadh le trì comhairlean ealain eile san Rìoghachd Aonaichte gus tùradh air obair mòr-sgèile a chomasachadh tarsainn roinnean maoineachaidh, agus gum faod luchd-èisteachd tlachd a ghabhail à sàr-mhathais air a mheas gu nàiseanta.

Is e prògram ùr an Aonaidh Eòrpaich a th’ ann an Eòrpa Chruthachail airson taic a chur ris na roinnean cultarach, cruthachail agus lèir-chlaistinneach bho 2014-2020. Tha e air a dhèanamh suas à dà fho-phrògram:

Cultar a’ toirt taic do na roinnean cruthachail, cultarach is dualchais, agus:

MEDIA ag adhartachadh leasachadh agus sgaoileadh air obraichean lèir-chlaistinneach, a’ gabhail a-steach film, telebhisean, meadhanan ùra agus geamannan bhidio.

Tha Alba Chruthachail na chom-pàirtiche le Deasg Eòrpa Chruthachail RA, air a stiùireadh le Comhairle Bhreatainn agus BFI, a bhios ag adhartachadh mothachalachd agus tuigse do Eòrpa Chruthachail, a’ solarachadh comhairle is taic an-asgaidh do thagraichean às an Rìoghachd Aonaichte. Tha seo ag iarraidh luchd-obrach speisealaichte ann an fho-phrògraman MEADHANAN is Cultair, ag eagrachadh bhùithtean-obrach, seiminearan agus tachartasan gnìomhachais a thuilleadh air freagairt cheistean agus tairgsinn dheasbadan aon-ri-aon.

Ann an 2014, fhuair roinn lèir-chlaistinneach na h-Alba buannachd à £750k de mhaoineachadh dìreach bho fho-phrògram MEADHANAN Eòrpa Chruthachail, agus dìreach còrr air €700k de mhaoineachadh neo-dhìreach tro chom-pàirteachadh ann am pròiseactan com-pàirteachais le co-leithidean Eòrpach. Tha am maoineachadh seo a’ gabhail a-steach dhuaisean gu sgaoileadairean agus taighean-dealbh gus filmichean Eòrpach a thaisbeanadh agus duais de €356k

64

don chompanaidh riochdachaidh Red Kite Animation airson Bradley agus Bee, beò-dhealbhadh ùr chloinne. Tro chothrom maoineachaidh Leasachadh Luchd-èisteachd, tha Alba Chruthachail na com-pàirtiche cuideachd ann an Catalog Film Chloinne Eòrpach agus leasachadh air an Fhrèam Eòrpach airson Foghlam Film. Ann an 2014/15, ghabh seachd buidhnean Albannach pàirt ann an fho-phrògram Cultair Eòrpa Chruthachail. Tha Urras Ghoireasan Shealtainn a’ stiùireadh a’ phròiseict co-obrachaidh €2m Follow the Vikings, ag obair le 16 com-pàirtichean Eòrpach, agus tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba na com-pàirtiche ann an Àrd-ùrlar Eòrpach ùr de €455k, Literary Europe Live, a tha a’ cur taic ri sgrìobhadairean a tha a’ tighinn am bàrr. Ann an 2015, bha buidhnean stèidhichte ann an Alba an sàs ann am pròiseactan cultarach, cruthachail is dualchais, a fhuair €4m gu h-iomlan bho air feadh na Roinn Eòrpa.

Mar phàirt de Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta an Riaghaltais (NPF), tha Alba Chruthachail na com-pàirtiche ainmichte a tha a’ cur ri liubhairt air a’ chomharra gu ‘lèirsinn, beachdan agus mothalachd dhaoine mu chliù Alba’ fheabhasachadh. Tha an comharra seo air a thomhais le Anholt-Gfk Roper Nation Brands Index© (NBI), a’ dèanamh anailis air beachdan agus lèirsinn dhaoine mu chliù an dùthchannan. Bha sgòr iomlan Alba air an NBI aig 61.8 ann an 2014, beagan an-àird bho 60.1 ann an 2012. Tha an sgòr air meudachadh beagan bhon sgòr bhunaiteach de 60.2 (2008) agus a’ suidheachadh Alba mar an 17mh tarsainn 50 dùthaich a chaidh a luachadh air feadh an t-saoghail, glè choltach ri nàiseanan eile san Taobh an Iar de mheud co-ionann.10 Tha roinn a’ Chultair den NBI a’ tomhas trì eileamaidean de chliù cultarach nàisein: eachdraidh agus dualchas cultarach; cultar co-aimsireil; agus sàr-mhathas ann an spòrs. Tha Alba air a faicinn mar àite inntinneach agus spreagail airson cultar co-aimsireil agus bha meudachadh san sgòr bho 4.4 ann an 2012 gu 4.5 ann an 2014.

