4
2019 | 4 | AN DÙBHLACHD AIR AN CUR A-MACH AN LÙIB | LIFE AND WORK NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG Le Didòmhnaich an Teachd, tha an Aidmhein air tòiseachadh. ’S e mìos a th’ anns an Dùbhlachd far an dual dhuinn a bhith a’ feitheamh gu foighidneach, làn fiughair ri latha breith an Tighearna air an Nollaig. San eaglais againn, bidh sinn a’ lasadh coinneil gach Didòmhnaich a tha seasamh ann am figheachan giuthais. Tha an giuthas na shamhla air a’ bheatha mhaireannach a thàinig le teachd Ìosa Chrìosd. Tha gorm a’ ghiuthais sin, a bhios a’ samhlachadh na beatha, a’ dol cuide ris an dearg, a bhios a’ samhlachadh fuil Chrìosd air a’ chrann-ceusaidh agus, le sin, a’ bhàis. Gu dearbh, tha mòran shamhlaidhean mun cuairt oirnn aig àm na Nollaig. Tha lasair a’ choinneil na shamhla air solas Dhè agus air an rionnaig a bha os cionn Bhetlehem, a leig fhaicinn do na magi gun do rugadh am pàiste naomh. Tha na trì tiodhlacan a thugadh leis na magi - òr is tùis is mirr - uile a’ samhlachadh sgeulachd beatha Ìosa. Tha òr - meatailt luachmhor - na shamhla air rìoghrachas saoghalta, tùis - cùbhraidheachd loisgte - na shamhla air diadhaidheachd, agus mirr - na òla-ungaidh - na shamhla air a’ bhàs. Nach cùm sibh na samhlaidhean seo air chuimhne fhad ’s a tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna. Tha an dithis againn a’ guidhe gum bi Dùbhlachd làn sòlais agaibh uile, ge brith càit am bi sibh. Le beannachd Dhè, Donnchadh Sneddon, Obar Dheathain Liam Alastair Crouse, Uibhist a Deas Facal Toisich Tha Eaglais Thogh’ suidhichte ann an ceann a tuath Eilean Uibhist a Deas. ’S i aon de dhà eaglais Phròstanach ann an Uibhist a Deas a tha fhathast gan cleachdadh airson adhradh an-diugh. Bho chionn cunntas beag de bhliadhnaichean, tha atharraichean mòra air tachairt dhan choitheanal bheag seo. Chaidh a ghluasad bho Chlèir Uibhist gu bhith fo Chlèir Earra- Ghàidheil agus chaidh a cheangal ri coitheanal Bharraigh. An dèidh còig bliadhna às aonais ministeir, fhuair an dà choitheanal eileanach ministear, an t-Urr Lindsay Schluter, ann an 2016 air a bheil dleastanas a bhith a’ searmonachadh ann an trì eaglaisean na sgìre: Togha Mòr, Dalabrog agus Cuithir. Bidh seirbheisean eaglais a’ tachairt ann an Eaglais Thogh’ gach dàrnacha Dòmhnach. A’ nochdadh ann an iris na ràithe seo, tha aithris air an obair-càraidh a tha a’ dol air an eaglais an ceart uair. © Air a thogail le Liam Alastair Crouse, 2019 Dealbh

NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - Life and Work...tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna

  • Upload
    others

  • View
    1

  • Download
    0

Embed Size (px)

Citation preview

Page 1: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - Life and Work...tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna

2 0 1 9 | 4 | A N D Ù B H L A C H D

AIR AN CUR A-MACH AN LÙIB | LIFE AND WORK

NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG

Le Didòmhnaich an Teachd, tha an Aidmhein air tòiseachadh. ’S e mìos a th’ anns an Dùbhlachd far an dual dhuinn a bhith a’ feitheamh gu foighidneach, làn fi ughair ri latha breith an Tighearna air an Nollaig.

San eaglais againn, bidh sinn a’ lasadh coinneil gach Didòmhnaich a tha seasamh ann am fi gheachan giuthais. Tha an giuthas na shamhla air a’ bheatha mhaireannach a thàinig le teachd Ìosa Chrìosd. Tha gorm a’ ghiuthais sin, a bhios a’ samhlachadh na beatha, a’ dol cuide ris an dearg, a bhios a’ samhlachadh fuil Chrìosd air a’ chrann-ceusaidh agus, le sin, a’ bhàis.

