51
Plana Gàidhlig 2012 - 2017

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

  • Upload
    lamhanh

  • View
    268

  • Download
    13

Embed Size (px)

Citation preview

Page 1: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig2012 - 2017

Page 2: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

“Tha Oilthigh Ghlaschu ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, de dhearbh-aithne nàiseanta agus de bheatha chultarach na h-Alba”

Page 3: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Facal-toisich

1

Chaidh am Plana Gàidhlig seo ullachadh fo earrann 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air an 10mh dhen Dùbhlachd 2012.

Facal-toisichTha Oilthigh Ghlaschu ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, de dhearbh-aithne nàiseanta agus de bheatha chultarach na h-Alba. Tha dealas againn dha na mion-amasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus tha sinn air structaran, iomairtean agus gnìomhan freagarrach a chur air dòigh a chuidicheas sinn gus cuideachadh air mhodh cudromach fa chomhair seasmhachd na Gàidhlig ann an Alba.

Tha mi fìor thoilichte gu bheil Oilthigh Ghlaschu air cur gu mòr ri ath-bheothachadh leantainneach na Gàidhlig ann an Alba bho thràth san 20mh linn, gu h-àraid tro Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig againn. Tha mòr-mhiann aig an Oilthigh togail air na rinneadh is sinn a’ dol air adhart agus tha sinn toilichte gu bheil cothrom againn a’ chiad Phlana Gàidhlig foirmeil againn ullachadh, is e a’ mìneachadh nan gealltanasan a tha san amharc againn airson na Gàidhlig eadar 2012 - 2017.

Tha sinn ag aithneachadh gu bheil suidheachadh na Gàidhlig cugallach agus, gus a’ Ghàidhlig ath-bheothachadh mar chànan beò ann an Alba, tha feum air oidhirp dha-rìribh bhon riaghaltas, na roinnean poblach agus prìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:

• inbhe na Gàidhlig a neartachadh

• togail agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh

• cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Tha dealas againn a bhith a’ dèanamh ar cuid fhèin gus seo a choileanadh.

Chaidh am Plana Gàidhlig againn ullachadh a rèir slatan-tomhais reachdail a tha air am mìneachadh ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 20051 agus le aire do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2012 - 2017.

An t-Ollamh Anton Muscatelli

Prionnsapal agus Iar-Sheansalair, Oilthigh Ghlaschu

1 Chaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba le amas inbhe na Gàidhlig a dhaingneachadh mar chànan oifigeil ann an Alba le co-ionannachd spèis ris a’ Bheurla.

’S e aon de phrìomh fheartan Achd 2005 gu bheilear a’ toirt comas do Bhòrd na Gàidhlig a chur mar fhiachaibh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh. Chaidh an solar seo a dhealbh gus dèanamh cinnteach gu bheil an roinn phoblach ann an Alba a’ dèanamh a cuid fhèin ann a bhith a’ cruthachadh suidheachadh sam bi a’ Ghàidhlig seasmach san àm ri teachd le bhith a’ togail a h-inbhe is a h-ìomhaigh agus le bhith a’ cruthachadh chothroman practaigeach airson a cleachdadh.

Page 4: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Clàr-innse

Oilthigh Ghlaschu Glaschu G12 8QQÀireamh Fòn an Oilthighe + 44 (0) 141 330 2000www.glasgow.ac.uk© Oilthigh Ghlaschu 2012 Oilthigh Ghlaschu, àireamh carthannais SC004401

2

Clàr-innseFacal-toisich 1Geàrr-chunntas 3

1. Ro-ràdh 1.1 Oilthigh Ghlaschu san Fharsaingeachd 51.2 A’ Ghàidhlig ann an Alba agus ann am Baile Ghlaschu 6

2. Solar A Thaobh na Gàidhlig An-Ceartuair 2.1 Solar Sgoilearach 92.2 Ionad an Oilein Fhosgailte | The Centre for Open Studies 122.3 Ionad nan Cànanan 132.4 Iomairt na Gàidhlig 13

3. Gealltanasan3.1 Beatha nan Oileanach 193.2 Luchd-obrach 213.3 Dearbh-aithne 263.4 Conaltraidhean 293.5 Foillseachaidhean 33

4. Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus mar a Thèid a Chur an Sàs 4.1 Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig san Fharsaingeachd 394.2 A’ Cur Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig an Sàs 40 4.2.1 Togail Cànain 40 4.2.2 Cleachdadh Cànain 41 4.2.3 Inbhe Cànain 43 4.2.4 Corpas Cànain 44

5. A’ Cur an Sàs agus a’ Cumail Sùil Air a’ Phlana Ghàidhlig Againn 5.1 Clàr-ama 475.2 Dleastanas agus Stiùireadh 475.3 Sgrùdadh agus Measadh 475.4 A’ Cur a’ Phlana am Follais 475.5 Fios Conaltraidh 48

Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba a’ cumail taic ri pròiseactanco-cheangailte ri Iomairt Ghàidhlig an Oilthighe.

Page 5: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Gaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx

3

Geàrr-chunntasPlana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas

Tha am Plana Gàidhlig againn a’ mìneachadh mar a chleachdas sinn a’ Ghàidhlig nar gnìomhan, mar a chomasaicheas sinn cleachdadh na Gàidhlig nuair a thathar a’ conaltradh leis a’ phoball is le prìomh chom-pàirtichean, mar a nì sinn a’ Ghàidhlig àbhaisteach, mar a thogas sinn a h-ìomhaigh agus mar a leasaicheas sinn i, a’ togail air ceanglaichean is leasachaidhean soirbheachail gu ruige seo.

Tha structar a’ Phlana againn air a mhìneachadh gu h-ìseal.

1. Ro-ràdhTha an caibideil seo a’ toirt sealladh farsaing air prìomh raointean obrach Oilthigh Ghlaschu. Tha e cuideachd a’ toirt geàrr-chunntas air sluagh-thomhas na Gàidhlig ann an Alba agus ann am Baile Ghlaschu.

2. An Suidheachadh An-Ceartuair Tha an caibideil seo a’ toirt sealladh farsaing air solar Oilthigh Ghlaschu a thaobh na Gàidhlig an-ceartuair, a’ gabhail a-steach solar sgoilearach, a’ Ghàidhlig taobh a-staigh na h-obrach againn, leasachadh na Gàidhlig bho bhun gu bàrr agus com-pàirteachas coimhearsnachd.

3. GealltanasanTha an caibideil seo a’ mìneachadh mar a chleachdas sinn a’ Ghàidhlig, agus mar a chomasaicheas sinn cleachdadh na Gàidhlig, nar prìomh ghnìomhan gnothachais. Tha e a’ còmhdach nam prìomh raointean san do rinn sinn gealltanas a thaobh dearbh-aithne chorporra, soidhnichean, conaltradh agus foillseachaidhean. A bharrachd, tha an caibideil seo a’ toirt mion-fhiosrachadh mu na dòighean sa bheil sinn an dùil an solar againn mar a tha e an ceartuair a leasachadh le bhith a’ toirt aire shònraichte do bheatha nan oileanach.

Ann a bhith a’ dealbhadh a’ Phlana, tha sinn air comhairle a shireadh fada is farsaing, an dà chuid air an taobh a-staigh am measg an luchd-obrach is nan oileanach agus tro cho-chomhairleachadh poblach a mhair sia seachdainean. Thugadh fa-near na beachdan a fhuaireadh tron cho chomhairleachadh air fad agus tha iad air cuideachadh gu mòr ann a bhith a’ cumadh a’ Phlana againn.

4. A’ Cur an Sàs Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig

Tha an caibideil seo a’ taisbeanadh ar dealas dha na h-amasan agus na mion-amasan a tha ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus a’ mìneachadh mar a chuireas sinne ri toirt gu buil a’ Phlana Nàiseanta tro shreath de raointean leasachaidh sònraichte fa chomhair nam prionnsapalan planadh cànain a tha a’ buntainn ri togail, cleachdadh, inbhe agus corpas.

5. A’ Cur an Sàs agus a’ Cumail Sùil air a’ Phlana Ghàidhlig againn

Tha an caibideil seo a’ mìneachadh mar a thèid buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig againn a thoirt air adhart, agus mar a tha sinn an dùil sgrùdadh agus measadh a dhèanamh air ar n-adhartas rè beatha a’ Phlana.

Page 6: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

4

“Tha leasachadh cànan agus cultar na Gàidhligcudromach ann a bhith a’ cur ris na prìomhachasan a chuireadh an cèill sa phlana ro-innleachdail againn”

Page 7: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Ro-ràdh

5

1.1 Oilthigh Ghlaschu san Fharsaingeachd Tha rùn soilleir aig Oilthigh Ghlaschu rannsachadh a bhios air thoiseach aig ìre an t-saoghail a ghabhail os làimh agus àrainneachd ionnsachaidh a thoirt seachad a bhios buannachdail do chultar, dhan a’ chomann-shòisealta agus dhan an eaconamaidh. Tha an rùn seo a’ stiùireadh gach rud a bhios sinn a’ dèanamh. Sna còig bliadhna a tha air thoiseach, ann a bhith a’ togail air an t-suidheachadh againn air ar n-inbhe mar aon dhe na h-oilthighean as fheàrr air an t-saoghal, anns a bheil mòr-chuideam air rannsachadh, tha sinn ag amas air sàr rannsachadh a lìbhrigeadh, sàr bheatha-oilthighe a thoirt dha na h-oileanaich againn, agus ar ruigsinneachd is ar cliù air feadh na cruinne a leudachadh.

Tha leasachadh cànan agus cultar na Gàidhlig cudromach ann a bhith a’ cur ris na prìomhachasan a chuireadh an cèill sa phlana ro-innleachdail againn, agus gu dearbh tha Ceiltis is Gàidhlig na prìomh raon sgoilearachd nar plana ro-innleachdail, Glasgow 2020 – a global vision. Fiosrachadh agus Figearan Bunaiteach Chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451 agus tha e moiteil a bhith:

• am measg 1% a tha nan sàr oilthighean an t- saoghail (QS World University Rankings 2012)

• mar fhear de 10 sàr-chosnaichean na Rioghachd Aonaichte (RA) a thaobh rannsachaidh (Higher Education Statistics Agency 2010-11)

• air a mheas sa chiad àite san Russell Group a thaobh riarachaidh am measg nan oileanach eadar-nàiseanta (International Student Barometer 2012)

• air a mheas sa 17mh àite san RA a thaobh riarachaidh am measg nan oileanach gu lèir (NSS 2012) le ìrean iomlan riarachaidh 89%.

Tha cliù againn air feadh an t-saoghail mar ionad a bhios a’ stiùireadh rannsachadh ùr-ghnàthach, is 75% dhen luchd-obrach ion-roghnaidh againn a’ cur ri cuspairean far a bheil a’ mhòr-chuid dhen rannsachadh air a mheas air thoiseach aig ìre an t-saoghail no aig sàr ìre gu eadar-nàiseanta, a rèir na h-Eacarsaich Measadh Rannsachaidh mu dheireadh.

Tha sinn nar ball dhen Russell Group de 24 oilthighean san RA a tha aig toiseach gnothaich a thaobh rannsachaidh, agus nar ball de IRUN (International Research Universities Network) – lìonra eadar-nàiseanta de dh’oilthighean rannsachaidh le bunait fharsaing.

Tha cliù againn airson sàr-mhathas teagaisg, mar a chomharraich Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2012, agus 89% dhe na h-oileanaich againn sa bhliadhna mu dheireadh aca a’ nochdadh gun robh iad riaraichte leis na cùrsaichean aca. Tha seo os cionn na cuibheasachd nàiseanta, 85%.

Tha sinn am measg nam ball a stèidhich Universitas 21, buidheann eadar-nàiseanta oilthighean le dealas a bhith a’ stèidheachadh inbhean-tomhais aig ìre an t-saoghail airson foghlam àrd-ìre, agus tha bunait fharsaing an eòlais sgoilearachd againn a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn còrr is 900 prògram ceuma a thabhann dha na fo-cheumnaich againn.

Àireamhan Luchd-obrach agus Oileanach Tha sinn nar fastaiche mòr ann am baile Ghlaschu, le mu 6,000 neach-obrach, a’ gabhail a-steach 2,500 neach-rannsachaidh. Gach bliadhna bidh sinn a’ cur fàilte air còrr is 16,000 fo-cheumnach agus 6,000 iar-cheumnach. Tha na h-oileanaich againn a’ tighinn bho chòrr is 120 dùthaich air feadh an t-saoghail gus ionnsachadh ann an Oilthigh Ghlaschu, agus a thuilleadh air sin, tha na cùrsaichean latha is feasgair againn a’ toirt taic do chòrr is 5,000 neach-ionnsachaidh fad-beatha, is 3,500 dhiubh sin air cùrsaichean a tha a’ giùlan chreideasan.

Ro-ràdh

Page 8: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Ro-ràdh

6

Sàr RannsachadhTha dealas againn a bhith a’ neartachadh ar seasaimh mar choimhearsnachd luchd-rannsachaidh a tha air thoiseach aig ìre an t-saoghail le bhith a’ brosnachadh sàr-mhathais, an dà chuid an taobh a-staigh chuspairean is ann a bhith a’ brosnachadh bhuidhnean eadar-chuspaireil a tha a’ cur aghaidh ri dùbhlain chruinneil, a’ toirt seachad beairteas cultarach agus buannachd dhan eaconamaidh. Tha sinn a’ leantainn oirnn a’ co-obrachadh le prìomh chom-pàirtichean agus a’ togail air ar cliù airson sàr rannsachadh a thaobh grunn nithean a bhuineas dhan Ghàidhlig. Thathar a’ toirt sealladh mionaideach air pròiseactan rannsachaidh dhen t-seòrsa seo ann an Caibideil 2.

Sàr Bheatha-Oilthighe nan OileanachTha sinn a’ dèanamh gach oidhirp gus oileanaich thàlantach a tharraing bho air feadh an t-saoghail agus foghlam a thoirt dhaibh a tha dùbhlanach a thaobh inntleachdais agus a tha stèidhichte air rannsachadh. Tha sinn cuideachd airson eòlas a thoirt dhaibh a dheasaicheas iad airson ionnsachadh fad-beatha agus a bheir comas dhaibh fhèin feum a dhèanamh nan suidheachadh fhèin san t-saoghal a tha romhpa. Tha sinn a’ toirt taic is brosnachadh do dh’oileanaich gus sgilean Gàidhlig agus tuigse is meas air cultar na Gàidhlig a thogail is a leasachadh tron Iomairt Ghàidhlig shònraichte againn. Tha sinn a’ cruthachadh chothroman fìora is innleachdach a bhith a’ cleachdadh agus ag àbhaisteachadh a’ chànain air làrach an Oilthighe. Tha sinn cuideachd a’ toirt sealladh sònraichte dha na h-oileanaich chèin againn air cultar na h-Alba fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh ann an Glaschu.

A’ Leudachadh ar Ruigsinneachd is ar Cliù air Feadh an t-Saoghail Tha traidisean làidir againn a bhith a’ leudachadh ar ruigsinneachd gu h-eadar-nàiseanta agus tha sinn air taic a thoirt do stèidheachadh is leasachadh oilthighean air feadh an t-saoghail. Tha na seann oileanaich againn air cur ri leasachadh eaconamach, àrainneil is sòisealta anns gach mòr-thìr, agus tron rannsachadh againn tha sinn air cur gu mòr ri teicneòlasan ùra, leigheasan, atharrachadh eaconamach agus beairteas cultarach. Leanaidh sinn oirnn a’ togail air na ceanglaichean a th’ ann mar-thà ri ionadan a tha an lùib sgrùdadh is leasachadh mhion-chànanan, a’ co-roinn an fhiosrachaidh is an eòlais againn, an dà chuid taobh a-staigh na h-Alba is gu h-eadar-nàiseanta, agus am measg àiteachan eile air feadh an t-saoghail far a bheil luchd na Gàidhlig.