Figear 25: Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh do Bhuil 5

Tha barrachd de luchd-ealain agus daoine cruthachail na h-Alba a’ conaltradh le luchd-ealain agus cleachdadh cruthachail eadar-nàiseanta.

Comharra trì-bliadhna*

Tomhas Tùs Inbhe

10 An Anholt-GfK Roper Nation Brands Index: Aithisg 2014 airson Alba http://www.gov.scot/Publications/2014/12/4339

65

5.1 Meudachadh ann an càileachd agus raon de chothroman conaltraidh eadar-nàiseanta tro mhaoineachadh Alba Chruthachail.

Cunntas agus luach dhuaisean maoineachaidh Alba Chruthachail le cuimse air iomlaid eadar-nàiseanta agus leasachadh cruthachail.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail.

Chuir na prògraman maoineachaidh againn ann an 2014/5 taic ri 94 duais, a’ comasachadh iomlaid eadar-nàiseanta agus leasachadh cruthachail, le buileachadh iomlan de £1,793,511. Is e tomhas bunasach a tha seo a rèir atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

5.2 Meudachadh anns an uimhir de thùradh eadar-nàiseanta air feadh Alba tro mhaoineachadh Alba Chruthachail.

Cunntas, luach agus sgaoileadh cruinn-eòlasach air daoine fa leth agus buidhnean a tha a’ faotainn maoineachadh Alba Chruthachail, gus obair eadar-nàiseanta a thaisbeanadh ann an Alba.

Dàta obrachaidhean maoineachaidh Alba Chruthachail, a’ gabhail a-steach tillidhean bliadhnail.

Bhuilich sinn 66 duais a chuir taic ri mòr-thaisbeanadh air obair eadar-nàiseanta ann an Alba, le luach de £2,279,463. Is e tomhas bunasach a tha seo a rèir atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

5.3 Meudachadh anns an % de mhothalachd deimhinneach do chultar na h-Alba. (Comharra Nàiseanta).

% de mhothalachdan deimhinneach de bhrannd nàiseanach na h-Alba tarsainn sia raointean de chomasachd nàiseanta, feartan agus so-mhaoinean (a’ gabhail

An Anholt-GFK Roper Nations Brand Index. Tha an clàr-amais stèidhichte air agallamhan bliadhnail le timcheall air 1,000 inbheach, a bhios a’ cleachdadh an eadar-lìn anns gach aon de na 20

Bha sgòr iomlan na h-Alba air an NBI aig 61.8 ann an 2014, beagan an-àird bho 60.1 ann an 2012. Mheudaich sgòr a’ chultair bho 4.4 ann an 2012 gu 4.5 ann an 2014.

66

a-steach cultar). dùthchannan air a’ phannal.

* On is e bliadhna bhunasach a bh’ ann an 2014/15, cha thòisich mòran de na meudachaidhean mu choinneamh nan comharran sin a’ nochdadh gu Lèirmheas Bhliadhnail 2015/16. Dh’fhaodadh gun atharraich na comharran sin ma dh’atharraicheas na h-ìrean maoineachaidh iomlan rè na h-ùine sin.

`

Coileanadh mu choinneamh ar n-Àrd-amasan

6. Ar seirbheis agus mar a tha sinn a’ liubhairt ar n-obair

Tha Alba Chruthachail dealasach a thaobh solarachadh air seirbheis èifeachdach is buadhach dhaibhsan do bheil sinn an seo mar thaic, agus na maoinean poblach do bheil sinn cunntachail a stiùireadh gu h-èifeachdach. Mar phàirt de ar Frèam Stiùireadh Coileanaidh, tha sinn gu làithreach a’ tomhas ar n-adhartais mu choinneamh na buile a leanas:

Ar Seirbheis:

67

Tha Alba Chruthachail na bhuidheann a tha nas èifeachdaich agus nas cunntachail.