Gu dearbh, tha mòran shamhlaidhean mun cuairt oirnn aig àm na Nollaig. Tha lasair a’ choinneil na shamhla air solas Dhè agus air an rionnaig a bha os cionn Bhetlehem, a leig fhaicinn do na magi gun do rugadh am pàiste naomh. Tha na trì tiodhlacan a thugadh leis na magi - òr is tùis is mirr - uile a’ samhlachadh sgeulachd beatha Ìosa. Tha òr - meatailt luachmhor - na shamhla air rìoghrachas saoghalta, tùis - cùbhraidheachd loisgte - na shamhla air diadhaidheachd, agus mirr - na òla-ungaidh - na shamhla air a’ bhàs.

Nach cùm sibh na samhlaidhean seo air chuimhne fhad ’s a tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna. Tha an dithis againn a’ guidhe gum bi Dùbhlachd làn sòlais agaibh uile, ge brith càit am bi sibh.

Le beannachd Dhè,Donnchadh Sneddon, Obar DheathainLiam Alastair Crouse, Uibhist a Deas

Facal Toisich

Tha Eaglais Thogh’ suidhichte ann an ceann a tuath Eilean Uibhist a Deas. ’S i aon de dhà eaglais Phròstanach ann an Uibhist a Deas a tha fhathast gan cleachdadh airson adhradh an-diugh.

Bho chionn cunntas beag de bhliadhnaichean, tha atharraichean mòra air tachairt dhan choitheanal bheag seo. Chaidh a ghluasad bho Chlèir Uibhist gu bhith fo Chlèir Earra-Ghàidheil agus chaidh a cheangal ri coitheanal Bharraigh. An dèidh còig bliadhna às aonais ministeir, fhuair an dà choitheanal eileanach ministear, an t-Urr Lindsay Schluter, ann an 2016 air a bheil dleastanas a bhith a’ searmonachadh ann an trì eaglaisean na sgìre: Togha Mòr, Dalabrog agus Cuithir.

Bidh seirbheisean eaglais a’ tachairt ann an Eaglais Thogh’ gach dàrnacha Dòmhnach. A’ nochdadh ann an iris na ràithe seo, tha aithris air an obair-càraidh a tha a’ dol air an eaglais an ceart uair.

© Air a thogail le Liam Alastair Crouse, 2019

Dealbh

Page 2: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - Life and Work...tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna

Graham Cooper, Dà Shamhradh ann an Raineach (Dùn Èideann: Luath), £8.99

’S e nobhail ghoirid inntinneach a tha seo, a’ coimhead air dà bhliadhna ann am beatha Dhùghaill Bhochanain agus a theaghlaich. Chan e sgeulachd ro dhràmadach a th’ ann, ach tha e a’ tachairt ann an Alba a bha a’ dol tro atharraichean mòra agus luatha – an dà chuid ann an Dùn Èideann, leis an t-Soillseachadh agus togail a’ Bhaile Ùire, agus air Ghàidhealteachd, le sgrios Chùil Lodair fhathast air na daoine, agus leasachaidhean de gach seòrsa ag atharrachadh na tìre. Tha Graham Cooper a’ toirt sùil air an dà àite, Dùn Èideann agus a’ Ghàidhealtachd (Siorramachd Pheairt gu h-àraidh), gan ceangal ri chèile tro obair Bhochanain, agus e a’ toirt a’ phròiseict gu buil gus an Tiomnadh Nuadh fhoillseachadh ann an Gàidhlig. Tha sinn a’ faicinn an sgeòil tro shùilean a mhnà, a’ toirt fo ar comhair beatha Dhùghaill mar dhuine agus mar athair, cho math ri a shaothair mar bhàrd, sgoilear agus mhaighstir-sgoile. ’S e duine dùrachdach, dleastanach agus stòlda a tha sinn a’ faicinn ann an Dùghall, fear a tha ag obair gun sgur às leth Soisgeul Dhè agus maith a choimhearsnaich – gu cinnteach, tha sinn ga fhaicinn mar neach a tha airidh air cliù, agus airidh air cuimhneachadh. A barrachd air sin, ’s e sealladh air àm cudromach ann an eachdraidh ar dùthcha a tha sinn a’ faiginn san leabhar seo, agus bu chòir ar taing a bhith aig Graham Cooper airson an sgeulachd sin fhosgladh dhuinn ann an dòigh a tha cho tarraingeach. Bidh faclan co-cheangailte ri poilitigs na h-eaglaise, obair a’ chlò-bhualadair, leighis is eile a’ nochdadh gu math tric san leabhar, agus cuid aca car neo-aithnichte do mhòran. Mar sin, tha faclair an luib an leabhair, le m.e., “bata-òrduigh” (a compositor’s stick in which metal type was assembled); “clò-shuidhiche” (a compositor); “meug-fala” (serum) agus fiù ’s “piorbhaig” (periwig), cho math ri ainmean-àite.