1.2 A’ Ghàidhlig ann an Alba agus ann am Baile Ghlaschu

Sheall cunntas-sluaigh 2001 gun robh 58,652 neach-labhairt Gàidhlig ann an Alba. Nochd 78,402 neach gun tuigeadh iad a’ Ghàidhlig ach nach robh iad an-còmhnaidh comasach air a’ Ghàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a labhairt. ’S ann an Glaschu a tha an cruinneachadh as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, taobh a-muigh nan Eilean Siar, agus tha sealladh farsaing air luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Glaschu sa chlàr gu h-ìseal.

Àireamh dhaoine le comas a’ Ghàidhlig a labhairt, a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn ann an Glaschu, ann an 2001

Labhairt 5,731

Leughadh 4,312

Sgrìobhadh 3,280

Tuigsinn 8,389

Comas air choreigin2 9,941

2 Ann an 1991 bha ‘Comas air choreigin sa Ghàidhlig’ a’ gabhail a-steach gach neach le comas a’ Ghàidhlig a labhairt, a leughadh no a sgrìobhadh. Ann an 2001, bha seo a’ gabhail a-steach dhaoine le comas Gàidhlig labhairteach a thuigsinn, a bharrachd air daoine le comas a’ Ghàidhlig a labhairt, a leughadh no a sgrìobhadh.

A rèir Oifis Choitcheann Clàraidh na h-Alba, thathar an dùil gun tèid toraidhean cunntas-sluaigh 2011 a sgaoileadh anmoch ann an 2012.

’S ann am baile Ghlaschu a tha an sgoil Ghàidhlig as motha ann an Alba, agus chaidh am baile a chomharrachadh le Bòrd na Gàidhlig mar sgìre fàis chudromach a thaobh ath-bheothachadh na Gàidhlig. Mar sin, ’s e Glaschu aon dhe na sgìrean as cudromaiche ann an Alba a thaobh leasachadh na Gàidhlig an-diugh. Tha Comhairle Baile Ghlaschu air adhartas cudromach a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig le bhith a’ stèidheachadh na ciad sgoile uile-Ghàidhlig ann an Alba ann an 1999, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha an t-iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile air fàs cho bras bho 1999 is gu bheil an sgoil air gluasad gu togalach nas motha agus gu bheilear air a leudachadh gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh bho ìre ro-sgoile gu àrd-sgoile. Tha an clàr gu h-ìseal a’ sealltainn àireamh nan sgoilearan an dà chuid ann am foghlam bun-sgoile is àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ann an 2011 - 2012. Ann an 2010, thug Oilthigh Ghlaschu

Page 9: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Ro-ràdh

7

ceum dotaireachd urramaich do Donalda McComb, Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, gus an obair air leth a rinn i ann a bhith ag adhartachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu, is gu dearbh ann an Alba, a chomharrachadh. A bharrachd air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, tha iomadh aonad foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig taobh a-staigh bhun-sgoiltean tro mheadhan na Beurla san sgìre, nam measg: Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Siorrachd Lannraig a Tuath agus a Deas, Inbhir Chluaidh agus Siorrachd Àir an Ear.

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Àireamhan Sgoilearan 2011 - 2012

P1 – P7 371

S1 – S6 188

Gu Lèir 559

Sna bliadhnaichean mu dheireadh, tha foghlam Gàidhlig air leudachadh gu mòr air feadh Alba, mar a tha follaiseach sna figearan nàiseanta seo gu h-ìseal.

Àireamhan Sgoilearan ann am Foghlam Gàidhlig (Alba) ann an 2011 - 20123

Sgoil-Àraich 730

Bun-Sgoil 2,418

Àrd-Sgoil 3,747

Gu Lèir 6,895

3 Tha am figear airson foghlam ìre bun-sgoile a’ comharrachadh àireamh na cloinne ann am foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig. Tha figear na h-àrd-sgoile a’ gabhail a-steach an dà chuid sgoilearan air cùrsaichean luchd-labhairt fhileantach agus luchd-ionnsachaidh. http://www.gaidhlig.org.uk/bord/en/our-work/education

Tha Glaschu fìor chudromach cuideachd a thaobh foghlam Gàidhlig aig an treas ìre. Tha solar Gàidhlig aig caochladh ìrean ri fhaotainn ann an grunn ionadan air feadh a’ bhaile, nam measg Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh, Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, Colaiste Stow, Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba air iomall baile Ghlaschu.

Tha oifisean agus luchd-obrach aig tòrr bhuidhnean Gàidhlig stèidhichte sa bhaile, nam measg Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Deiseal Eta, An Lòchran agus MG ALBA. Chan eil teagamh nach eil seo a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha Glaschu dha na buidhnean seo agus tha dealas againn a bhith a’ cumail suas dhàimhean obrach làidir ri buidhnean a tha ag obair a dh’ionnsaigh

lèirsinn chom-pàirtichte gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig buan, chan ann a-mhàin ann an Glaschu ach air feadh na h-Alba.

Coltach ri Oilthigh Ghlaschu, tha mòran bhuidhnean stèidhichte ann an Glaschu a’ fastadh eòlaichean-cànain Gàidhlig gus solar Gàidhlig a leasachadh taobh a-staigh nan obraichean aca, nam measg Comhairle Baile Ghlaschu agus Glaschu Beò. Bidh sinn cuideachd ag obair gu dlùth leis na buidhnean seo le sùil a bhith a’ neartachadh agus a’ leasachadh làthaireachd na Gàidhlig air feadh baile Ghlaschu.

Tha tòrr chompanaidhean neo-eisimeileach an lùib nam meadhanan cuideachd stèidhichte ann an Glaschu, is iad a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig do BhBC ALBA. Gu dearbh, tha am BBC fhèin stèidhichte an seo, agus roinn mhòr Ghàidhlig na lùib ann.

Page 10: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

8

“’S e Oilthigh Ghlaschu an t-aon Oilthighsan RA le Cathair stèidhichte Gàidhlig”

Page 11: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

9

Tha an caibideil seo a’ toirt sealladh farsaing air an t-solar Ghàidhlig a th’ ann an Oilthigh Ghlaschu mar-thà, an dà chuid taobh a-staigh a chuid obraichean agus an lùib sgoilearachd.

2.1 Solar Sgoilearach Chaidh a’ chiad dhreuchd oifigeil òraidiche ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1900 agus chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh ann an 1956. A bharrachd air Cathair na Ceiltis, ’s e Oilthigh Ghlaschu an t-aon Oilthigh san RA le Cathair stèidhichte Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh ann an 2010. ’S e Ceiltis is Gàidhlig aon de shia raointean cuspair taobh a-staigh Sgoil nan Daonnachdan; ’s i an Sgoil aon dhe na ceithir Sgoiltean ann an Colaiste nan Ealain. Tha Ceiltis is Gàidhlig cuideachd na ball de dh’Ionad Eòlas na h-Alba is na Ceiltis, a tha a’ toirt sgoilearan air feadh an Oilthighe còmhla gus amas a chruthachadh airson rannsachadh agus teagasg ann an cànanan, eachdraidh, litreachas is cultar na h-Alba agus saoghal na Ceiltis. Tha fìor dheagh dhàimhean obrach eadar Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig agus raointean cuspair eile, gu h-àraid Eachdraidh, Arc-eòlas agus an Cànan Beurla, is a’ chiad dhà co-shuidhichte ann an Sgoil nan Daonnachdan. Bidh luchd-obrach a’ co-obrachadh ann a bhith a’ teagasg grunn chùrsaichean aig ìre Urraim is Iar-cheuma agus bidh iad a’ co-roinn stiùireadh grunn oileanach dotaireil eatarra. Tha co-stiùireadh nan oileanach dotaireil a’ leudachadh thar Sgoil nan Daonnachdan gu Sgoiltean eile taobh a-staigh Colaiste nan Ealain agus Colaiste nan Saidheansan Sòisealta. Tha èifeachdas a’ cho-obrachaidh seo cuideachd follaiseach ann an grunn iarrtasan soirbheachail a rinneadh airson maoineachadh rannsachaidh.

Tha 6.75 neach-obrach, co-ionann ri làn-ùine, an lùib rannsachaidh agus teagaisg ann an Ceiltis is Gàidhlig a bharrachd air 5.3 luchd-rannsachaidh, co-ionann ri làn-ùine, ag obair air pròiseactan a tha air am maoineachadh bhon taobh a-muigh. Tha Oifigear Gàidhlig làn-ùine cuideachd ag obair taobh a-staigh Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig, a tha suidhichte aig 3 Gàrraidhean an Oilthighe. Tha poileasaidh dà-chànanach aig Ceiltis is Gàidhlig agus tha àrainneachd dhà-chànanach taobh a-staigh an togalaich seo, far a bheil a’ mhòr-chuid dhen luchd-obrach is dhe na h-oileanaich a’ cleachdadh na Gàidhlig mar chànan làitheil conaltraidh.

Ionnsachadh Fo-cheumnachTha Ceiltis is Gàidhlig a’ tabhann trì prògraman fo-cheumnach air leth ann an Gàidhlig, Ceiltis agus Sìobhaltas nan Ceilteach. Faodar an dà chuid Gàidhlig agus Eòlas Ceilteach a dhèanamh mar phrògraman ceum Singilte le Urram no mar Cho-cheum le Urram còmhla ri cuspair eile. Chan fhaodar Sìobhaltas nan Ceilteach a dhèanamh ach mar Cho-cheum le Urram a-mhàin. Am measg nan Co-cheuman le Urram a rinneadh o chionn ghoirid leis a’ Ghàidhlig tha Eachdraidh na h-Alba, Eachdraidh, Fraingis, Gearmailtis, Eòlas Film agus Telebhisean, Eòlas Taigh-cluiche, Litreachas na h-Alba, Litreachas na Beurla agus Matamataig.

Ann an 2011-12 bha 236 oileanach fo-cheumnach ag ionnsachadh ann an Roinn na Ceiltis is Gàidhlig. Tha iad seo air an roinn mar a leanas:

Ìre 1 2 3 4

Gàidhlig 27 19 13 7

Eòlas Ceilteach / Sìobhaltas nan Ceilteach

116 40 9 5

Gu Lèir 143 59 22 12

Oileanaich a’ dèanamh Gàidhlig

Ìre 1 2 3 4

Fileanta sa Ghàidhlig aig àm inntrigidh

2 6 7 4

Àrd-Ìre Luchd-ionnsachaidh no rud co-ionann aig àm inntrigidh

3 3 2 1

Luchd-ionnsachaidh ab initio aig àm inntrigidh

22 10 4 2

Gu Lèir 27 19 13 7

Solar A Thaobhna Gàidhlig An-Ceartuair

Page 12: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

10

Tha trì cùrsaichean air an tabhann aig ìre a h-aon: cùrsa ab initio dhaibhsan aig nach eil ach beagan eòlais no aig nach eil eòlas idir air a’ Ghàidhlig; clas dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig Àrd-Ìre luchd-ionnsachaidh, air a theagasg gu ìre sa Ghàidhlig; agus clas dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig Àrd-Ìre fhileantach, air a theagasg is air a mheasadh sa mhòr-chuid tron Ghàidhlig. Do luchd-ionnsachaidh tha cuideam air dèanamh cinnteach gu bheil oileanaich a’ togail deagh thuigse air structaran a’ chànain, agus dhaibhsan a tha fileanta mar-thà, tha cuideam air a bhith a’ teagasg cinnt a thaobh gràmair agus litreachais fhad ’s a thathar a’ leudachadh raon briathrachais is modhan cainnte nan oileanach. Do luchd-labhairt fileanta, tha a’ mhòr-chuid dhen teagasg is dhen mheasadh, co-dhiù as ann a thaobh cànain no a thaobh litreachais, eachdraidh is cultair, air a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha luchd-ionnsachaidh a’ chànain a’ gluasad gu teagasg is measadh tro mheadhan na Gàidhlig ro dheireadh na dàrna bliadhna ionnsachaidh. Mun àm a ruigeas iad an treas agus an ceathramh bliadhna, tha na h-oileanaich air fad a tha a’ gabhail ceum sa Ghàidhlig air an teagasg is air am measadh sa mhòr-chuid tro mheadhan na Gàidhlig. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt seachad thaisbeanaidhean gu cunbhalach sa Ghàidhlig agus a’ sgrìobhadh tràchdas sa Ghàidhlig. Thathar a’ dùileachadh gum fritheil oileanaich nach eil fileanta sgoil shamhraidh Ghàidhlig eadar an dàrna is an treas bliadhna, agus a-rithist eadar an treas is an ceathramh bliadhna, gus na sgilean labhairt aca a thoirt air adhart. Tha an sgoil shamhraidh Ghàidhlig a’ faighinn taic bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba is Riaghaltas na h-Alba agus tha i fosgailte do dh’oileanaich bho ghrunn oilthighean. Faodaidh oileanaich a tha a’ dèanamh Eòlas Ceilteach tòiseachadh ag ionnsachadh na Gàidhlig san treas no sa cheathramh bliadhna, rud a bhios oileanaich air a’ phrògram sin a’ roghnachadh gu tric.

Sheall Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2012, a chaidh a dhèanamh am measg fho-cheumnach sa bhliadhna mu dheireadh, ìre riarchaidh 94% le prògraman Ceiltis is Gàidhlig. Bha 98% den luchd-fhreagairt dhen bheachd gun robh na prògraman gam brosnachadh gu h-inntleachdail agus bha 98% a’ faireachdainn gun robh an luchd-obrach dealasach mu na bha iad a’ teagasg.

Tha oileanaich a cheumnaich o chionn ghoirid air a dhol air adhart gu raon farsaing dhreuchdan, a’ gabhail a-steach teagasg, na meadhanan, dreuchdan leabharlainn, planadh cànain, lagh, ionnsachadh iar-cheumnach, eadar-theangachadh agus sgoilearachd.

Ionnsachadh Iar-cheumnach Aig ìre iar-cheumnach, tha an raon chuspair an-dràsta a’ tabhann grunn cheuman: Maighstireachd Litrichean (MLitt) ann an Eòlas Ceilteach, agus faodaidh oileanaich a’ Ghàidhlig a roghnachadh mar phàirt dhe seo; Maighstireachd Rannsachaidh (MRes) ann an Gàidhlig luchd-ionnsachaidh, Gàidhlig fhileantach agus Eòlas Ceilteach; Maighstireachd Feallsanachd (MPhil), ceum rannsachaidh aon bhliadhna anns am faod oileanaich tràchdas a chur a-steach sa Ghàidhlig; MLitt tro rannsachadh, ceum rannsachaidh dà bhliadhna anns am faod oileanaich tràchdas a chur a-steach sa Ghàidhlig; PhD, ceum rannsachaidh trì bliadhna anns am faod oileanaich tràchdas a chur a-steach sa Ghàidhlig. Tha na clasaichean Gàidhlig againn cuideachd fosgailte do dh’oileanaich iar-cheumnach ann an raointean cuspair eile, gus cothrom a thoirt dhaibh sgilean cànain bunaiteach a thogail no na sgilean a th’ aca mar-thà a leasachadh.

Tha an-dràsta 16 oileanaich a’ dèanamh PhD fo stiùireadh luchd-obrach ann an Ceiltis is Gàidhlig agus tha 8 oileanaich eile a’ dèanamh cheuman iar-cheumnach aon-bhliadhna san raon chuspair. Tha a’ mhòr-chuid dhiubh seo a’ rannsachadh chuspairean a’ buntainn ri cànan, litreachas no cultar na Gàidhlig, nam measg còd iomlaid; lìbhrigeadh na Gàidhlig eadar ghinealaichean; eachdraidh litreachadh na Gàidhlig; luchd-ionnsachaidh inbheach; an eadar-aghaidh eadar Gàidhlig agus Albais; co-thàthadh fhaclan; briathrachas dualchasach; eòlas-briathrachais agus seamantaigs; ionnsachadh cànain le taic coimpiutair; leasachadh na Gàidhlig ann am bailtean. Tha ceathrar oileanach an-dràsta a’ sgrìobhadh nan tràchdasan aca sa Ghàidhlig. Tha grunn oileanach a tha air ceumnachadh o chionn ghoirid air a dhol air adhart gu dreuchdan sgoilearach, is aon dhiubh sin a-nis na Iar-Ollamh aig Harvard.