Tha sinn a’ leantainn air adhart a’ leasachadh chom-pàirteachasan le càch gus na suidheachaidhean as fheàrr a chruthachadh ach an soirbhich leis na h-ealain, sgrion is gnìomhachasan cruthachail. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith ag obair le buidhnean leasachaidh eaconamach, urrasan is stèidheachdan, Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean eile sa roinn phoblaich is phrìobhaidich, gus dèiligeadh le feumalachdan ro-innleachdail anns na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail. Tha ar com-pàirteachasan ro-innleachdail a’ gabhail a-steach iadsan leis am BFI gus taic a chur ri Lìonra Tàlant Film na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail an sàs ann an Com-pàirteachasan Àite, Eòrpa Chruthachail, Foghlam Alba, Stèidheachd Baring agus Stèidheachd Paul Hamlyn.

Ann an 2014/15, thèarainn ar com-pàirteachasan ro-innleachdail còrr air £5m de mhaoineachadh bho thùsan eile. Bha seo a’ gabhail a-steach £3m tro phrògram Celebrate air a chruthachadh leis na ceithir sgaoileadairean crannchuir

68

Albannach (Maoin a’ Chrannchuir Mhòir, Alba Chruthachail, Maoin a’ Chrannchuir Dualchais agus Spòrs Alba) gus taic maoineachaidh crannchuir a thairgsinn do choimhearsnachdan air feadh Alba agus iad a’ comharrachadh Geamannan a’ Cho-fhlaitheis XX. Bhuilich Celebrate tabhartasan eadar £500 agus £10k air coimhearsnachdan air feadh Alba gus subhachasan ealain, dualchas, spòrs agus coimhearsnachdan ionadail a chumail.

Bha pròiseactan air am maoineachadh le Celebrate a’ gabhail a-steach: Message Unknown aig Dannsa Òigridh na h-Alba far an do chruthaich clann ann an Glaschu teachdaireachd chorporra is chlaistinneach a’ cleachdadh dannsa, beatbox agus ceòl gus rannsachadh a dhèanamh air brìgh a bhith nam pàirt den Cho-fhlaitheis a’ ciallachadh dhaibh; Glasgay! Sporting Heads, taisbeanadh dhealbhan togte de mhuinntir spòrs LGBT; agus Siorcas Òigridh a’ Cho-fhlaitheis le Bright Night Eadar-nàiseanta a chunnaic coileanaidhean a bha a’ mòr-thaisbeanadh sgilean siorcais cho-aimsireil air feadh na dùthcha.

Ann an 2014/15, fhuair sinn agus ghiullaich sinn 438 tagradh do ar prògram Maoineachadh Phròiseactan Fosgailte. Tha a’ mhaoin seo ag obrachadh dà àm giullachd: ochd seachdainean obrach airson tagraidhean fo £15k agus 12 seachdainean obrach airson còrr air £15k. Gu h-àbhaisteach, bha an ùine giullachd airson tagraidhean a mheasadh, bhon latha a fhuaireadh an tagradh gu bhith a’ fiosrachadh an tagraiche mun cho-dhùnadh againn, 36 agus 52 làithean obrach fa leth. Gu h-iomlan, chaidh 92% de thagraichean don Mhaoin Phròiseactan Fosgailte air an giullachd an taobh a-staigh na h-ùine stèidhichte.

Gus an t-seirbheis a tha sinn a’ solarachadh do thagraichean maoineachaidh a thuigsinn nas fheàrr, bidh sinn a’ gabhail suirbhidh os làimh dà uair sa bhliadhna air tagraichean soirbheachail agus neo-shoirbheachail gu ar slighean maoineachaidh. Sa Mhàrt 2015, bha iadsan a’ nochdadh earbsa ann an Alba Chruthachail a bha a’ seasamh aig 75%, meudachadh de 9% bhon Mhàrt 2014, agus bha meudachadh sa cho-chuid de luchd-ùidh a bha a’ measadh taic Alba Chruthachail ionmholta agus an leasachadh air ealain is cultar. Tha dìoghras agus dealas na buidhne agus ar freagairt air a mheas aig ìre àrd.

Tha sinn a’ faighneachd àireamh de cheistean na suirbhidh gus riarachas an luchd-ùidh leis na seirbheisean againn, a thaghadh. Eadar Màrt 2014 agus Màrt 2015:

Dh’èirich an àireamh de luchd-freagairt a bha riaraichte le conaltraidhean Foghlam Alba bho 62% gu 85%.

Dh’èirich an àireamh de luchd-freagairt a bha a’ meas freagairt do cheistean agus iarrtasan math, glè mhath no sàr-mhath, bho 64% gu 78%. Dhaibhsan a bha air ar seirbheis Cheistean sònraichte a chleachdadh, dh’èirich riarachas bho 61% gu 82%.