Tha e soilleir gun do rinn Cooper tòrr rannsachaidh nuair a bha e ag obair air an nobhail seo, rud a tha ri fhaicinn chan ann a-mhàin san sgeulachd fhèin, ach anns na notaichean san iar-fhacal, cuideachd. ’S e f ìor shaothair-ghràidh a th’

ann an Dà Shamhradh ann an Raineach, agus gun teagamh tha e airidh air leughadh.

Roy M. Pinkerton, Edinburgh’s Gaelic Congregations: 1769 – 2019 (Dùn Èideann: Eaglais nam Manach Liath).

Bidh an leabhar beag seo na thlachd do neach sam bith le ceangal air choreigin ri Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann, agus gu sònraichte ris a’ choitheanal Ghàidhlig ann, no le ùidh ann an eachdraidh nan Gàidheal ann am bailtean mòra ar dùthcha. Chaidh fhoillseachadh air a’ bhliadhna seo fhèin gus 250 bliadhna de dh’adhradh sa Ghàidhlig sa phrìomh-bhaile a chomharrachadh. Tha aiste shusbainteach le Pinkerton ann, a’ leantainn eachdraidh nan eaglaisean Gàidhealach. Tha an eachdraidh sin a’ toirt a-steach ainmean cliùiteach, leithid Dhùghaill Bhochanain, Dhonnchaidh Bhàin, agus an Urr Iain MacDhòmhnaill, ‘Abstol a’ Chinn a Tuath’. Ach nas cudromaiche na sin, nochdaidh Gàidheil àbhaisteach a’ bhaile ann a bha, agus a tha fhathast, a’ cumail adhradh na Gàidhlig a’ dol tro àm Briseadh na h-Eaglaise, tro na Cogaidhean, agus a dh’aindeoin gainnead mhinistearan le Gàidhlig. A bharrachd air an aiste aig Pinkerton, tha cunntas le Mata MacÌomhair air coitheanal an latha an-diugh, agus trì dàin (ann an Gàidhlig le eadar-theangachadh) le triùir a bha nam pàirt de dh’eachdraidh na h-Eaglaise Ghàidhlig ann an Dùn Èideann: “An Gaisgeach” le Dùghall Bochanan, “Òran Dhùin Èideann” le Donnchadh Bàn, agus “A’ dol dhan t-searmon ri là geamhraidh o shean” leis an Urr. Eòghan MacGilleathain. Tha ochd dealbhan ann an dath san leabhar seo agus tha e ri fhaotainn bho [email protected], £5 + £2 airson postachd san RA.

Aig an àm seo dhen bhliadhna, ’s toil leam gu mòr a bhith a’ dol do sheirbheisean air an oidhche far am bithear a’ seinn laoidhean na Nollaige. Tha aon laoidh ann a tha a’ còrdadh rium gu sònraichte, “Leanabh an Àigh”, le Màiri NicDhùghaill. Rugadh i ann an Àrd Tunna, fàisg air Bun Easain san Ros Mhuileach ann an 1789, agus chaochail i ann an 1872. Bidh iomadh duine a’ seinn an laoidh aice

Lèirmheas leabhair

Gàidhlig Shìmplidh

Page 3: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - Life and Work...tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna

chaidh a thogail ann an 1858 le daoine às an eilean. B’ i a’ chiad eaglais Phròstanach ann an Uibhist a Deas agus i stèidhte goirid bho làraichean nan eaglaisean meadhan-aoiseach ainmeil. Tha an eaglais am measg nan toglaichean as aosta anns an eilean a tha fhathast ga chleachdadh. Tha sin a’ fàgail gu bheil i gu math cudromach do dhualchas farsaing an eilein.

A thuilleadh air sin, tha grunn fheartan a’ fàgail na h-eaglaise car sònraichte. Mar eisimpleir, ’s ann ainneamh an-diugh a chithear bòrd-comanachaidh a leithid an fhir a tha a’ ruith sìos fad meadhan na h-eaglaise. Tha e ri aithris nach eil ann ach trì dhiubh air fhàgail san rìoghachd agus ’s tric a chluinnear gur e am bòrd-comanachaidh as fhaide san t-saoghal (le reacord leabhar Guinness na fhianais air sin).