Page 13: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

11

Rannsachadh agus Euchdan Tha àrainneachd rannsachaidh bheothail ann an Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig agus luchd-obrach gu cunbhalach a’ lìbhrigeadh phàipearan aig co-labhairtean ann an Alba is thall thairis agus a’ foillseachadh an cuid rannsachaidh mar aon-sgrìobhaidhean, no ann an irisean eadar-nàiseanta air am measadh le eòlaichean is cruinneachaidhean cho-labhairtean. Tha rannsachadh an luchd-obrach a’ gabhail a-steach raon farsaing de dh’obair, bhon linn mheadhan-aoisich chun na linn nuadh-aimisireil anns na prìomh raointean a’ buntainn ri Eòlas Ceilteach, a’ gabhail a-steach cànan, litreachas, eachdraidh agus cultar. Tha pròiseactan a’ buntainn gu sònraichte ris a’ Ghàidhlig a’ gabhail a-steach litreachas na naoidheamh linn deug agus na ficheadamh linn, ainmean pearsanta agus ainmean-àite Gàidhlig, na prìomh raointean a’ buntainn ri cànanachas na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach sòisio-chànanachas, eòlas-dhualchainntean, eòlas-briathrachais, gràmar agus agus cànanachais corpais.

Tha dealas aig an luchd-obrach againn uile a tha a’ rannsachadh Gàidhlig na h-Alba, a litreachas agus a cultar, a bhith a’ foillseachadh cuid dhen rannsachadh aca sa Ghàidhlig, mar sin a’ cur ri àbhaisteachadh na Gàidhlig mar chànan airson conaltradh sgoilearach.

Ann an Eacarsaich Measadh Rannsachaidh 2008 choisinn Roinn Cheiltis Ghlaschu a’ chiad àite ann an Alba, is 50% den rannsachadh againn air a mheas a bhith air thoiseach aig ìre an t-saoghail’ no ‘sàr-mhath gu h-eadar-nàiseanta’ agus 90% den rannsachadh againn air a mheas a bhith ‘aithnichte gu h-eadar-nàiseanta’.

Thathar a’ toirt aoigheachd gu cunbhalach do cho-labhairtean eadar-nàiseanta is tha tachartasan a’ gabhail a-steach Rannsachadh na Gàidhlig 7 (Lùnastal 2012) agus san àm ri teachd 15mh Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis (2015).

Tha Ceiltis is Gàidhlig air a bhith a’ foillseachadh theacsaichean litreachais agus sgoilearach bho na 1960an. Sna bliadhnaichean mu dheireadh thathar air irisean de chruinneachaidhean cho-labhairtean fhoillseachadh agus ann an 2008 chuireadh air bhonn Aiste, iris sgoilearach lèirmheaste, agus dh’fhoillsicheadh trì irisean gu ruige seo. Tha aistean air am foillseachadh ann an Gàidhlig na h-Alba, ann an Gàidhlig na h-Èireann agus ann am Beurla. A thuilleadh air seo, tha sgioba Ceiltis is Gàidhlig air grunn theacsaichean ionnsachadh

cànain ullachadh is fhoillseachadh, nam measg: Gràmar na Gàidhlig, Facal air an Fhacal agus Scottish Gaelic in Twelve Weeks. Pròiseactan Rannsachaidh Nàiseanta Tha luchd-obrach sgoilearach ann an Ceiltis is Gàidhlig gu mòr an sàs ann an raon phròiseactan tùsail nàiseanta a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, nam measg:

DASG (Dàta airson Stòras na Gàidhlig / Digital Archive of Scottish Gaelic), pròiseact a tha air aithneachadh le Acadamaidh Bhreatainn, agus a bheir seachad goireas didseatach sònraichte do luchd-cleachdaidh is luchd-rannsachaidh a’ chànain, tro bhith a’ leasachadh goireas air-loidhne dhen tasglann briathrachais a chaidh a chruinneachadh tro Fhaclair Eachdraidheil Gàidhlig na h-Alba (1966-96) ann an Roinn Cheiltis Oilthigh Ghlaschu. Tron phròiseact eile a tha na lùib, Corpas na Gàidhlig / The Corpus of Scottish Gaelic, bidh e cuideachd a’ toirt seachad a’ chiad chorpas cuimseach, làn-theacsa air-loidhne airson a’ chànain, agus bidh seo na dheagh bhun-stèidh airson rannsachadh is leasachadh teicneòlasach airson a’ chànain san àm ri teachd.

Tha Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig air rannsachadh a dhèanamh às leth Bhòrd na Gàidhlig air teicneòlas corpais a leigeas leis a’ Bhòrd poileasaidhean a dhealbh gus leasachaidhean feumail ann am planadh corpais na Gàidhlig agus an teicneòlas is na seirbheisean a bhuineas dha a chur an gnìomh.4

4 Michael Bauer, Roibeard Ó Maolalaigh and Rob Wherrett, Survey of Gaelic Corpus Technology (Glaschu, 2009). http://www.gaidhlig.org.uk/Downloads/Rannsachadh/CR09-03 Corpus Development Technology 2009 English.pdf

Page 14: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

12

’S e dualchainntean na Gàidhlig a bha aig cridhe a’ phròiseict rannsachaidh ‘Cumhachd Àireamhan: Caochlaideachd agus Atharrachadh Fuaime ann an Gàidhlig Alba,’ a chaidh a mhaoineachadh le Acadamaidh Bhreatainn.

Bha agus tha Ainmean Pearsanta agus Ainmean-Àite nam prìomh amas ann an grunn phròiseactan mòra le taic airgid bhon AHRC agus Urras Leverhulme. Tha am pròiseact ‘People of Medieval Scotland’ (PoMS) air stòr-dàta àraid a thogail dhe na h-ainmean pearsanta uile a tha a’ nochdadh ann an cairtean-sgrìobhte meadhan-aoiseach na h-Alba bho 1093 - 1314, agus ainmean Gàidhlig a’ dèanamh suas mu 20% dhiubh seo. Tha ‘The Expansion and Contraction of Gaelic in Medieval Scotland: The Onomastic Evidence’ a’ dèanamh sgrùdadh air mar a sgaoil a’ Ghàidhlig rè nam meadhan-aoisean bho Earra-Ghàidheal gu taobh an ear agus a deas na h-Alba, agus mar a thill i air ais à mòran dhe na h-àiteachan seo ro 1500. ’S e pròiseact mòr a th’ ann an ‘Scottish Toponymy in Transition’ (STIT) a tha ag amas air gun dèanar san àm ri teachd sgrùdadh, rannsachadh agus gun dèiligear ri ainmean-àite ann an Alba ann an Siorrachd Cheann Rois, Siorrachd Chlach Mhanainn, Tèadhaich, Conaigean ann an Siorrachd Àir agus Siorrachd Bhearaig ann an Crìochan na h-Alba. Tha ‘Commemorations of Saints in Scottish Place-Names’ a’ dèanamh sgrùdadh air ainmean-àite anns a bheil ainmean nan naomh (hagio-toponyms), a’ mhòr-chuid dhiubh bho thùs meadhan-aoiseach agus le ceangal ris a’ Ghàidhlig, Tuath-Bhreatannais, Lochlannais agus Albais. Bheir toraidhean nam pròiseactan seo, goireasan air-loidhne nam measg, seachad stòras sònraichte airson a bhith a’ daingneachadh Eòlas na h-Alba taobh a-staigh churraicealaman sgoile.

’S e Oilthigh Ghlaschu aon de chom-pàirtichean Soillse, an Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Gleidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig. Am measg phròiseactan Ghlaschu tha: inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig, dealbhadh corpais agus inbhe (pod-chraoladh, cleachdadh Wikis ann a bhith a’ toirt seachad àrd-ùrlar airson co-obrachadh) agus leasachadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean bailteil.

Am measg phròiseactan rannsachaidh nan oileanach tha: còd iomlaid; lìbhrigeadh na Gàidhlig eadar ghinealaichean; eachdraidh litreachadh na Gàidhlig; luchd-ionnsachaidh inbheach; an eadar-aghaidh eadar Gàidhlig agus Albais; co-thàthadh fhaclan; briathrachas dualchasach, eòlas-briathrachais agus seamantaigs; ionnsachadh cànain le taic coimpiutair; leasachadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean bailteil.

2.2 Ionad an Oilein Fhosgailte | The Centre for Open Studies

Tha Ionad an Oilein Fhosgailte a’ goireasachadh solar ionnsachadh fad-beatha an Oilthighe. Tha e a’ tabhann raon farsaing chùrsaichean, nam measg: nuadh-chànanan, coimpiutaireachd, eòlas eadar-nàiseanta, ceòl, na meadhanan, eachdraidh agus iomadh cùrsa eile.

Tha na cùrsaichean a tha air an tabhann le Ionad an Oilein Fhosgailte fosgailte dhan phoball agus tha raon farsaing dhaoine a’ gabhail com-pàirt, bho inbhich a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh gu daoine le cosnadh is gun chosnadh agus cuideachd luchd-obrach is oileanaich an Oilthighe fhèin. Tha Ionad an Oilein Fhosgailte air eacarsaich ath-sgrùdaidh is ath-structaraidh fharsaing a chrìochnachadh o chionn ghoirid agus cumaidh e suas a phrògram susbainteach de chothroman ionnsachadh fad-beatha a bharrachd air a bhith a’ toirt a-steach sreath de chothroman ùra is brosnachail.

Tha na cùrsaichean mar as trice air an cumail air làrach Oilthigh Ghlaschu ged a tha Ionad an Oilein Fhosgailte cuideachd gu mòr an sàs ann an obair ruigsinn a-mach agus a’ goireasachadh grunn chùrsaichean coimhearsnachd ann an sgìrean taobh a-muigh baile Ghlaschu, mar eisimpleir ann an Rinn Friù an Ear agus Siorrachd Dhùn Breatann an Ear.

Tha Ionad an Oilein Fhosgailte air a bhith a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig do choimhearsnachd Ghlaschu airson cha mhòr 50 bliadhna, gu h-àraid mar chlasaichean oidhche traidiseanta, agus thathar air dòigh-ionnsachaidh Ulpain a thoirt a-steach o chionn ghoirid cuideachd.

Solar 2011 - 2012

Gàidhlig Ìre 1(barantaichte le SCOTCAT) 31

oileanaichGàidhlig Ìre 2(barantaichte le SCOTCAT)

Cùrsaichean UlpanAonadan 1-48

15oileanaich

Làithean Blasaid Ulpan Aonadan 1-3Pàirt den West End Festival

28oileanaich

Page 15: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

13

Ann an 2012 - 2013, leanaidh Ionad an Oilein Fhosgailte air adhart a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig aig ìrean 1 & 2 SCOTCAT a bharrachd air raon chùrsaichean Ulpain aig ìrean tòiseachaidh, eadar-mheadhanach agus adhartach.

Tro bheatha a’ Phlana bidh Ionad an Oilein Fhosgailte ag obair gu dlùth le Oifigear na Gàidhlig agus Ionad nan Cànanan gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-Oilthigh a’ leantainn air adhart a’ tabhann raon farsaing chothroman ionnsachaidh Gàidhlig an dà chuid airson na coimhearsnachd mu thimcheall agus airson luchd-obrach is oileanaich an Oilthighe.

Bidh an t-Ionad ag obair gu dlùth le Oifigear na Gàidhlig gus cùrsaichean cànan agus cultar na Gàidhlig fhilleadh a-steach dha na cùrsaichean ùra samhraidh a bhios air an tabhann ann an 2013.

Ann an 2011 - 2012, chaidh Ionad an Oilein Fhosgailte tro eacarsaich ath-structaraidh agus ghabh e ri tiotal dà-chànanach a thathar a’ cleachdadh sa Phlana seo. Thèid seo a thaisbeanadh air soidhne aig prìomh dhoras an Ionaid. Tha e air a chleachdadh air cuairt-litrichean chànanan an Ionaid agus thathar a’ brosnachadh an luchd-obrach gus seo a thaisbeanadh air na puist-d aca.

2.3 Ionad nan Cànanan Tha Ionad nan Cànanan, suidhichte taobh a-staigh Sgoil nan Nuadh-Chànanan is Chultaran, a’ toirt taic do dh’ionnsachadh chànanan gu h-àraid taobh a-staigh an Oilthighe. Bidh Ionad nan Cànanan a’ ruith chùrsaichean pàirt-ùine ann am 20 cànan eadar-dhealaichte, a’ Ghàidhlig nam measg, a bharrachd air cùrsaichean ann a bhith a’ teagasg na Beurla mar chànan cèin.

Tha an t-Ionad ag amas sa chiad àite air luchd-obrach agus oileanaich an Oilthighe fhèin, ged a tha cùrsaichean fosgailte dhan mhòr-shluagh.

Tha Ionad nan Cànanan air a bhith a’ tabhann chùrsaichean neo-fhoirmeil Gàidhlig bho 1998 mar chùrsaichean traidiseanta feasgair is àm lòin. Bho 2007 tha iad air 70 dhen luchd-obrach is de dh’oileanaich a tharraing an dà chuid gu cùrsaichean Gàidhlig ìre luchd-tòiseachaidh is iar-luchd-tòiseachaidh.

Tha Ionad nan Cànanan a’ cumail raon farsaing stuthan ionnsachaidh Gàidhlig san leabharlann aige, faclairean, stuthan lèir-chlaistinneach agus irisean nam measg.

Mar a thathar a’ mìneachadh gu h-àrd, bidh Ionad nan Cànanan ag obair gu dlùth le Oifigear na Gàidhlig agus Ionad an Oilein Fhosgailte tro bheatha a’ Phlana gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-Oilthigh a’ leantainn air adhart a’ tabhann raon farsaing chothroman ionnsachaidh Gàidhlig, an dà chuid airson na coimhearsnachd ionadail agus airson luchd-obrach is oileanaich an Oilthighe fhèin.

2.4 Iomairt na Gàidhlig Ann an 2009 chuir an t-Oilthigh Iomairt Ghàidhlig ùr air bhonn agus chuireadh a’ chiad Oifigear Gàidhlig ann an roinn an Fhoghlaim Adhartaich ann an Alba ann an dreuchd, mar phìolat airson oilthighean na h-Alba. Tha an Iomairt ag amas air cànan is cultar na Gàidhlig a chur air adhart tron Oilthigh air fad. Bhon a chuireadh i air bhonn, tha an Iomairt air fàs nas treise is nas treise, agus raon phròiseactan àraid air an cruthachadh troimhpe airson cothrom a thoirt do luchd-obrach is oileanaich an Oilthighe com-pàirt a ghabhail leis a’ chànan is leis a’ chultar ann an grunn dhòighean. Am measg na chaidh a stèidheachadh tha: cothroman ionnsachaidh an-asgaidh do luchd-obrach is oileanaich air fad; Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach; tachartasan cultarach cunbhalach air làrach an Oilthighe; tachartas nàiseanta ealain Gàidhlig gach bliadhna do dh’oileanaich ann an co-bhoinn le Fèis Rois agus tachartas dreuchdail Gàidhlig. Tha sealladh farsaing dhe na prìomh nithean a tha an lùib na h-Iomairte agus obair Oifigear na Gàidhlig air am mìneachadh gu h-ìseal.

Page 16: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

14

Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh ann an 2009 gus cothrom a thoirt do dh’oileanaich a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig gu fileanta fuireach còmhla air làrach an Oilthighe airson na bliadhna sgoilearaich agus àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh dhaibh fhèin anns am b’ urrainn dhaibh a’ Ghàidhlig a chleachdadh le co-aoisean ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, ge brith dè an cuspair a bha iad ag ionnsachadh aig Oilthigh Ghlaschu.