Gu h-iomlan, dh’èirich iadsan a bha a’ moladh a’ phròiseas tagraidh math, glè mhath no sàr-mhath, bho 53% gu 66%.

69

Choilean sinn suirbhidh luchd-ùidh a bharrachd san Dàmhair 2014 gus coimeas a cheadachadh eadar eòlas an tagraiche air na modailean maoineachaidh a bh’ ann roimhe agus Maoin ùr nam Pròiseactan Fosgailte. Sa Mhàrt 2015, thug tuilleadh thagraichean measadh fìor àrd a thaobh: sìmplidheachd a’ phròiseis (62% bho 50%); an stiùireadh agus fiosrachadh a chaidh a sholarachadh (72% bho 61%); fosgarrachd a’ phròiseis (64% bho 50%); agus èifeachdas na seirbheis againn (71% bho 66%).

Tha an làrach-lìn againn a’ leantainn air adhart gu bhith na prìomh thùs fiosrachaidh do ar luchd-ùidh. Ann an 2014/15, dh’ obraich sinn barrachd gus ar làrach-lìn ùr a leasachadh, a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt 2014. Tha an làrach air a deilbh gus a bhith nas fhasa a cleachdadh agus thathar ga cleachdadh cuideachd, ann an co-thaobhadh ri ar sianalan mheadhanan sòisealta, mar àrd-ùrlar dhaibhsan a tha sinn a’ maoineachadh airson an cuid obrach adhartachadh gu luchd-èisteachd nas fharsainge. Tha an t-suirbhidh luchd-ùidh againn a’ faighneachd do luchd-freagairt mu dhiofar fhuincseanan ar làraich-lìn. Mheas còrr air 70% den luchd-fhreagairt gach pàirt den làraich-lìn math no sàr-mhath. Ann an 2014/15 fhuair sinn:

155,405 neach-tadhail air leth gu ar duilleig-dachaigh www.creativescotland.com

Chaidh 620,724 neach-tadhail air leth a-steach do dhuilleagan air feadh na làraich gu lèir, a’ gabhail a-steach ar làraich Chothroman a tha a’ ceadachadh do dhaoine fa leth is buidhnean sanasachadh agus freagairt do chothroman roinne.

4,122,366 seallaidhean duilleig air leth (4,896,919 seallaidhean duilleig iomlan)

Tro 2014 agus 2015, tha sinn air lèirmheas a ghabhail os làimh de ar structar mar phàirt de leasachadh air Ro-innleachd Dhaoine air feadh na buidhne. Is e prìomh bhuil na h-obrach seo, riarachadh air dleastanasan soilleir air an taobh a-staigh airson nan diofar thaobhan de ar raon-ùghdarrais – na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail – a thuilleadh air ceannardas soilleir air ar n-obair leis gach aon cruth ealain sònraichte no speisealachd. Tha seo a’ ciallachadh gum faod luchd-èisteachd air an taobh a-muigh, com-pàirtichean agus luchd-ùidh a bhith soilleir mu cò ris a ni iad conaltradh agus obair an taobh a-staigh de dh’Alba Chruthachail, a bhios iomchaidh do an raon cleachdaidh fhèin.

Tro phrògraman ionnsachaidh is leasachaidh cuimsichte agus ath-ùrachadh air structar an luchd-obrach, tha sinn air a dhèanamh cinnteach às a’ chleachdadh as àirde air sgilean agus eòlas air feadh na buidhne. Tha seo, còmhla ri sgilean is eòlas a’ sìor mheudachadh tro ar modh trusaidh, air a dhèanamh cinnteach gu bheil daoine againn a tha gu h-iomchaidh sgileil agus eòlach airson gnìomhan-obrach speisealaichte a liubhairt.