Ach, le ruith nam bliadhnaichean agus neart gailleanan a’ Chuain Shiair – gu sònraichte sa gheamhradh, tha a’ bhuil air coltas is cofhurtachd na h-eaglaise. Thèid cuid dhen chòmhdach-arlaidh fheannadh dheth gach bliadhna agus tha trioblaidean mòra le dampachd na broinn. Tha an obair-fiodha cuideachd a’ fulang le fungas a tha ga bheathachadh leis an dampachd sin.

Tron gheamhradh, bidh obair-càraidh a’ dol air an eaglais le fear-togail ionadail ach an tèid laigsean dìonachd na h-eaglaise a chur ceart. Bithear cuideachd a’ cur a-steach leasachaidhean ùra, nam measg cidsin, taigh-beag agus an tuilleadh ruigsinneachd do chathraichean-chuibhle.

’S e obair mhòr a tha seo do choitheanal sam bith agus tha bòrd a’ choitheanail air a bhith a’ saothrachadh fad iomadh bliadhna gus a’ mhaoin uile a thogail. An dèidh dhan obair-càraidh seo a bhith air a chrìochnachadh, tòisichear air airgead a thogail airson Eaglais Dhalabroig agus a’ Mhansa – pròiseact a tha nas motha buileach.

Bu mhath leis a’ choitheanal ar taing mhòr chridheil a thoirt do gach buidheann a tha a’ maoineachadh na h-obrach, nam measg Urras Bhaird, Urras Iòsaiph Rank, Urras Garfield Weston, Urras nan Uile Eaglaisean, Urras Fhearghastain, Urras Eaglaisean Nàiseanta, Urras Eaglaisean Albannach agus Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, agus gu sònraichte gu bòrd a’ choitheanail a shaothraicheas gu dìcheallach gus taighean-adhraidh Dhè a chumail a’ dol ann an sgìrean iomallach na dùthcha.

gach bliadhna ann an eadar-theangachadh ann am Beurla mar “Child in the manger”. Tha an dà chuid – Gàidhlig agus Beurla, le ceòl sgrìobhte [musical notation] – rim faighinn ann an CH4, àireamh 314. Bidh daoine a’ cleachdadh fonn “Leanabh an Àigh” air laoidh eile ann am Beurla cuideachd, “Morning has broken”. Agus dè ainm an fhuinn? “Buneasan”!

Is urrainn dhut èisteachd ri “Leanabh an Àigh” air-lòidhne air YouTube, BBC Bliadhna nan Òran agus Tobar an Dualchais. Nach feuch thu am fonn agus na facail ionnsachadh? Leanaibh an Àigh, an leanabh bh’ aig Màiri,Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl...

Bho chionn mìos no dhà, bha aig coitheanal Uibhist a Deas ri Eaglais Thogh’ fhalmhachadh. Gach rud a ghabhadh gluasad – leabhraichean-adhraidh, bùird, sèithrichean, soithichean bhon chidsin, gan toirt suas a dh’Eaglais Dhalabroig airson an stòradh. Ach, seach air adhbhar duilich, ’s ann le toileachas mòr a rinneadh an t-imprig seo.

Oir, an dèidh ùine mhòr a bhith a’ sìreadh maoineachaidh, chan fhada gus an tòisich obair gus an eaglais eachdraidheil seo a chàradh. Uile-gu-lèir, chaidh £200,000 a thogail leis a’ choitheanal à iomadh sporan, a’ gabhail a-steach farsaingeachd mhòr de dh’urrasan, tabhartas on raon phoblach agus maoin coitheanail.

’S e togalach glèidhte (ìre B) a th’ ann an Eaglais Thogh’ a

Obair-càraidh air Eaglais Thogh’ Mòir

Page 4: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - Life and Work...tha an Nollaig a’ teannadh dlùth agus sinn a’ beachdachadh air brìgh an sgeòil agus air an Fhìrinn aig an àm seo dhen bhliadhna

An t-Urr. Coinneach Dòmhnallach

Mata 1: 16 – Ghin Iàcob Iòsaph, an duine aig Moire, on do rugadh Iosa, ris an canar Crìosd.