Feumaidh oileanaich a tha a’ gabhail com-pàirt a’ Ghàidhlig a chleachdadh mar phrìomh chànan an taigh chòmhnaidh agus taic a thoirt do dh’obair Iomairt na Gàidhlig san fharsaingeachd tro bhith a’ cur thachartasan Gàidhlig air dòigh tron bhliadhna. Thathar a’ brosnachadh nan oileanach gus na tachartasan agus na h-iomairtean sònraichte aca fhèin a leasachadh gus cur ri bhith a’ togail ìomhaigh cànan is cultar na Gàidhlig am measg nan oileanach san fharsaingeachd agus gus na sgilean coitcheann aca fhèin a leasachadh cuideachd. Tha sinn air a bhith fìor thoilichte leis cho cruthachail is cho èasgaidh ’s a tha na h-oileanaich air a bhith gus an cànan a chur air adhart air làrach an Oilthighe agus cho deònach ’s a tha iad air a bhith gus fhilleadh a-steach nam beatha làitheil. Gu ruige seo tha na h-oileanaich air a’ chiad phrògram rèidio Gàidhlig a chur air bhog air Subcity Radio, stèisean rèidio an Oilthighe; tha iad air dearbh-aithne ùr a thoirt dhan an Sgeama Chòmhnaidh agus air an làrach-lìn aca fhèin a leasachadh gus na cleasan aca a chur air adhart; tha iad air pròiseact sònraichte pod-chraolaidh a chur air bhog ann an co-bhoinn le Soillse agus tha iad air raon farsaing thachartasan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig a chur air dòigh. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu choileanaidhean nan oileanach ri fhaotainn air làrach-lìn an Sgeama: www.taighnagaidhlig.org - Làrach-lìn Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach.

Tha Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach na phàirt riatanach de dh’Iomairt na Gàidhlig agus chan eil teagamh nach eil e a’ leasachadh sgilean pearsanta is cosnaidh nan oileanach a tha a’ gabhail com-pàirt. A bharrachd, agus gu cudromach, tha e a’ cur gu mòr rim misneachd sa Ghàidhlig aca fhèin, togail cànain agus pàtrain cleachdaidh san àm ri teachd.

Tha an dòigh-obrach againn a thaobh iomairtean togail agus cleachdadh cànain a’ tarraing air an rannsachadh teagaisg cànain as ùire a thaobh àrainneachdan ioma-chànain, gleidheadh mhion-chultaran agus togail comais ann an co-theacsa cànain le inbhe chugallaich. Cothroman Ionnsachaidh Neo-fhoirmeil do Luchd-obrach agus Oileanaich Tro Iomairt na Gàidhlig tha cothrom aig luchd-obrach is oileanaich uile air clasaichean Gàidhlig neo-fhoirmeil agus an-asgaidh. Chan eil na clasaichean seo a’ giùlan chreideasan agus sa bhitheantas tha iad ag amas air luchd-ionnsachaidh aig ìre tòiseachaidh no eadar-mheadhanach.

Tha na clasaichean air tòrr ùidh a thogail bho 2009 le 168 neach-obrach agus oileanach gu lèir gam frithealadh gu ruige seo. ’S fhiach toirt fa-near gu bheil 63% dhiubh seo air tighinn bho thaobh a-muigh Colaiste nan Ealain agus iad sgaoilte an ìre mhath gu cothromach eadar na trì Colaistean eile agus Seirbheisean an Oilthighe (52% oileanaich, 48% luchd-obrach).

Tha an luchd-obrach agus na h-oileanaich a tha a’ gabhail com-pàirt air am brosnachadh gus cumail a’ dol leis a’ chànan tro na solaraichean seirbheis eile again, leithid Ionad an Oilein Fhosgailte agus Ionad nan Cànanan, is na dhà seo a’ tabhann raon chùrsaichean Gàidhlig airson coimhearsnachd an Oilthighe a bharrachd air a’ choimhearsnachd ionadail.

A thuilleadh air seo, tha cothroman còmhraidh neo-fhoirmeil a’ gabhail àite dà uair san t-seachdain tron bhliadhna sgoilearaich. Tha seo a’ toirt cothrom an dà chuid do luchd-ionnsachaidh agus do luchd-labhairt fileanta na sgilean cànain aca a chleachdadh ann an àrainneachd neo-fhoirmeil ach fhathast le taic, taobh a-muigh nan clasaichean foirmeil sgoilearach.

Tha stèidheachadh nan clasaichean cànain an-asgaidh do luchd-obrach agus do dh’oileanaich air àireamh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air làrach an Oilthighe àrdachadh agus tha an iomairt cànain san fharsaingeachd agus na tachartasan Gàidhlig na cois cuideachd a’ cur taic riutha ann a bhith a’ togail is a’ cleachdadh a’ chànain.

Page 17: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

15

Tachartasan Cultarach Tha an raon farsaing thachartasan cultarach a bhios a’ gabhail àite gach seimeastar nam pàirt chudromach dhen Iomairt, a’ leigeil le coimhearsnachd an Oilthighe cothrom fhaighinn air cultar na Gàidhlig, co-dhiù a bhruidhneas no nach bruidhinn iad a’ Ghàidhlig fhèin. Gu cuibheasach, tha mu shia tachartasan cultarach ann gach seimeastar, bho thachartasan a’ buntainn ri ceòl agus ainmean-àite gu cur leabhraichean air bhog agus tachartasan mu dhreuchdan Gàidhlig.

Thathar a’ leasachadh an raoin thachartasan gach seimeastar stèidhichte air fios air ais bho chom-pàirtichean. Ged as e tachartasan Gàidhlig air an tàillearachd gu sònraichte mar phàirt de dh’Iomairt na Gàidhlig a th’ ann an tòrr dhe na tachartasan, tha Oifigear na Gàidhlig air co-obrachadh le seirbheisean an Oilthighe gus tachartasan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig fhilleadh a-steach is àbhaisteachadh taobh a-staigh tachartasan Oilthighe a th’ ann mar-thà. Mar eisimpleir, chaidh co-obrachadh a dhèanamh roimhe le Oifigear Leasachaidh Ciùil an Oilthighe, Comhairle Riochdachaidh nan Oileanach, Caibeal an Oilthighe agus Aonadh na Banrigh Mairead.

Bu chòir toirt fa-near gu bheil na tachartasan is na cothroman ionnsachaidh gu h-àrd air fad air an cur air adhart am measg nan oileanach Gàidhlig air feadh baile Ghlaschu, a’ gabhail a-steach oileanaich aig Oilthigh Shrath Chluaidh, Colaiste Stow, Conservatoire Rìoghail na h-Alba, An t-Oilthigh Cailleannach agus Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba. Gu ruige seo tha sinn air fàilte a chur air oileanaich bhon Oilthigh Chailleannach, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Colaiste Stow.

Tha cunbhalachd nan tachartasan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig air cur gu mòr ri inbhe agus ìomhaigh na Gàidhlig air làrach an Oilthighe againn. Tha i cuideachd air cur ri àrdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig an dà chuid am measg luchd-labhairt fileanta agus luchd-ionnsachaidh sa choimhearsnachd againn.

Obair Choimhearsnachd agus Taic dhan a’ Ghàidhlig gu Nàiseanta Tha ceanglaichean làidir le coimhearsnachd Ghàidhlig ionadail Ghlaschu, agus cuideachd a bhith a’ toirt taic do leasachadh na Gàidhlig gu nàiseanta, aig cridhe Iomairt na Gàidhlig. Bho 2009, tha Oifigear na Gàidhlig air a bhith an lùib raon chomataidhean is phròiseactan co-obrachail, nam measg leasachadh na Sgoile Coimhearsnachd ionadail (raon chlasaichean cur-seachad air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig)

agus tha an Iomairt cuideachd air cur ri Seachdain Meadhanan Sòisealta Ghlaschu san t-Sultain 2011.

Tha Oifigear na Gàidhlig air a bhith na ball gnìomhach de dh’Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 2009 làimh ri prìomh bhuidhnean Gàidhlig ann an Glaschu, nam measg: Comunn na Gàidhlig, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle nan Leabhraichean, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Fèisean nan Gàidheal, An Lòchran agus Glaschu Beò.

Tha sinn a’ cur luach air a’ chothrom a bhith an sàs ann an Iomairt na Gàidhlig air feadh a’ bhaile agus tha dealas againn a bhith a’ neartachadh na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Glaschu, gu h-àraid tro bhith a’ leasachadh phròiseactan coimhearsnachd a bheir taic agus brosnachadh do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhaile.

Taic do SgoilteanA bharrachd air ar com-pàirteachas le Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu, stèidhich sinn na pròiseactan sgoile againn fhèin ann an 2010.

Tha pròiseact co-obrachail eadar an Taigh-tasgaidh Hunterian agus Oifigear na Gàidhlig air cothrom a thoirt dhuinn bùithtean-obrach a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan ionadail le Gàidhlig, mar phàirt de phrògram foghlaim cuimseach an Taigh-tasgaidh. Tha na h-oileanaich againn a bhruidhneas a’ Ghàidhlig air bùithtean-obrach a lìbhrigeadh air grunn chuspairean, nam measg: na Lochlannaich, Teicneòlas Àrsaidh agus Dealan. Tha am pròiseact seo air cothrom a thoirt dha na h-oileanaich againn agus do sgoilearan na sgìre an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh ùr taobh a-muigh na h-àrainneachd sgoilearaich àbhaistich.

Page 18: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Solar An-Ceartuair

16

Tha e cuideachd air cur gu mòr ri bhith a’ leasachadh sgilean cosnaidh am measg nan oileanach a bhruidhneas a’ Ghàidhlig, gu h-àraid iadsan le ùidh ann a bhith a’ leantainn dhreuchdan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Ann an 2010 chuir sinn tachartas pìolatach air dòigh do sgoilearan à trì Àrd-sgoiltean mu sgìre Ghlaschu, mar cho-labhairt Ghàidhlig aon-latha airson sgoiltean is mar thaic do sgoilearan a bha ag ullachadh airson nan deuchainnean Àrd-Ìre aca. Bha cothrom aig na sgoilearan latha a chur seachad aig an Oilthigh, a’ gabhail com-pàirt ann an clasaichean agus a’ coinneachadh ri oileanaich fo-cheumnach a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig. Chaidh na clasaichean a leasachadh is a lìbhrigeadh leis na h-òraidichean Gàidhlig againn fhèin agus chaidh an dealbh gu sònraichte gus na sgoilearan a chuideachadh ann a bhith ag ullachadh airson nan deuchainn Àrd-Ìre a bha gu bhith aca. Bha am fios is an fhreagairt a fhuaireadh bho na sgoiltean misneachail dha-rìribh agus tha sinn a-nis a’ beachdachadh air seo a chur air adhart le tidsearan Gàidhlig na sgìre gus tachartas nàiseanta ullachadh an ceann ùine.

Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na GàidhligTha Oifigear na Gàidhlig againn air dreuchd co-òrdanaiche a ghabhail os làimh airson Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na Gàidhlig às leth Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Ceiltis (Alba). Tha dealas againn a bhith a’ daingneachadh na Sgoile Samhraidh Nàiseanta mar phàirt maireannach dhen mhìosachan bhliadhna sgoilearach gus taic a thoirt do dh’fheumalachdan nan oileanach a tha a’ dèanamh Gàidhlig air feadh na h-Alba. Tha sinn an-dràsta an sàs ann a bhith ag ullachadh eacarsaich chosgaisean eaconamach iomlan ann an co-bhoinn ri Bòrd na Ceiltis (Alba).

Tachartas Nàiseanta do dh’Oileanaich ann an Co-bhoinn le Fèis RoisTha a bhith a’ neartachadh coimhearsnachd nàiseanta nan oileanach Gàidhlig na phàirt cudromach eile de dh’Iomairt na Gàidhlig agus mar thoradh air a seo chaidh Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2010, ann an co-bhoinn le Fèis Rois.5 ’S e an tachartas seo an aon tachartas còmhnaidheach tro mheadhan na Gàidhlig ann am pasgan Fèis Rois agus chan e a-mhàin gu bheil e a’ brosnachadh fileantachd, tha e cuideachd a’ tarraing nan oileanach Gàidhlig còmhla tro na h-ealain. Chan e a-mhàin gu bheil an Fhèis àraid seo air a cumail gu tur tro mheadhan na Gàidhlig, tha i cuideachd air a cur air dòigh gu sònraichte do dh’oileanaich ann am foghlam adhartach agus àrd-ìre air feadh na h-Alba.

5 ’S e solaraiche foghlam ealain traidiseanta a tha ann am Fèis Rois. Tha i stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain agus bidh i a’ cur tòrr thachartasan is chothroman ionnsachaidh air dòigh air feadh na h-Alba. http://www.feisrois.org/

Page 19: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

“Tha dealas againn a bhith a’ neartachadh na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Glaschu”

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

17

Page 20: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

18

“Tha sinn a’ toirt cothrom dha na h-oileanaich againn ceangal brìgheil a dhèanamh le cànan is cultar na Gàidhlig”

Page 21: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

19

3.1 Beatha nan Oileanach Tha sinn ag amas air sàr bheatha-oilthighe a thoirt dha na h-oileanaich againn air fad fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh ann an Glaschu. Tha sinn ag amas air seo a dhèanamh tro bhith a’ lìbhrigeadh phrògraman sgoilearach a tha an dà chuid dùbhlanach is taitneach, tro bhith a’ cruthachadh àrainneachd ionnsachaidh air leth dha na h-oileanaich, làrach an Oilthighe a bhith sàbhailte dhaibh, agus cuideachd tro chom-pàirteachas is taic èifeachdach do dh’oileanaich.

GealltanasanMar phàirt dheth seo tha Iomairt na Gàidhlig againn a’ toirt cothrom dha na h-oileanaich againn ceangal brìgheil a dhèanamh le cànan is cultar na Gàidhlig, ge brith dè an raon cuspair a roghnaich iad fhèin a dhèanamh. Tron Iomairt, is urrainn dhuinn taic dhìreach agus phractaigeach a thoirt do dh’oileanaich le ùidh ann an cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha sealladh farsaing gu h-ìseal air na dòighean sa bheil sinn an dùil beatha nan oileanach Gàidhlig a leasachadh barrachd agus seo a dhaingneachadh mar rud seasmhach a thaobh beatha san Oilthigh.

Solar An-ceartuair: Gheibhear dealbh mionaideach dhen Iomairt Ghàidhlig againn ann an Caibideil 2, Solar An-ceartuair.

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Brosnachadh agus Togail Aire mun Ghàidhlig agus Com-pàirteachas sa Ghàidhlig

Tog ìomhaigh na Gàidhlig agus aire mun Ghàidhlig is mu ghnìomhan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig san fharsaingeachd air làrach an Oilthighe.

Meudaich an àireamh oileanach a tha a’ gabhail com-pàirt gnìomhach ann an tachartasan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Fill tachartasan cultarach Gàidhlig a-steach do bheatha nan oileanach tro cho-obrachadh le prìomh bhuidhnean is dhaoine, nam measg: Aonaidhean an Oilthighe (Aonadh na Banrigh Mairead agus Aonadh Oilthigh Ghlaschu) agus Comhairle Riochdachaidh nan Oileanach. Thèid obair a dhèanamh cuideachd le Oifigear Leasachaidh Ciùil an Oilthighe, An Comunn Oiseanach agus comainn oileanach iomchaidh eile.

Bidh tachartasan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig a’ nochdadh gach bliadhna agus mar phàirt choitcheann de Freshers’ Week Chomhairle Riochdachaidh nan Oileanach, RAG Week, Health Week agus Media Week.

OnaG & Comhairle Riochdachaidh nan

Oileanach2 Cleachdadh & Inbhe

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air cothroman gus Gàidhlig labhairteach a thoirt a-steach do chuirmean ceumnachaidh.

Comataidh na Gàidhlig

2 Cleachdadh & Inbhe

Bidh Oifigear na Gàidhlig (OnaG) ag obair gu dlùth le buill a’ Chomuinn Oiseanaich gus 2 chuspair naidheachd Gàidhlig, aig a’ char as lugha, a leasachadh gach bliadhna airson an sgaoileadh tro mheadhanan nan oileanach san Oilthigh: Glasgow Guardian, GUM, Subcity Radio no tro mheadhan GUST Television.

OnaG & An Comunn

Oiseanach 2 Cleachdadh & Inbhe

Page 22: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

20

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Cothroman Ionnsachaidh Neo-fhoirmeil

Meudaich an àireamh oileanach a tha a’ gabhail com-pàirt sna cothroman neo-fhoirmeil gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh, mar a tha Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte a’ tabhann.

Brosnaich cleachdadh briathrachais Ghàidhlig air soidhnichean dà-chànanach tro chothroman trèanaidh a tha air an cur air dòigh gu sònraichte.