70

San Fhaoilleach agus sa Ghearran 2015, ruith sinn a’ chiad làn suirbhidh air conaltradh chosnaichean airson luchd-obrach Alba Chruthachail. B’ e amas na suirbhidh beachdan an luchd-obrach a chluinntinn mu chultar, conaltradh agus stiùireadh buidheannail gus ar cuideachadh leis a’ bhuidheann agus a structaran taic a leasachadh, agus gus a dhèanamh cinnteach à liubhairt soirbheachail air amasan agus cinn-uidhe ro-innleachdail na buidhne. Bha an t-suirbhidh air a deilbh le buidheann fòram luchd-obrach le riochdairean bho air feadh na buidhne agus fhuair sinn ìre àrd de fhreagairtean aig 90%. Lorg an t-suirbhidh conaltradh chosnaichean gu bheil san fharsaingeachd, cosnaichean Alba Chruthachail dearbhach mu dheidhinn an cuid obrach; tha a’ mhòr-chuid le faireachdainn de riarachas bhon obair a tha iad a’ dèanamh agus mholadh iad Alba Chruthachail mar àite math airson obair ann. Chomharraich an t-suirbhidh ceithir prìomh raointean prìomhachais don bhuidheann: mar a tha sinn air ar stiùireadh agus air ar làimhseachadh; mar a tha sinn a’ conaltradh; mar a tha sinn ag ionnsachadh agus a’ leasachadh; agus cothromachd beatha is obair. Tha buidhnean luchd-obrach air an stèidheachadh gus dèiligeadh leis na prìomhachasan sin uile.

Figear 26: Geàrr-iomradh air adhartas mu choinneamh chomharran coileanaidh do Ar Seirbheis

Tha Alba Chruthachail na bhuidheann a tha nas èifeachdaich agus nas cunntachail.

Comharra trì-bliadhna*

Tomhas Tùs Inbhe

6.1 Riarachas meudaichte neach-ùidh.

% de thagraichean maoineachaidh san t-suirbhidh, ag aithris eadar-obrachadh dearbhach le Alba Chruthachail.

Suirbhidh omnibus Alba Chruthachail.

Eadar am Màrt 2014 agus am Màrt 2015, dh’èirich an àireamh de luchd-freagairt a tha riaraichte le conaltraidhean Alba Chruthachail bho 62% gu 85%. Dh’èirich an àireamh dhuibhsan a’ measadh a’

71

phròiseas tagraidh math, glè mhath no sàr-mhath bho 53% gu 66%.

6.2 90% aig a’ char as lugha de thagraidhean maoineachaidh air an giullachd an taobh a-staigh na h-ùine fhoillsichte.

% de thagraidhean air an giullachd an taobh   a-staigh na h-ùine aontaichte.

Dàta maoineachadh obrachaidh Alba Chruthachail.

Bha 92% de thagraidhean gu Maoin Phròiseactan Fosgailte air an giullachd an taobh a-staigh ùine stèidhichte.

6.3 Meudachadh ann an luach maoineachaidh do na h-ealain, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail, le maoineachadh bho thùsan a bharrachd tro chom-pàirteachasan ro-innleachdail Alba Chruthachail.

Luach chothroman maoineachaidh a bharrachd ann an roinnean nan ealan, sgrion agus gnìomhachasan cruthachail, air an stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachasan alba Chruthachail.

Dàta maoineachadh obrachaidh Alba Chruthachail.

Ann an 2014/15, fhuair ar com-pàirteachasan ro-innleachdail còrr air £5.03m de mhaoineachadh bho thùsan eile. Is e tomhas buanasach a tha seo a rèir atharrachaidhean ann an slighean maoineachaidh ann an 2014/15.

6.4 Meudachadh ann an riarachas agus ìrean fuasglaidh cheistean.

% de riarachas leis an t-seirbheis cheistean.

Dàta omnibus Alba Chruthachail.

Dh’èirich an àireamh de luchd-freagairt a’ measadh freagairteachd do cheistean agus iarrtasan mar mhath, glè mhath no sàr-mhath bho 64% gu 78%. Dhaibhsan a chleachd an t-seirbheis Cheistean ainmichte againn, dh’èirich riarachas bho 61% gu 82%.

6.5 Meudachadh air riarachas luchd-obrach.

% de luchd-obrach ag aontachadh gur e àite math obrach a th’ ann an Alba

Suirbhidh Luchd-obrach Alba Chruthachail.

Lorg a’ chiad suirbhidh luchd-obrach (2015) gum moladh 61%

72

Chruthachail. den luchd-obrach Alba Chruthachail mar àite math airson obair ann.

* On is e bliadhna bhunasach a bh’ ann an 2014/15, cha thòisich mòran de na meudachaidhean mu choinneamh nan comharran sin a’ nochdadh gu Lèirmheas Bhliadhnail 2015/16. Dh’fhaodadh gun atharraich na comharran sin ma dh’atharraicheas na h-ìrean maoineachaidh iomlan rè na h-ùine sin.

73