Tha a dhòigh fhèin aig gach Soisgeulaiche san Tiomnadh Nuadh air togail a-mach air Deagh Sgeul na slàinte ann an Ìosa Crìosd a chur an cèill. Tha Marcas a’ tòiseachadh le searmonachadh Eòin Bhaist; tha Lùcas a’ toiseachadh le breith Eòin Bhaist; tha Eòin a’ tòiseachadh san t-sìorraidheachd, nuair a bha am Facal (as e Ìosa) còmhla ri Dia; tha Mata a’ tòiseachadh le sloinneadh, sreath de dh’ainmean a-nuas bho Abrahàm gu ruige Iòsaiph. A-nuas tro na ginealaichean bha Dia ag ullachadh airson an là nuair a nochdadh a Mhac fhèin, an Crìosd, ann an cruth ar feòla. Ma rinn Dia roghainn cùramach air an tè a bha gu bhith na màthair dhan Chrìosd, faodaidh sinn a bhith cinnteach gun d’rinn e roghainn pailt cho cùramach air an duine, bho shìol Dhàibhidh, a bha gu bhith na cheann air an dachaigh san deach Crìosd a thogail. Bhon bheagan a th’ air innse dhuinn mu dheidhinn Iòsaiph, tha trì rudan a’ bualadh oirnn:

Bha Iòsaph na dhuine sàmhach. Chan eil iomradh againn air aon fhacal a thubhairt e; bha e na bu deiseile gu bhith ag èisteachd na gu bhith a’ bruidhinn. Agus, coltach ri Iòsaph an t-Seann Tiomnaidh, bha a chluas ’s a chridhe fosgailte ri facal sam bith a chuireadh Dia thuige ann am bruadar.

Bha Iòseph na dhuine uasal. Nuair a dh’innis Moire, am boireannach dhan tug e gealladh-pòsaidh, dha gun robh i an dùil ri leanabh, bhiodh e nàdarra dha smaoineachadh gur ann aig fear eile a bha i trom. Ann an goirteas na smuain sin, chuir e roimhe nach nàraicheadh e i gu follaiseach ach gun cuireadh e bhuaithe i gu dìomhair. Rinn Dia soilleir dha nach ruigeadh e a leas sin a dhèanamh, gur ann tro chumhachd an Spioraid Naoimh a bha i air fàs torrach.

Bha Iòsaph na dhuine umhail. Rud sam bith a dh’iarr Dia air Iòsaph a dhèanamh, rinn e e; fi ù ’s gu togail air le Moire ’s an leanabh dhan Èipheit gus droch-rùn an Rìgh Herod a sheachnadh.

Nuair a tha sinn a’ dlùthachadh ri Nollaig eile, nach bu ghlic dhuinn fhìn eisimpleir Iòsaiph a leantainn – a bhith sàmhach, a bhith a’ smaoineachadh, a bhith ag èisteachd – gus an cluinn sinn, domhainn nar cridhe, an Deagh Sgeul mòr-aoibhneis, a bhios don uile shluagh.

Uair dhan robh saoghal, thàinig ministear ùr do bhaile anns an robh bodach anfhann bodhar a’ fantail còmhla ri ’bhean-phòsta. Thuirt am ministear ris gun tadhladh e air cho tric sa ghabhadh ach an dèanadh iad ùrnaigh le chèile. Ach chaidh deagh ghreis seachad gun dubh no dath a’ mhinisteir fhaicinn thairis stairseach an taighe. Mu dheireadh cò a nochd aig an doras ach am ministear. “Agus ciamar a tha Dòmhnall” ars am ministear. “Chan eil dad nas fheàrr air do shon-sa” fhreagair a’ bhean gu càs. “Ò carson a tha sin?” “Nach do gheall thu o chionn fada a bhith a’ tadhal air agus ùrnaigh a dhèanamh cuide ris?” “Uil” ars am ministear “cha robh dùil agam gum biodh e cho riatanach tadhal leis cho bodhar sa tha Dòmhnall; cha chluinneadh e ag ùrnaigh mi”. “Ach a mhinisteir” fhreagair i ’s i a’ togail gu trod “dh’fhaoidte gu bheil Dòmhnall bodhar; chan eil an Tighearna!”

ÙrnaighA Thighearna uile-bheannaichte,

Aig an àm seo dhen bhliadhna gu sònraichtetha sinn a’ toirt taing dhut air sgàth do theachd nar

measg, thus’ a tha os ar cionn;tha sinn taingeil gun do nochd thu ann am feòil, thusa a

dhealbh ar feòil-ne;gun tàinig thu dhan talamh, thusa a dhealbh an talamh

bho thùs le cumhachd d’fhacail;gun tàinig thu ann an eachdraidh, thusa a tha

bith-bhuanta.Dèonaich, a Thighearna, gum bitheamaid, aig an àm thrang seo, daonnan a’ cumail brìgh agus f ìrinn na

Nollaige far comhair.Amen

AM FEAR-DEASACHAIDHMa tha sibh airson naidheachdan no beachdan a chur dhan Sgioba Deasachaidh,faodar post-d a chur gu [email protected].

Searmon Beag: An Duine aig Moire Adhbhar Gàire