Thèid cuireadh a thoirt do dh’oileanaich a bhith an làthair aig seiseanan trèanaidh gach bliadhna far an ionnsaich iad mar a dh’fhuaimnicheas iad am briathrachas Gàidhlig a tha air a thaisbeanadh air feadh Sgoil nan Daonnachdan agus prìomh àiteachan eile air làrach an Oilthighe.

OnaG & Sgoil nan Daonnachdan

1Togail

& Cleachdadh

Tro chomhairlichean nan oileanach, tog aire mu na cothroman neo-fhoirmeil a th’ ann gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh, gu h-àraid dhaibhsan nach urrainn a’ Ghàidhlig ionnsachadh mar chuspair sgoilearach.

OnaG & Àrd Chomhairlichean

2 Togail

Bidh làthaireachd aig Iomairt na Gàidhlig aig prìomh thachartasan bliadhnail nan oileanach, nam measg: Freshers’ Week, International Week, Làithean Fosgailte agus Taster Week, gus cothroman ionnsachaidh is còmhraidh sa Ghàidhlig a chur air adhart do dh’oileanaich ùra, oileanaich chèin, feadhainn a tha a’ beachdachadh air tighinn dhan Oilthigh agus oileanaich san fharsaingeachd.

OnaG, Comhairle

Riochdachaidh nan Oileanach,

Seirbheisean nan Oileanach

& Recruitment and International Office

(RIO).

2Togail

& Inbhe

Thèid fuaimneachadh a’ bhriathrachais Ghàidhlig air soidhnichean dà-chànanach air feadh làrach an Oilthighe a chlàradh is bidh iad rim faotainn mar fhaidhle-fuaim air an làraich-lìn againn.

OnaG 3Togail

& Cleachdadh

Page 23: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

21

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach (SCO)

Meudaich àireamh nan oileanach a tha a’ gabhail com-pàirt ann an Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach, gu h-àraid oileanaich bho thaobh a-muigh Ceiltis is Gàidhlig.

Thoir aithne fhoirmeil dha na sgilean, na coileanaidhean agus an leasachadh pearsanta is proifeiseanta aig na h-oileanaich a tha a’ gabhail com-pàirt ann an SCO.

Bidh fiosrachadh a’ buntainn ri SCO ri fhaotainn ann an leabhran ro-sheallaidh an Oilthighe.

Conaltraidhean Corporra

1 Inbhe & Cleachdadh

Thèid ìomhaigh SCO a thogail gu farsaing ann an àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba far a bheilear a’ teagasg na Gàidhlig, gus dèanamh cinnteach gu bheil oileanaich a tha a’ tighinn dhan Oilthigh agus a bhruidhneas a’ Ghàidhlig mothachail air a’ chothrom seo.

OnaG 1 Inbhe, Cleachdadh & Togail

Thèid SCO a chur air adhart air naidheachdan air-loidhne nan Seirbheisean Còmhnaidheach.

Seirbheisean Còmhnaidheach

2 Inbhe

Ann an co-bhoinn le Coláiste na h-Ollscoile Bhaile Átha Cliath (UCD) ann an Èirinn, leasaichidh sinn modal Leasachadh Pearsanta agus Proifeiseanta dhaibhsan a tha a’ gabhail com-pàirt ann an SCO.

OnaG 2 Cleachdadh & Togail & Corpas

3.2 Luchd-obrach Tha sinn airson is gum bi e comasach dhan luchd-obrach againn ceangal a dhèanamh leis a’ Phlana Ghàidhlig ann an dòigh cho brìgheil ’s a ghabhas le bhith a’ togail air an cuid eòlais is an cuid tuigse air leasachadh na Gàidhlig ann an Alba an-diugh agus cho buntainneach is cho cudromach ’s a tha ath-bheothachadh a’ chànain. Tha sinn cuideachd airson is gun tog an luchd-obrach againn na sgilean cànain a bheir comas dhaibh an cànan a chleachdadh san àite-obrach aca agus cur ris na raointean gealltanais a tha air

am mìneachadh sa Phlana. Bidh sinn gu gnìomhach a’ brosnachadh luchd-obrach gus com-pàirt a ghabhail ann an cothroman trèanaidh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach trèanadh togail aire agus cothroman ionnsachadh cànain. Leanaidh sinn air adhart a’ fastadh luchd-labhairt na Gàidhlig gu dreuchdan far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach agus / no so-mhiannach agus cuiridh sinn a-mach sanasan airson nan dreuchdan sin gu dà-chànanach.

Page 24: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

22 Solar An-ceartuair:

• An-dràsta tha cothrom aig luchd-obrach com-pàirt a ghabhail ann an cùrsaichean Gàidhlig a tha air an tabhann le Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte.

• Tha cothrom cuideachd air a bhith aig luchd-obrach cothroman ionnsachaidh a fhrithealadh an-asgaidh mar phàirt de dh’Iomairt na Gàidhlig. Chaidh na cothroman seo a chur air bhonn gus beachd fhaighinn mun ùidh a bh’ aig luchd-obrach sa Ghàidhlig.

• Tha sanasan obrach a’ buntainn ri dreuchdan far a bheil a’ Ghàidhlig na sgil riatanach agus/no so-mhiannach air an sanasachd gu dà-chànanach.

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Oifigear na Gàidhlig (OnaG)

Co-cheangail dreuchd Oifigear na Gàidhlig a-steach dhan Oilthigh mar dhreuchd mhaireannach.

Thèid maoineachadh airson dreuchd Oifigear na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte agus bidh an dreuchd maireannach bhon Lùnastal 2013.

Àrd-sgioba Stiùiridh 2 Inbhe

Cothroman Ionnsachaidh

Thèid luchd-obrach a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh tro raon chùrsaichean a tha air an tabhann le Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte.

Thèid fios a thoirt do luchd-obrach mu na goireasan air-loidhne a th’ ann mar-thà airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus thèid fios a thoirt dhaibh cuideachd mu chothroman ionnsachaidh air an taobh a-muigh.

Leasaichidh sinn an solar ionnsachadh fad-beatha againn gu bhith a’ gabhail a steach chùrsaichean samhraidh agus cothroman còmhraidh gu sònraichte do luchd-obrach.

Thèid raon chlasaichean Gàidhlig aig diofar ìrean a thabhann le Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte gach bliadhna. Bidh cùrsaichean a’ gabhail a-steach: clasaichean Ulpan do luchd-tòiseachaidh is meadhan-ìre, clasaichean oidhche traidiseanta agus cothroman ionnsachaidh aig àm lòin.

Ionad an Oilein Fhosgailte & Ionad

nan Cànanan1 Togail

Tro Iomairt na Gàidhlig, thèid cothroman còmhraidh a chur air dòigh do luchd-obrach ann an àite follaiseach air làrach an Oilthighe.

OnaG 1 Togail & Cleachdadh

Bidh Oifigear na Gàidhlig ag obair gu dlùth le Ionad an Oilein Fhosgailte gus cùrsaichean samhraidh a’ buntainn ri cànan agus cultar na Gàidhlig a leasachadh. Bidh iad seo ann am Prògram ùr an t-Samhraidh bhon Ògmhios 2013.

OnaG & Ionad an Oilein Fhosgailte

2 Togail

Page 25: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

23

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Cothroman Ionnsachaidh

Thèid luchd-obrach a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh tro raon chùrsaichean a tha air an tabhann le Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte.

Thèid fios a thoirt do luchd-obrach mu na goireasan air-loidhne a th’ ann mar-thà airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus thèid fios a thoirt dhaibh cuideachd mu chothroman ionnsachaidh air an taobh a-muigh.

Leasaichidh sinn an solar ionnsachadh fad-beatha againn gu bhith a’ gabhail a steach chùrsaichean samhraidh agus cothroman còmhraidh gu sònraichte do luchd-obrach.

Siridh Oifigear na Gàidhlig maoineachadh gus taic a thoirt do luchd-obrach ann a bhith a’ leantainn nan cùrsaichean Gàidhlig gu h-àrd agus /no cùrsaichean bogaidh / astair sam bith a tha iad airson a leantainn.

OnaG 2 Togail

Thèid fiosrachadh a thaisbeanadh air an làraich-lìn againn a bhios a’ ceangal ri goireasan ionnsachaidh air-loidhne a th’ ann mar thà:

• BBC Beag air Bheag• LearnGaelic.net • Modal an Oilthighe Fhosgailte: A’ Ghàidhlig

ann an Alba an Latha An-diugh

A bharrachd bidh sinn a’ toirt seachad fiosrachaidh mu chothroman ionnsachaidh eile, nam measg: am prògram ionnsachaidh-air-astar aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Inntrigidh.

OnaG & Seirbheis Leasachaidh an Luchd-obrach

2 Togail

Foillsichidh sinn mapa shlighean ionnsachaidh gus fios a thoirt seachad mu na diofar roghainnean gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh ann an Oilthigh Ghlaschu, cothroman sgoilearach agus ionnsachadh fad-beatha nam measg. Thèid seo a bhrosnachadh fada is farsaing an dà chuid air an taobh a-muigh agus air an taobh a-staigh tro OnaG, Ionad an Oilein Fhosgailte agus lìonra Ionad nan Cànanan.

OnaG, Ionad an Oilein Fhosgailte & Ionad nan Cànanan

3 Togail & Inbhe

Page 26: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

24

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Trèanadh Togail Aire mun Ghàidhlig agus Cùrsaichean air an Dealbh gu Sònraichte Tog aire mu shoidhnichean agus mu bhith a’ cleachdadh a’ bhriathrachais Ghàidhlig a tha a’ nochdadh air soidhnichean dà-chànanach.

Thoir a-steach cothroman Togail Aire mun Ghàidhlig air stèidh bhliadhnail.

Gabhaidh Oifigear na Gàidhlig com-pàirt ann an tachartas inntrigidh an luchd-obrach gach bliadhna agus thèid innse do luchd-obrach ùr mun chothrom gus trèanadh Togail Aire mun Ghàidhlig a fhrithealadh a bharrachd air cothroman gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus fiosrachadh mu Iomairt na Gàidhlig san fharsaingeachd.

OnaG & Seirbheis Leasachaidh an Luchd-obrach

1 Inbhe & Togail

Thèid fios mu Thrèanadh Togail Aire mun Ghàidhlig, a thèid a chumail gach bliadhna, a sgaoileadh am measg an luchd-obrach uile tro Sheirbheis Leasachaidh an Luchd-obrach agus Naidheachdan na Làraich.

OnaG, Seirbheis Leasachaidh an Luchd-obrach & Conaltraidhean

Corporra.

1 Inbhe & Togail

Gheibh luchd-obrach cuireadh gu seiseanan trèanaidh bliadhnail far an ionnsaich iad mar a dh’fhuaimnicheas iad am briathrachas Gàidhlig a tha air a thaisbeanadh air soidhnichean dà-chànanach air feadh Sgoil nan Daonnachdan agus air feadh làrach an Oilthighe.

OnaG & Sgoil nan Daonnachdan

2 Togail & Cleachdadh

Thèid fuaimneachadh a’ bhriathrachais air soidhnichean dà-chànanach air feadh làrach an Oilthighe a chlàradh agus gheibhear seo mar fhaidhle-claistinn air an làraich-lìn againn.

OnaG 3 Togail & Cleachdadh

Page 27: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

25

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Trèanadh Togail Aire mun Ghàidhlig agus Cùrsaichean air an Dealbh gu Sònraichte Tog aire mu shoidhnichean agus mu bhith a’ cleachdadh a’ bhriathrachais Ghàidhlig a tha a’ nochdadh air soidhnichean dà-chànanach.

Thoir a-steach cothroman Togail Aire mun Ghàidhlig air stèidh bhliadhnail.

Cuiridh Oifigear na Gàidhlig cùrsaichean trèanaidh sònraichte air dòigh do bhuidhnean sònraichte luchd-obrach aig amannan freagarrach dhen bhliadhna, mar eisimpleir: luchd-obrach fàilteachaidh a tha a’ dèiligeadh gu dìreach ri daoine; Luchd-obrach nan Seirbheisean Aoigheachd a bhios an lùib Latha na Gàidhlig a thèid a chumail gach bliadhna; agus Luchd-obrach Cho-labhairtean agus Sheirbheisean Luchd-tadhail a dh’fhaodadh a bhith an lùib Rannsachadh na Gàidhlig agus Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis.

OnaG agus an raon iomchaidh

A rèir iarrtais Togail & Cleachdadh

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Sgrùdadh Sgioba-obrach

A’ togail air an sgrùdadh a rinneadh roimhe ann an 2010,6 cumaidh sinn clàr cunbhalach agus mionaideach de chomasan Gàidhlig an luchd-obrach tro Ghoireasan Daonna.

Bidh ceist a’ buntainn ri comas sa Ghàidhlig a’ nochdadh gu coitcheann ann an siostam fèin-sheirbheis Goireasan Daonna an Oilthighe ro Ògmhios 2012. Bheir seo cothrom dhuinn clàr a chumail suas de chomas Gàidhlig am measg an luchd-obrach.

Goireasan Daonna 1 Inbhe & Cleachdadh

Ceangal le Cultar na Gàidhlig

Meudaich agus brosnaich na cothroman do luchd-obrach ceangal a dhèanamh le cultar na Gàidhlig, an dà chuid air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh.

Thèid aon chonsairt, aig a’ char as lugha, a chur air dòigh gach bliadhna ann an sreath chonsairtean Music @ Lunchtime an Oilthighe.

OnaG & Oifigear Leasachaidh a’

Chiùil1 Inbhe & Cleachdadh

Thèid tiogaidean an-asgaidh a thabhann gach bliadhna gu Consairtean Gàidhlig aig Celtic Connections agus / no Ceòl is Craic tro Dhìleab MhicFhearghais.7

OnaG & Seirbheis na Cùirte

2 Inbhe & Cleachdadh

6 Michelle Cotter, Fiona Dunn & Roibeard Ó Maolalaigh, ‘A’ Ghàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu: Ùidh, Comasan agus Beachdan’. Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig, Sgoil nan Daonnachdan, Colaiste nan Ealain, Oilthigh Ghlaschu (2010).

7 Dh’fhàg An t-Ollamh Tòmas MacFhearghais dìleab aig an Oilthigh ann an 1977, le stiùireadh an t-airgead a chosg gus beatha shòisealta àrach san Oilthigh.

Page 28: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

26

Solar An-ceartuair:

• Tha suaicheantas Gàidhlig an Oilthighe air a chleachdadh gu farsaing le luchd-obrach na Ceiltis is na Gaidhlig agus ’s e seo an aon riochd a bhios Oifigear na Gàidhlig a’ cleachdadh gus gnìomhan sam bith co-cheangailte ri Iomairt na Gàidhlig a chur air adhart.

• Tha Sgoil nan Daonnachdan gu tur dà-chànanach is soidhnichean Gàidhlig agus Beurla air an taisbeanadh taobh a-muigh togalaichean gach cuspair agus air feadh oifis na Sgoile. Am measg an raoin chuspairean tha: Ceiltis is Gàidhlig, Arc-eòlas, Clasaigs, Eachdraidh, Teicneòlas Adhartach nan Daonnachdan, Institiud an Fhiosrachaidh agus Feallsanachd.

• Tha poileasaidh dà-chànanach stèidhichte aig Ceiltis is Gàidhlig gus stiùireadh a thoirt seachad mun dòigh sam bu chòir stuthan Gàidhlig a thaisbeanadh, i.e. bu chòir postairean agus brathan a bhith air an taisbeanadh taobh a-staigh togalach an raoin chuspair.

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Suaicheantas an Oilthighe

Beachdaichidh sinn air a’ Ghàidhlig a chleachdadh san dearbh-aithne chorporra againn an ath thuras a bhios cothrom ann an dearbh-aithne ùrachadh.8

Bidh stiùireadh mun dòigh sam bu chòir an suaicheantas Gàidhlig a chleachdadh ri fhaicinn ri taobh an stiùiridh Bheurla.

Meudaich cho tric ’s a thèid an riochd Gàidhlig dhen t-suaicheantas a chleachdadh.

Thèid stiùireadh mu chleachdadh suaicheantas Gàidhlig an Oilthighe fhoillseachadh ann an Stiùiridhean Corporra oifigeil an Oilthighe.

Conaltraidhean Corporra

1 Inbhe

Thèid an suaicheantas Gàidhlig a chleachdadh air brathan-naidheachd a tha a’ dol a-mach gu dà-chànanach agus gu ionadan co-cheangailte ris na meadhanan Gàidhlig.

Conaltraidhean Corporra

1 Inbhe & Corpas

3.3 Dearbh-aithneTha sinn a’ creidsinn gun toir barrachd làthaireachd lèirsinnich a thaobh na Gàidhlig san dearbh-aithne chorporra agus sna soidhnichean againn togail mhòr do dh’inbhe na Gàidhlig agus do dh’aire mun chànan san fharsaingeachd, chan ann a-mhàin am measg coimhearsnachd an Oilthighe ach cuideachd am measg na coimhearsnachd ionadail, am mòr-shluagh agus luchd-tadhail

eile a bhios gu tric a’ tadhal no a’ dol seachad air raointean poblach làrach an Oilthighe. A thuilleadh air seo, le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig san dearbh-aithne lèirsinnich againn, cuidichidh seo gu mòr ann a bhith a’ cur ri briathrachas na Gàidhlig agus planadh corpais san fharsaingeachd.

Page 29: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

27

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Suaicheantas an Oilthighe

Beachdaichidh sinn air a’ Ghàidhlig a chleachdadh san dearbh-aithne chorporra againn an ath thuras a bhios cothrom ann an dearbh-aithne ùrachadh.8

Bidh stiùireadh mun dòigh sam bu chòir an suaicheantas Gàidhlig a chleachdadh ri fhaicinn ri taobh an stiùiridh Bheurla.

Meudaich cho tric ’s a thèid an riochd Gàidhlig dhen t-suaicheantas a chleachdadh.

8 Bidh seo a rèir toraidhean na h-eacarsaich rannsachaidh eadar-nàiseanta againn, ‘Buaidh Dearbh-aithne Dà-chànanaich air Iomairt Eadar-nàiseantachd Oilthigh Ghlaschu’. Thathar an dùil gun tèid an rannsachadh seo a thoirt gu crìch mun Ghearran / Màrt 2013 agus thèid fiathachadh gu Bòrd na Gàidhlig is gu riochdairean bho ionadan air feadh na h-Alba, gu bhith an làthair nuair a thèid na toraidhean seo a thaisbeanadh.

Thèid an riochd Gàidhlig de shuaicheantas an Oilthighe a chleachdadh gu coitcheann aig co-labhairtean sgoilearach eadar-nàiseanta iomchaidh, nam measg:• Rannsachadh na Gàidhlig 2012 • Còmhdhail Eadar-nàiseanta na

Ceiltis 2015

Ceiltis agus Gàidhlig, CVSO (Conference and Visitor Services

Office)

1 Inbhe

Nì Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte feum dhen t-suaicheantas Ghàidhlig nuair a bhios iad a’ sanasachd chùrsaichean Gàidhlig.

Ionad nan Cànanan agus Ionad an

Oilein Fhosgailte 1 Inbhe

Nochdaidh an suaicheantas Gàidhlig air fear dha na busaichean beaga a tha fo urrasachd Iomairt na Gàidhlig.

OnaG & Seirbheisean Còmhdhalach

2 Inbhe & Corpas

Page 30: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

28

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Soidhnichean

Meudaich faicsinneachd na Gàidhlig ann an làrach an Oilthighe tro bhith a’ cleachdadh barrachd shoidhnichean dà-chànanach ann am prìomh àiteachan.

Meudaich aire mun Ghàidhlig am measg an luchd-obrach is nan oileanach tro iomairtean a chuireas soidhnichean sealach Gàidhlig suas ann an àiteachan follaiseach ann an làrach an Oilthighe.

9 Tha suidheachadh Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach ag atharrachadh gach bliadhna: sin as coireach gu bheil na soidhnichean sealach.

Thèid soidhnichean sealach Gàidhlig a thaisbeanadh ann an àiteachan-còmhnaidh nan oileanach far a bheil Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach suidhichte.9

OnaG & Seirbheisean

Còmhnaidheach 1 Inbhe & Corpas

Bidh soidhnichean sam bith a thèid a thaisbeanadh airson cho-labhairtean a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig dà-chànanach.

Ceiltis agus Gàidhlig & CVSO

1 Inbhe & Corpas

Mar phàirt de Latha na Gàidhlig, thèid soidhnichean dà-chànanach a chur suas air feadh an Oilthighe gus ìomhaigh cànan agus cultar na Gàidhlig a thogail. Am measg nan soidhnichean bidh: • stiùiridhean• clàran-bìdh • liostaichean prìse

OnaG & Seirbheisean Aoigheachd

2 Inbhe, Corpas & Cleachdadh

Am measg nam prìomh àiteachan a tha air an comharrachadh airson shoidhnichean dà-chànanach tha: a’ Phrìomh Shlighe A-steach, raointean den Leabharlann, Ionad an Oilein Fhosgailte, Taigh-tasgaidh agus an Gailearaidh Ealain Hunterian agus prìomh oifis nan Seirbheisean Còmhnaidheach.

Oighreachdan agus Togalaichean

& Seirbheisean

Oilthighe

2 Inbhe & Corpas

Page 31: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

29

3.4 Conaltraidhean Le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig barrachd sna conaltraidhean againn, a’ gabhail a-steach fòn, post, post-d. agus foirmean, seallaidh sinn do choimhearsnachd an Oilthighe agus dhan phoball choitcheann gu bheil an t-Oilthigh a’ dèanamh toileachadh ri conaltradh sa Ghàidhlig. Meudaichidh seo na cothroman practaigeach gus an cànan a chleachdadh bho latha gu

latha agus mar thoradh togaidh seo faicsinneachd agus aire mun chànan san fharsaingeachd. Le bhith a’ cleachdadh a’ chànain barrachd sna conaltraidhean againn, leasaichidh seo leud a’ bhriathrachais Ghàidhlig a tha air a chleachdadh ann am foghlam àrd-ìre na h-Alba agus thar sin.

Solar An-ceartuair:

• Tha a’ Ghàidhlig air a bruidhinn gu farsaing taobh a-staigh Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig. Thar seo, tha aon rùnaire a bhruidhneas a’ Ghàidhlig taobh a-staigh Sgoil nan Daonnachdan agus tha dreuchd fìor chudromach aicese a’ dèiligeadh ri ceistean fòn sa Ghàidhlig a bharrachd air a bhith a’ conaltradh ri luchd-obrach is oileanaich sa Ghàidhlig.

• Tha luchd-obrach na Ceiltis is na Gàidhlig gu cunbhalach a’ co-fhreagairt gu dà-chànanach agus sa Ghàidhlig a-mhàin. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh ceann-litreach agus sreath-cinn dà-chànanach.

• Tha co-fhreagairtean bho Sgoil nan Daonnachdan, an dà chuid air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh, a’ taisbeanadh tiotal iomlan na Sgoile gu dà-chànanach mar nì coitcheann.

• Tha ainmeannan dà-chànanach air bonn nam post-d aig iomadh neach-obrach ann an Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig agus nas fharsainge ann an Sgoil nan Daonnachdan cuideachd.

• Bhon a thòisich Ionad an Oilein Fhosgailte a’ cleachdadh tiotal dà-chànanach, tha e air luchd-obrach a bhrosnachadh gus an t-ainm dà-chànanach a thaisbeanadh air ainmeannan aig bonn nam post-d aca.

• Feumaidh oileanaich a tha a’ cur a-steach iarrtas gus com-pàirt a ghabhail ann an Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach foirm iarrtais a lìonadh a tha ri fhaotainn sa Ghàidhlig a-mhàin.10

• Tha co-fhreagairt bho thaobh a-staigh Sgoil nan Daonnachdan a’ taisbeanadh ceann-litreach dà-chànanach.

• Tha co-fhreagairt air fad air an taobh a-staigh bho Oifigear na Gàidhlig, a’ brosnachadh Iomairt na Gàidhlig air feadh an Oilthighe, air a chur a-mach gu dà-chànanach no sa Ghàidhlig a-mhàin mar a tha freagarrach.

• Bidh luchd-obrach a bhruidhneas a’ Ghàidhlig taobh a-staigh Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig agus raointean cuspair eile (m.e. Eachdraidh) a’ conaltradh gu labhairteach agus tro phost-d tro mheadhan na Gàidhlig.

• Bhon a chaidh Iomairt na Gàidhlig a thoirt a-steach ann an 2009, chaidh eadar-theangachadh mar-aon a chleachdadh aig iomadach tachartas.

10 Feumaidh oileanaich a bhith fileanta sa Ghàidhlig gus com-pàirt a ghabhail ann an Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach.

Page 32: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

30

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Fòn

Meudaich an àireamh luchd-obrach fàilteachaidh a tha a’ frithealadh chùrsaichean trèanaidh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig.

Comharraich luchd-obrach a bhiodh deònach barrachd feum a dhèanamh dhe na sgilean Gàidhlig aca mar phàirt dhen obair aca le bhith a’ gabhail cheistean tro mheadhan na Gàidhlig.

Thèid cuireadh a thoirt do luchd-obrach fàilteachaidh gu Trèanadh Togail Aire mun Ghàidhlig agus gus cùrsaichean Gàidhlig sònraichte a fhrithealadh airson briathrachas bunaiteach ionnsachadh agus gus ionnsachadh mar a chuireas iad air adhart ceistean a thig a-steach sa Ghàidhlig.

Oighreachdan & Togalaichean &

OnaG2 Inbhe agus Corpas

Bho dhàta a tha air a chruinneachadh air siostam Goireasan Daonna, togaidh sinn stòr-dàta de luchd-obrach aig a bheil comas sa Ghàidhlig agus a bhiodh deònach conaltradh a ghabhail air a’ fòn, tron phost agus tro phost-dealain.

Goireasan Daonna & OnaG

3 Togail agus Cleachdadh

Thoir liosta do luchd-obrach fàilteachaidh de luchd-obrach a bhruidhneas a’ Ghàidhlig agus a tha deònach dèiligeadh ri ceistean tro mheadhan na Gàidhlig.

OnaG 3 Togail agus Cleachdadh

Page 33: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

31

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Post-d agus Post

Meudaich àireamh an luchd-obrach a tha a’ taisbeanadh ainmeannan dà-chànanach aig bonn nam post-d aca. Cuimsich air Sgoil nan Daonnachdan sa chiad dol a mach.

Cuir air adhart gu bheil am mòr shluagh deònach conaltradh a chur tro phost-d is tron phost gu Oilthigh Ghlaschu ann an Gàidhlig tro fhoillseachadh a’ Phlana seo.

Ma thig conaltradh sgrìobhte a-steach sa Ghàidhlig, agus feum air freagairt, thèid sin a thilleadh sa Ghàidhlig.

GLO and other relevant areas.

1Inbhe, Cleachdadh agus

Corpas

Ma tha buill sam bith eile dhen luchd-obrach airson an ainm a bhith dà-chànanach air puist-d, thèid am fiosrachadh eadar-theangachadh gu Gàidhlig dhaibh ma dh’iarras iad sin.

OnaG 1Inbhe, Cleachdadh agus

Corpas

Thèid liosta de thiotalan obrach is de raointean cuspair a chur ri chèile sa Ghàidhlig airson Sgoil nan Daonnachdan agus bidh an liosta ri fhaotainn do luchd-obrach taobh a-staigh na Sgoile.

Sgoil nan Daonnachdan &

OnaG 3

Inbhe, Cleachdadh agus Corpas

Foirmean

Dèan sgrùdadh air mar a dh’fhaodadh barrachd chothroman a bhith ann do luchd-tadhail is oileanaich le Gàidhlig a tha a’ beachdachadh air tighinn dhan Oilthigh gus foirmean Oilthighe a lìonadh sa Ghàidhlig.

Dèan cinnteach gu bheil pròiseas clàrachaidh dà-chànanach air dòigh do riochdairean a tha a’ frithealadh nan co-labhairtean sgoilearach buntainneach a tha gu bhith ann.

Comharraichidh OnaG cothroman airson foirmean iomchaidh fhaotainn sa Ghàidhlig agus obraichidh i gu dlùth le raointean iomchaidh an Oilthighe gus foirmean iomchaidh eadar-theangachadh agus aire a thogail mun chothrom. Mar eisimpleir: foirmean ceist air-loidhne agus foirmean measadh cùrsa airson mhodalan Gàidhlig.

OnaG & raointean iomchaidh

2Inbhe, Cleachdadh agus

Corpas

Foirm air-loidhne gu tur dà-chànanach ri fhaotainn airson cho-labhairtean leithid Rannsachadh na Gàidhlig 2012 agus Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis 2015.

CVSO & Ceiltis is Gàidhlig

1 Cleachdadh & Inbhe

Page 34: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

32

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Eadar-theangachadh Mar-aon

Cleachd eadar-theangachadh mar-aon barrachd aig tachartasan sgoilearach agus tachartasan Iomairt na Gàidhlig.

Dèan pìolat air a bhith a’ cleachdadh eadar-theangachadh mar-aon aig coinneamhan Comataidh na Gàidhlig le amas a bhith a’ cleachdadh eadar-theangachadh mar-aon gu coitcheann.

Thèid pìolat a dhèanamh air teicneòlas eadar-theangachaidh mar-aon le Comataidh na Gàidhlig, às dèidh do Phlana an Oilthighe a bhith air aontachadh, sa 1d bhliadhna.

Comataidh na Gàidhlig

1Inbhe, Cleachdadh agus

Corpas

Thèid seirbheis eadar-theangachaidh mar-aon a thabhann do neach-labhairt Gàidhlig sam bith a bhios a’ toirt taisbeanadh seachad mar phàirt de shreath cho-labhairtean Ionad Eòlas na h-Alba is na Ceiltis.

Ionad Eòlas na h-Alba is na Ceiltis

1Inbhe, Cleachdadh agus

Corpas

Thèid seirbheis eadar-theangachaidh mar-aon a thabhann aig gach làn-òraid Ghàidhlig rè Rannsachadh na Gàidhlig.

Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig, CVSO

1Inbhe, Cleachdadh agus

Corpas

Page 35: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

33

3.5 Foillseachaidhean Le sinn a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an grunn stuthan clò-bhuailte, bidh i nas follaisiche, bidh inbhe a’ chànain nas làidire agus thèid cothroman a chruthachadh airson a bhith a’ cleachdadh briathrachas Gàidhlig, a bharrachd air a bhith a’ leasachadh briathrachas ùr. Le bhith a’ neartachadh na dàimh againn leis na meadhanan Gàidhlig is le bhith a’ meudachadh na tha sinn a’

cleachdadh dhen Ghàidhlig ann an dàimh phoblaich, air an làraich-lìn agus ann an duilleagan nam meadhanan sòisealta, taisbeanaidh sinn ar dealas a bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh cudromach tro mheadhan na Gàidhlig agus a bhith a’ togail faicsinneachd agus inbhe a’ chànain.

Solar An-ceartuair:

• Tha an litreachas air fad a bhios Oifigear na Gàidhlig a’ cur a-mach dà-chànanach no sa Ghàidhlig a-mhàin far a bheil sin iomchaidh.

• Tha an litreachas gus Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig a bhrosnachadh air a chur a-mach sa Bheurla le Gàidhlig na lùib.

• Tha brathan-naidheachd air fad a’ buntainn ri Ceiltis is Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhlig air an cur a-mach gu dà-chànanach.

• Bidh Ceiltis is Gàidhlig a’ ceannach àite sanasachd gach bliadhna ann am foillseachaidhean sònraichte Gàidhlig. Mar eisimpleir: mìosachan-balla Comunn na Gàidhlig a tha air a chuartachadh air buidhnean agus sgoiltean le Gàidhlig air feadh na h-Alba, agus cuideachd Cur is Fàs.

• Tha na duilleagan air làrach-lìn an Oilthighe a tha a’ buntainn ri Iomairt na Gàidhlig gu lèir dà-chànanach.

• Tha poileasaidh dà-chànanach stèidhichte aig Ceiltis is Gàidhlig agus tha seo a’ toirt stiùireadh seachad mun dòigh sam bu chòir do stuthan Gàidhlig, m.e. postairean is brathan, a bhith air an taisbeanadh taobh a-staigh togalach an raoin chuspair.

• Tha fiosrachadh dà-chànanach a’ buntainn ri Iomairt na Gàidhlig air a thaisbeanadh ann an togalach Sgoil nan Daonnachdan.

• Tha clàran-taisbeanaidh mòra an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla an-còmhnaidh am follais is iad a’ togail ìomhaigh Iomairt na Gàidhlig. Gabhaidh na h-ionadan-foillseachaidh seo gluasad agus bidh iad air an toirt gu àiteachan eile far am bi tachartasan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig a’ gabhail àite.

Page 36: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

34

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Stuthan ann an Clò

Meudaich àireamh nan stuthan a tha air an clò-bhualadh sa Ghàidhlig a-mhàin agus meudaich làthaireachd na Gàidhlig ann an litreachas nan cùrsaichean a tha ann mar-thà.

Meudaich làthaireachd litreachas brosnachail a’ buntainn ri Iomairt na Gàidhlig thar làrach an Oilthighe.

Clàr Bliadhnail an Oilthighe ri ùrachadh gu bhith a’ gabhail a-steach cothrom tràchdas a chur a steach sa Ghàidhlig air cuspairean buntainneach.

Clèireach an t-Seanaidh

1 Inbhe & Cleachdadh

Thèid bileag a dhèanamh sa Ghàidhlig a-mhàin gus na cothroman sgoilearach a tha taobh a-staigh Ceiltis is Gàidhlig a chur air adhart.

Ceiltis is Gàidhlig & Colaiste nan Ealain

1 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Thèid bileag a dhèanamh sa Ghàidhlig a-mhàin gus Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach a chur air adhart, agus thèid a cuartachadh air sgoiltean air feadh na h-Alba.

OnaG 1 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Bidh leabhran-sanais Iomairt na Gàidhlig follaiseach ann am prìomh àiteachan taisbeanaidh thar làrach an Oilthighe, a’ gabhail a-steach a’ phrìomh thogalaich, an Leabharlann, Togalach Fhriseil, agus thèid a chuartachadh air togalaichean anns a h-uile raon cuspair.

OnaG 2 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Page 37: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

35

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Dàimh Phoblach & Na Meadhanan

Meudaich àireamh nam brathan-naidheachd dà-chànanach a tha air an cur a-mach gach bliadhna.

Neartaich an dàimh a tha eadar Oilthigh Ghlaschu agus na meadhanan Gàidhlig.

Thèid gnothaichean na Dàimh Phoblaich a’ buntainn ri Ceiltis is Gàidhlig agus/no Iomairt na Gàidhlig a chur a-mach gu dà-chànanach mar nì coitcheann.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

1 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Cuiridh an t-Oilthigh 2 bhrath-naidheachd dà-chànanach a-mach, aig a’ char as lugha, gach bliadhna. Bidh iad stèidhichte air naidheachdan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig agus bidh e mar amas an àireamh seo a mheudachadh rè beatha a’ Phlana.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

1 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Leasaich liosta de dhaoine is de dh’ionadan co cheangailte ris na meadhanan agus glèidh seo taobh a-staigh Chonaltraidhean Corporra.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

1 Inbhe & Cleachdadh

Liosta de phrìomh thachartasan is chinn-latha a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig a leasachadh agus cuir iad seo air adhart taobh a-staigh Chonaltraidhean Corporra.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

1 Inbhe & Cleachdadh

Thoir liosta do Chonaltraidhean Corporra de phrìomh luchd-obrach a bhruidhneas a’ Ghàidhlig agus a bhiodh deònach bruidhinn ris na meadhanan Gàidhlig.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

1 Inbhe & Cleachdadh

Page 38: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 G

ealltanasan

36

Raon Leasachaidh Ceumannan Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana Prionnsapal Planadh Cànain

Làrach-lìn & Meadhanan Sòisealta

Tog ìomhaigh na Gàidhlig tro bhith ga taisbeanadh air earrannan nas follaisiche dhen làraich-lìn.

Meudaich na tha de stuth Gàidhlig air làrach-lìn an Oilthighe.

Meudaich làthaireachd naidheachdan Gàidhlig air duilleagan meadhanan sòisealta oifigeil an Oilthighe.

Thèid ceangal a chur air dòigh ris na duilleagan Gàidhlig bho dhuilleag-dachaigh an Oilthighe.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

1 Inbhe & Cleachdadh

Cuiridh sinn ceangal air dòigh ri duilleagan Iomairt na Gàidhlig bho dhuilleag-dachaigh Sgoil nan Daonnachdan.

Sgoil nan Daonnachdan

1 Inbhe & Cleachdadh

Ceanglaidh sinn na duilleagan Facebook is Twitter aig Iomairt na Gàidhlig ri duilleag-dachaigh an Oilthighe mar phàirt dhen liosta oifigeil de dhuilleagan meadhanan sòisealta Oilthigh Ghlaschu.

OnaG & Conaltraidhean

Corporra 1 Inbhe & Cleachdadh

Bidh duilleagan meadhanan sòisealta oifigeil Oilthigh Ghlaschu ag ath-phostadh fhiosan is bhrathan, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, ma tha iad a’ buntainn ris na h-oileanaich san fharsaingeachd agus luchd-leughaidh air an taobh a-muigh, m.e. fiosrachadh mu Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach agus fiosrachadh mu chothroman ionnsachaidh is mu thachartasan cultarach a tha a’ gabhail àite.

OnaG & Conaltraidhean

Corporra1 Inbhe & Cleachdadh

Làthaireachd na Gàidhlig àrdachadh air làraich-lìn a’ sanasachd chùrsaichean Gàidhlig taobh a-staigh Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte.

OnaG, Ionad nan Cànanan & Ionad

an Oilein Fhosgailte2 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Faigh a-mach mun chothrom gus sgrùdadh a dhèanamh air an stuth Ghàidhlig a tha air an làraich-lìn, le amas tuilleadh leasachaidh a thoirt air an stuth Ghàidhlig.

Conaltraidhean Corporra & OnaG

2 Inbhe, Cleachdadh & Corpas

Page 39: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

“Tha luchd-obrach sgoilearach ann an Ceiltis is Gàidhlig gu mòr an sàs ann an raon phròiseactan tusail nàiseanta a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig”

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

37

Page 40: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

38

“A’ toirt taic do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig tro bhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh chùrsaichean Leasachadh Dreuchdail Leantainneach ann an co-bhoinn ri Bòrd na Gàidhlig”

Page 41: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Plana Nàiseanta agus Cur an Sàs

39

4.1 Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig san Fharsaingeachd

Tha Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a’ comharrachadh ceithir nithean co-cheangailte ri chèile a thaobh leasachadh cànain ris am bu chòir aghaidh a chur, agus taobh a-staigh gach nì, thathar a’ mìneachadh grunn raointean gnìomha a tha airidh air prìomhachas:

Togail CànainA’ meudachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig air a lìbhrigeadh taobh a-staigh theaghlaichean agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman èifeachdach ann airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, tro bhith:

• a’ meudachadh cleachdadh is lìbhrigeadh na Gàidhlig san dachaigh

• a’ meudachadh na h-àireimh chloinne a’ togail na Gàidhlig anns an sgoil

• a’ meudachadh na tha a’ dol an lùib foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus na tha ri fhaotainn de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig

• a’ meudachadh na h-àireimh inbheach a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ dol air adhart gu fileantas.

Cleachdadh CànainA’ brosnachadh barrachd cleachdaidh a thaobh na Gàidhlig, a’ toirt seachad chothroman gus an cànan a chleachdadh, agus a’ toirt comas nas fheàrr do dhaoine buntanas a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig agus a briathrachais, tro bhith: :

• a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan

• a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig ann am foghlam na treas ìre agus ann an àiteachan-obrach

• a’ meudachadh làthaireachd na Gàidhlig anns na meadhanan

• a’ meudachadh brosnachadh na Gàidhlig anns na h-ealain

• a’ meudachadh ìomhaigh na Gàidhlig ann an earrannan na turasachd, an dualchais agus a’ chur-seachad.

Inbhe CànainA’ meudachadh cho tric ’s a bhios daoine a’ faicinn is a’ cluinntinn na Gàidhlig, a’ neartachadh mar a bhios daoine ag aithneachadh na Gàidhlig, agus a’ cruthachadh ìomhaigh mhath airson na Gàidhlig ann am beatha phoblaich na h-Alba, tro bhith:

• a’ meudachadh na h-àireimh bhuidhnean a tha ag ullachadh Phlanaichean Cànain Gàidhlig

• a’ meudachadh ìomhaigh agus cliù na Gàidhlig

• a’ meudachadh faicsinneachd is aithne a thaobh na Gàidhlig.

Corpas CànainA’ neartachadh iomchaidheachd is cunbhalachd na Gàidhlig agus a’ brosnachadh rannsachadh a thaobh a’ chànain, tro bhith:

• a’ meudachadh iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig

• a’ meudachadh càileachd is cothrom a thaobh eadar-theangachaidhean Gàidhlig

• a’ meudachadh na tha ri fhaotainn de dh’fhiosrachadh rannsachaidh neo-mhearachdach.

Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus mar a Thèid a Chur an Sàs

Page 42: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Plana Nàiseanta agus Cur an Sàs

40

4.2 A’ Cur an Sàs Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig

Ann a bhith ag ullachadh a’ chiad Phlana Gàidhlig againn, tha sinn air aire dhlùth a thoirt dha na ceithir prionnsapalan planadh cànain a tha air am mìneachadh ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig: togail, cleachdadh, inbhe agus corpas cànain. Tha sinn a’ creidsinn gun tèid a’ chuid as cudromaiche a nì sinn a thaobh nam prionnsapalan seo agus cur an sàs Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh sa chiad àite tro bhith a’ toirt barrachd làthaireachd dhan a’ Ghàidhlig agus tro bhith ga cleachdadh barrachd sna prìomh ghnìomhan againn, mar a thathar a’ mìneachadh ann an caibideil 3, Gealltanasan. A bharrachd, tha na raointean-gnìomha gu h-ìseal a’ toirt fiosrachadh mu shreath de phròiseactan nas fharsainge a leigeas leinn aghaidh a chur gu sònraichte ris na prìomh phrionnsapalan planadh cànain sa Phlana Nàiseanta agus obrachadh a dh’ionnsaigh barrachd Gàidhlig ann am foghlam, san àite-obrach, sa choimhearsnachd agus ann am beatha phoblach na h-Alba.

Mar oilthigh a tha aig toiseach leasachadh na Gàidhlig ann am foghlam na treas ìre, tha dealas againn a bhith a’ sìor leasachadh cànan agus cultar na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu gus dèanamh cinnteach gum bi i buan. Mar thoradh air seo, gabhaidh sinn aire dhan a’ Ghàidhlig nuair a bhios sinn ag ùrachadh agus a’ leasachadh phoileasaidhean air feadh an Oilthighe bho seo a mach, a’ filleadh a-steach nan gealltanasan againn a thaobh a’ chànain far a bheil e comasach sin a dhèanamh. 4.2.1 Togail Cànain Tha sinn ag aithneachadh gum feum barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig ionnsachadh ma tha i gu bhith seasmhach san àm ri teachd. Feumar amas air an dachaigh, air foghlam agus air ionnsachadh inbheach mar mheadhan gus seo a choileanadh. Nì sinn na rudan a leanas gus àrainneachd thaiceil a chruthachadh airson àrdachadh a thoirt air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba.

Gnìomh Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana

Amaisidh sinn air àireamh nan oileanach a tha clàraichte air cùrsaichean fo-cheumnach is iar-cheumnach a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig àrdachadh gach bliadhna tro iomairtean co-obrachail le RIO (Recruitment and International Office) agus tro cheanglaichean nas dlùithe le àrd-sgoiltean gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan mothachail mun taraif airson faighinn a-steach gu Colaiste nan Ealain.

Colaiste nan EalainCeiltis is Gàidhlig

RIO

Thar beatha a’ Phlana

Bidh sinn an-còmhnaidh ag ath-sgrùdadh is a’ cumail sùil air an raon chùrsaichean Gàidhlig a tha ri fhaotainn air na prògraman sgoilearach againn. Cuideachd, nuair a tha e comasach dhuinn, bheir sinn a-steach cùrsaichean ùra a fhreagras air an àm agus air eòlas an luchd-obrach sgoilearaich againn. Bidh sinn a’ toirt a-steach a’ mhodail Poileasaidh agus Planadh Cànain ann an Alba chun a’ phasgain chùrsaichean Gàidhlig againn ann an 2012 - 2013.

Ceiltis is Gàidhlig 1

Siridh sinn cothroman eadar-chuspaireil gus a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach gu prògraman freagarrach eile thar an Oilthighe, a’ tòiseachadh leis a’ phrògram mhaighstireil ùr, Eòlas Eadar-theangachaidh: Eadar-theangachadh & Cleachdadh Proifeiseanta (MSc).

Ceiltis is Gàidhlig 1

Leanaidh sinn air adhart leis an dreuchd againn a’ co-òrdanachadh Sgoil Shamhraidh Nàiseanta na Gàidhlig às leth Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Ceiltis (Alba) gus an tèid modal freagarrach agus seasmhach a lorg airson na Sgoile.

OnaGCeiltis is Gàidhlig

Leantainneach

Leanaidh sinn air adhart ag obair gu dlùth le Foghlam Alba agus cuiridh sinn ri bhith a’ leasachadh a’ churraicealaim agus a’ lìbhrigeadh Eòlas na h-Alba ann an sgoiltean ann an Glaschu agus san sgìre mun cuairt.

Colaiste nan EalainCeiltis is Gàidhlig

Leantainneach

Page 43: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Plana Nàiseanta agus Cur an Sàs

41

Gnìomh Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana

Bheir sinn taic seachad do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig tro bhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh chùrsaichean Leasachadh Dreuchdail Leantainneach ann an co-bhoinn ri Bòrd na Gàidhlig.

Ceiltis is Gàidhlig 1

Àrdaichidh sinn an àireamh inbheach, a’ gabhail a-steach buill den phoball, luchd-obrach is oileanaich, a tha a’ gabhail com-pàirt ann an cùrsaichean Gàidhlig air an tabhann le Ionad an Oilein Fhosgailte agus Ionad nan Cànanan aig an Oilthigh. Nithear seo tro mhargaideachd nas co-obrachail is nas sgioblaichte eadar OnaG, Ionad nan Cànanan agus Ionad an Oilein Fhosgailte.

Ionad an Oilein Fhosgailte

Ionad nan CànananOnaG

2-5

Tro Ionad an Oilein Fhosgailte agus Ionad nan Cànanan, obraichidh sinn gu dlùth leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ionadail gus cùrsaichean Gàidhlig a thabhann, is iad air an tàillearachd a rèir iarrtas bho bhuidhnean sònraichte, a’ gabhail a-steach pàrantan chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus buill de luchd-obrach a tha ag obair do bhuidhnean le Planaichean Gàidhlig.

Ionad an Oilein Fhosgailte

Ionad nan CànananOnaG

2-5

Leudaichidh sinn cothroman do dh’inbhich gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh le bhith a’ toirt chùrsaichean samhraidh Gàidhlig a steach gu Ionad an Oilein Fhosgailte ann an 2013.

Ionad an Oilein Fhosgailte

OnaG 2

Cuiridh sinn seiseanan fiosrachaidh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air dòigh gach bliadhna gus cothrom a thoirt do phàrantan am measg an luchd-obrach is nan oileanach gus barrachd ionnsachadh mu sholar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu.

OnaG 3

4.2.2 Cleachdadh CànainTha sinn ag aithneachadh nach e a-mhàin a bhith a’ meudachadh àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a tha cudromach, ach cuideachd a bhith a’ meudachadh àireamh nan daoine a bhios a’ cleachdadh a’ chànain. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e a

bhith a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine a’ Ghàidhlig a chleachdadh mar am meadhan conaltraidh as fheàrr agus as àbhaistiche leotha, ann an raon de ghnìomhan làitheil a bhios a’ sìor leudachadh.

Page 44: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Plana Nàiseanta agus Cur an Sàs

42

Gnìomh Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana

Leanaidh sinn air adhart a’ cur chothroman air dòigh, an dà chuid do luchd-obrach is do dh’oileanaich, gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh air làrach an Oilthighe, tro shreath thachartasan cunbhalach sa Ghàidhlig, nam measg: cothroman còmhraidh gach seachdain, cèilidhean traidiseanta, seiseanan fiosrachaidh mu ainmean-àite Gàidhlig, bùithtean-obrach mu na h-ealain Ghàidhlig agus tachartasan litreachais. Faic http://www.gla.ac.uk/gaelic airson eisimpleirean bho 2011 - 2012.

OnaGComhairle

Riochdachaidh nan Oileanach

Leantainneach

Gus a’ choimhearsnachd Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu a neartachadh barrachd agus gus ar n-eòlas air ar coimhearsnachd Ghàidhlig a leasachadh barrachd, nì sinn sgrùdadh air dòighean gus staitistig agus fiosrachadh a chruinneachadh mu àireamh nan oileanach aig Oilthigh Ghlaschu a bhruidhneas a’ Ghàidhlig agus a tha a’ dèanamh chùrsaichean sgoilearach eile seach a’ Ghàidhlig.

An t-Ionad-clàraidh OnaG

3

Cuiridh sinn ri bhith a’ neartachadh coimhearsnachd na Gàidhlig ann am foghlam adhartach agus àrd-ìre ann an Alba le bhith a’ leantainn air adhart ag obair gu dlùth is gu dàimheil le co-obraichean ann an Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Shrath Chluaidh agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean gus fiosrachadh is eòlas mu leasachadh Gàidhlig a cho-roinn.

OnaG Leantainneach

Leanaidh sinn cuideachd air adhart a’ co-roinn fiosrachaidh mu thachartasan cunbhalach co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig le colaistean agus oilthighean air feadh Ghlaschu gus com-pàirteachas sna tachartasan againn a leudachadh agus a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann am foghlam adhartach is àrd-ìre a neartachadh air feadh Baile Ghlaschu.

OnaG Leantainneach

Togaidh sinn cliù Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach gu farsaing ann an àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba gus aire a thogail mun chothrom a tha aig luchd-labhairt na Gàidhlig a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an Oilthigh Ghlaschu ge brith dè an cuspair sgoilearach a tha iad ag ionnsachadh.

OnaG 1

Obraichidh sinn gu dlùth le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus a’ choimhearsnachd ionadail Ghàidhlig gus cothroman sònraichte a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig gus faighinn a-steach gu Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh an Oilthighe agus eòlas a chur orra tro mheadhan na Gàidhlig.

Gailearaidh Ealain agus an Taigh-

tasgaidh Hunterian OnaG

3

Cumaidh sinn suas ar dàimhean obrach dlùth le buidhnean Gàidhlig ann an Glaschu agus nì sinn cinnteach gu bheil luchd-obrach agus oileanaich mothachail air na tha dol air adhart sa choimhearsnachd a thaobh na Gàidhlig. Am measg nam buidhnean tha: Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu, Glasgow Life, Comhairle Baile Ghlaschu, Deiseal Eta, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

OnaG Leantainneach

Nì sinn sgrùdadh domhainn am measg an luchd-obrach gus dearbhadh fhaighinn mu àireamh nan dreuchdan aig an Oilthigh far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach no so-mhiannach. Stèidhichte air toradh an sgrùdaidh, dh’fhaodte gum bi e comasach dhuinn a’ Ghàidhlig fhilleadh a-steach mar sgil so-mhiannach ann an dreuchdan a bharrachd aig an Oilthigh.

OnaGGoireasan Daonna

5

Page 45: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Plana Nàiseanta agus Cur an Sàs

43

4.2.3 Inbhe Cànain Tha sinn ag aithneachadh gu bheil iomadh rud a’ toirt buaidh air inbhe cànain. Mar eisimpleir, a làthaireachd san àrainneachd làitheil, an ìre chun a bheilear ga chleachdadh is a’ cur luach air, agus an ìre a rèir coltais chun a bheil na h-ionadan sin a tha cudromach nar beatha làitheil a’ cur luach air.

A bharrachd air an t-sreath ghealltanasan a thathar a’ mìneachadh ann an caibideil 3, Gealltanasan, is

iad a’ buntainn ri bhith a’ togail inbhe na Gàidhlig tro shoidhnichean, tro bhith a’ filleadh thachartasan Gàidhlig a-steach am measg thachartasan stèidhichte an Oilthighe agus tro bhith a’ meudachadh na th’ ann de litreachas gu dà-chànanach agus sa Ghàidhlig a-mhàin, bidh sinn a’ togail suas is a’ gabhail tlachd à cànan is cultar na Gàidhlig gu mòr air feadh làrach an Oilthighe tro na tachartasan a tha air am mìneachadh gu h-ìseal. .

Gnìomh Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana

Molaidh sinn cànan agus cultar na Gàidhlig tro bhith a’ cur Latha na Gàidhlig air dòigh gach bliadhna gus aire a thogail mun chànan. Bidh Latha na Gàidhlig a’ gabhail a-steach sreath de thachartasan sònraichte, soidhnichean dà-chànanach sna h-ionadan-bìdh againn air fad, seiseanan neo-fhoirmeil far am faighear blasad den Ghàidhlig, tachartasan poblach, cearcallan mòra còmhraidh sna h-ionadan-bìdh againn, tachartasan air an stiùireadh le oileanaich, agus mòran a bharrachd. Bheir seo cothrom dhuinn na tha sinn a’ dèanamh a thaobh na Gàidhlig a thaisbeanadh agus an cànan a thogail san fharsaingeachd.

OnaGSeirbheisean Aoigheachd

1

Page 46: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Plana Nàiseanta agus Cur an Sàs

44

4.2.4 Corpas CànainTha sinn ag aithneachadh gum feum sinn buinteanas agus riaghailteachd na Gàidhlig a neartachadh, seirbheisean eadar-theangachaidh a dhèanamh soirbh agus rannsachadh a thaobh a’ chànain a bhrosnachadh.

Targaid Raon Cunntasach A’ Bhliadhna den Phlana

Tha dealas againn a bhith a’ cleachdadh agus a’ leasachadh Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig gu coitcheann anns na prògraman sgoilearach againn air fad agus anns na soidhnichean, na foillseachaidhean agus na conaltraidhean againn.

Ceiltis is GàidhligComataidh na

GàidhligLeantainneach

Leanaidh sinn air adhart a’ cur ri leasachadh corpas na Gàidhlig tro bhith a’ stiùireadh phròiseactan corpais fìor chudromach, nam measg: Corpas na Gàidhlig / The Corpus of Scottish Gaelic agus Dàta airson Stòras na Gàidhlig / Digital Archive of Scottish Gaelic (DASG).

Ceiltis is Gàidhlig Leantainneach

Cumaidh sinn suas ar làthaireachd agus ar tabhartas a thaobh phròiseactan agus bhuidhnean-obrach cudromach air feadh na dùthcha a chuir neo a tha an-dràsta a’ cur ri leasachadh is neartachadh corpas na Gàidhlig. Tha an luchd-obrach againn air cur ri, agus uaireannan air leantainn air adhart a’ cur ri, na pròiseactan nàiseanta agus/no na còmhlain-obrach a leanas: Faclair na Gàidhlig, Ainmean-Àite na h-Alba, Bòrd na Ceiltis (Alba), LearnGaelic.net, Còmhlan-obrach Sgoiltean Samhraidh na Gàidhlig, grunn chòmhlan-obrach le Bòrd na Gàidhlig, còmhlan-obrach Riaghaltas na h-Alba airson a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais.

Ceiltis is GàidhligOnaG

Comataidh na Gàidhlig

Leantainneach

Gabhaidh sinn os làimh eacarsaich bheag rannsachaidh gus sgrùdadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig dearbh-aithne chorporra dhà-chànanach agus gnìomhan margaideachd co-cheangailte rithe air ar gnìomhan eadar-nàiseanta. Thèid dàta a chruinneachadh air na nithean a leanas:

• na tha luchd-obrach is oileanaich chèin a’ saoilsinn de dh’ìomhaigh dhà-chànanach, de shoidhnichean dà-chànanach air làrach an Oilthighe, is stuthan is innealan margaideachd dà-chànanach

• a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig dearbh-aithne dhà-chànanach air a bhith a’ tarraing luchd-obrach agus oileanaich chèin (an dà chuid buaidhean matha is dona) agus a’ bhuaidh cuideachd air ro-innleachd eadar-nàiseantachaidh an Oilthighe san fharsaingeachd

• mar a tha luchd-obrach agus oileanaich chèin a’ faicinn na Gàidhlig agus ath-bheothachadh a’ chànain.

Thèid toradh an rannsachaidh seo a cho-roinn le Bòrd na Gàidhlig, Riaghltas na h-Alba agus le Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Comataidh na Gàidhlig

1

Leasaichidh sinn poileasaidh eadar-theangachaidh iomchaidh gus dèiligeadh ris na diofar phròiseactan eadar-theangachaidh a thig am bàrr mar thoradh air a’ Phlana Ghàidhlig seo.

Comataidh na GàidhligOnaG

1

Page 47: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

45

“Bidh sinn gu gnìomhach a’ brosnachadh luchd-obrach gus com-pàirt a ghabhail ann an cothroman trèanaidh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig”

Page 48: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 – 2017

46

“Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine a’ Ghàidhlig a chleachdadh mar am meadhan conaltraidh as fheàrr leotha”

Page 49: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Cur an Sàs agus Sùil a chumail air a’ Phlana

47

5.1 Clàr-ama Tha am Plana Gàidhlig seo a’ toirt mìneachadh mionaideach air na gealltanasan a tha san amharc aig Oilthigh Ghlaschu gus a’ Ghàidhlig a leasachadh thar nan còig bliadhna air thoiseach oirnn bho 2012 - 2017.

5.2 Dleastanas agus Stiùireadh ’S e poileasaidh oifigeil le Oilthigh Ghlaschu a tha sa Phlana Ghàidhlig seo agus chuir Àrd-sgioba Stiùiridh an Oilthighe aonta ris.

’S ann aig Comataidh Ghàidhlig agus Oifigear Gàidhlig an Oilthighe agus aig raointean comharraichte tron Phlana a bhios an dleastanas bho latha gu latha a bhith a’ leasachadh agus a’ cur an sàs phròiseactan freagarrach a bheir comas dhan Oilthigh a ghealltanasan a choileanadh a thaobh a’ chànain.

A bharrachd, tro na Measaidhean Buaidh Co-ionannachd againn a thathar a’ gabhail os làimh mar a dh’iarr Achd na Co-ionannachd 2010, nì an t-Oilthigh cinnteach gu bheilear a’ toirt aire dhan a’ Ghàidhlig ann am poileasaidhean air feadh an Oilthighe. Nithear cinnteach cuideachd gu bheil poileasaidhean agus cleachdaidhean an Oilthighe daingeann a thaobh co-ionannachd agus nach eil iad leth-bhreitheach.

Ma thèid seirbheis Oilthighe sam bith a lìbhrigeadh le treas pàrtaidh, nì sinn cinnteach gu bheil an solaraiche mothachail air gealltanas an Oilthighe a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig agus gun cùm iad ris na h-amasan agus na mion-amasan a tha air am mìneachadh sa Phlana seo. Far a bheil e iomchaidh, agus às dèidh dhaibh a bhith air an cur an dreuchd, thèid an sgrìobhainn iomlan a thoirt dha na solaraichean tron làraich-lìn againn.

’S ann air Oilthigh Ghlaschu a bhios an dleastanas airson a bhith a’ goireasachadh nan gealltanasan a tha air am mìneachadh taobh a-staigh a’ Phlana seo, le taic a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, agus luchd-maoineachaidh eile an lùib phròiseactan sònraichte mar a bhios iomchaidh.

5.3 Sgrùdadh agus Measadh Bheir Oifigear na Gàidhlig aithisgean cunbhalach do Chomataidh na Gàidhlig a thaobh adhartas a’ Phlana Ghàidhlig agus thèid beachdachadh orra is conaltradh a dhèanamh leis an Àrd-sgioba Stiùiridh.

Cuiridh sinn ri chèile dàta staitistigeil a’ buntainn ri: àireamhan an làthair aig tachartasan Gàidhlig, àireamhan luchd-obrach is oileanach clàraichte air cùrsaichean trèanaidh agus cothroman ionnsachaidh Gàidhlig, comasan Gàidhlig am measg an luchd-obrach agus àireamhan oileanach clàraichte air prògraman sgoilearach. Cuidichidh figearan leithid seo sinn gus measadh leantainneach a dhèanamh air ar dòighean-obrach tro bheatha a’ Phlana.

Thèid aithisgean air adhartas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig ma dh’iarrar.

5.4 A’ Cur a’ Phlana am FollaisThèid am Plana Gàidhlig againn fhoillseachadh gu dà-chànanach agus gheibhear e an dà chuid gu dealantach agus ann an cruth clò-bhuailte. Gheibhear am Plana air an làraich-lìn againn agus mar lethbhreac clò-bhuailte sna h-oifisean poblach agus sna h-ionadan-fàilte againn. A bharrachd, sgaoilidh sinn lethbhreacan dhen phlana gu Buidhnean Poblach Neo-roinneil agus gu buidhnean-gnìomha, gu buidhnean Gàidhlig agus gu prìomh luchd-ùidh an Oilthighe. Gheibh daoine agus buidhnean fa leth le ùidh lethbhreacan dhen Phlana cuideachd, le iarrtas.

Às dèidh dhuinn aonta fhaighinn airson a’ Phlana againn, cuiridh sinn a-mach fios naidheachd dà-chànanach ag ainmeachadh foillseachadh a’ Phlana agus cuiridh sinn tachartas freagarrach air dòigh gus sin a chomharrachadh. Ainmichidh sinn foillseachadh a’ Phlana dhan luchd-obrach uile agus do dh’oileanaich tro na siostaman conaltraidh againn taobh a-staigh an Oilthighe.

Bidh am Plana Gàidhlig againn an-còmhnaidh ri fhaotainn air an làraich-lìn againn, agus bidh fiosrachadh an seo cuideachd mu chothroman gus conaltradh leis an Oilthigh tro mheadhan na Gàidhlig. A bharrachd, seallaidh an t-Oilthigh gu bheilear a’ dèanamh toileachadh ri conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig le bhith a’ meudachadh na tha de Ghàidhlig air-loidhne, sna foillseachaidhean againn agus air feadh togalaichean an Oilthighe.

A’ Cur an Sàs agus a’ Cumail Sùil air a’ Phlana Ghàidhlig againn

Page 50: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Cur an Sàs agus Sùil a chumail air a’ Phlana

48

5.5 Fios Conaltraidh ’S e am prìomh oifigear le dleastanas gnìomhach airson a bhith a’ stiùireadh ullachadh, lìbhrigeadh agus sgrùdadh Plana Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu:

An Dr Dorothy Welch Iar-Rùnaire Cathraiche Comataidh Gàidhlig an OilthigheOilthigh GhlaschuGlaschu G12 8QQ

Fòn: +44 (0)141-330 2000Post-d: [email protected]

Bu chòir ceistean mu obrachadh latha gu latha a’ phlana a chur gu:

Fiona Dunn Oifigear na Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu 3 Gàrraidhean an Oilthighe Glaschu G12 8QQ

Fòn: +44 (0)141-330 8505Post-d: [email protected]

Page 51: Plana Gàidhlig 2012 - 2017 - Glasgow, Scotland, UK · PDF fileGaelic Language Plan 2012 - 2017 xxxxx 3 Geàrr-chunntas Plana Gàidhlig 2012 - 2017 Geàrr-chunntas Tha am Plana Gàidhlig

“Tha Oilthigh Ghlaschu a’ cur fàilte air conaltraidheantro mheadhan na Gàidhlig”

Oilthigh Ghlaschu Plana Gàidhlig 2012 - 2017

49